Main content
Sorry, this episode is not currently available

Mairead NicFhionghain 2/2

Mairead NicFhionghuin, Mairead Phol-a-Charra ann an còmhradh ri Angela NicFhionghuin. Mairead MacKinnon, Mairead Polochar in conversation with Angela MacKinnon about her life.

Thuige seo tha sinn air cluinntinn mu bheatha Mairead na h-òige, mar a rugadh i ann an Glaschu agus a ghluais an teaghlach gu Dun Omhain agus an uairsin mar a dh'fhosgail a màthair bùth ann an Uibhist, agus a h-athair aig muir. Ghluais an teaghlach air ais gu tìr mòr oir bhiodh e na b' fhasa dhan athair a bhith còmhla ris an teaghlach nuair a gheibheadh e dhachaigh air leave.

Lean Mairead oirre le foghlam agus thug i a-mach teagasg, a' tòiseachadh ann an sgoiltean eadar Glaschu is Dùn Èideann. Bha a h-athair an dùil a dhreuchd a leigeil dheth agus bha e a' coimhead ris an ath cheum nam beatha. Thug seo air Mairead agus a màthair a dhol a choimhead air diofar ghnìomhachasan a bhathas a' reic ann an Uibhist, nam measg bha Taigh-seinnse Phol-a-Charra, a bha a' freagairt air prìomh iarrtas a h-athar - a bhith faisg air a' mhuir.

Cha robh e fada gus an do leig a h-athair dheth a dhreuchd agus a bha e air cùl a' bhàr còmhla ri Mairead agus a màthair. Tha Mairead a' cuimhneachadh air na bliadhnaichean a bha i ag obair ann an Pol-a-Charra agus na daoine a bhiodh a' frithealadh an àite agus gun dìochuimhn' a dhèanamh air na 'proposals' a bhiodh i a' faighinn.

30 minutes

Last on

Sun 20 May 2018 09:30

Broadcasts

  • Thu 17 May 2018 12:00
  • Thu 17 May 2018 22:10
  • Sun 20 May 2018 09:30