Tormod MacArtair 2/4
Tormod MacArtair ag innse mu Sgoil 'IcNeacail 's a bhith san Arm san t-Seirbhis NÃ iseanta. Norman MacArthur recalls the school hostel and doing his National Service in the army.
Bha Tormod MacArtair à Cà rlabhagh, neo Am Brot mar a b' eòlaich daoin’ air, ri obair luingeis air cidhe Steòrnabhaigh airson còrr is dà fhichead bliadhna. Ron a sin bha e deugachadh a bhliadhnaichean air feadh Alba anns an t-Seirbhis Chatharra agus thug e cuideachd dà bhliadhna anns an arm ann a Sasainn ‘s an Èirinn a’ dèanamh a Sheirbhis Nà iseanta. Agus thug e fad' a bheatha, cha mhòr bho thà inig e dhan an t-saoghal ann a 1938, a’ leantainn neo a’ cluiche ball-coise agus raon-cluiche sgioba Chà rlabhaigh còmhnard mu choinneamh an taigh anns na rugadh ‘s na thogadh e air Srà id Sheumais.
Cha robh roghainn aig clann a bha dol a Sgoil Steòrnabhaigh à Cà rlabhagh an uair ud ach a bhith a' loidseadh neo anns a' hostail. 'S e saoghal eile a bh' ann a Steòrnabhagh agus a' hostail an uair sin an taca ri bailtean na tuath, ged nach biodh ann ach an cothrom a bh' aig balach ball-coise a chluich. Ach bha ana-cothrom ann cuideachd.
Às dèidh na sgoile agus, mar a thuirt e fhèin, 'hat-trick de chompensatory lowers' fhaighinn ann a Laideann, bha Tormod deiseil aghaidh a chur air an t-saoghal. Ach cà it' a robh e a' dol a stiùireadh? Gheibh sinn a-mach na chòmhradh ri Annella Nicleòid.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clip
-
Sgeulachd Beatha: Tormod MacArtair 2/4
Duration: 04:08
Tormod MacArtair (clì) nuair a bha e sna Hussars
Broadcasts
- Thu 12 Jul 2018 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Thu 12 Jul 2018 22:10Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 15 Jul 2018 09:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Apr 2020 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 14 Apr 2020 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 19 Apr 2020 10:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal