12/06/2016
Fiosrachadh mun leabhar 'The Poetry of Badenoch' a tha ag amas air dualchas nà dar na sgìre. Another story from Ruaraidh MacIlleathain.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 578
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 882
Duration: 05:00
Litir 882: Tòmas Sinton
An t-seachdain sa chaidh, bha sinn a’ toirt sùil air dà n leis a’ bhà rd Uilleam Ruighe ’n Uidhe. Bha Uilleam mion-eòlach air a’ Mhonadh Ruadh. Fhuair mi grèim air an dà n anns an leabhar The Poetry of Badenoch leis an Urr. Tòmas Sinton.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Nuair a nochd an leabhar, bha Sinton na mhinistear ann an Dubhras, taobh Loch Nis. Ach bhuineadh e do Bhà ideanach. Rugadh is thogadh e ann an Obar Àrdair taobh Loch Lagain. Bha e aithnichte mar sgoilear Gà idhlig agus bha e cuideachd na bhà rd. Sgrìobh e mu dheidhinn Loch Lagain agus dualchas nà darrach na sgìre.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ’S e fear de na h-eòin a b’ fheà rr a chòrd ris – an tà rmachan. Bu mhath leam earrannan a leughadh dhuibh à dà n a sgrìobh Sinton mun tà rmachan. Seo rann a tha a’ dèanamh tuairisgeul dhen eun agus cho comasach ’s a tha e a bhith a’ seasamh ri droch shìde a’ gheamhraidh anns na beanntan:
Ged bhrùchdas na chathadh,
An sneachd le clach-mheallain,
Cha chuir e ort farann
No smà l air do shùil;
Air dìonadh bho chunnart,
Ri gean ’s fearas-chuideachd,
Geal-doimhneachd na cuithe
Gur dùnadh mun cuairt.
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Tha sin a’ togail dealbh, nach eil? ’S toigh leam an loidhne – Geal-doimhneachd na cuithe gur dùnadh mun cuairt.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Is toigh leam an siathamh rann dhen dà n seo, oir tha am bà rd ag ainmeachadh lusan nam beann a bhiodh na tà rmachain ag ithe. Tha e ag ainmeachadh dearcagan-fithich – crowberries – agus oighreagan – cloudberries. Seo an rann:
Bu mhiann leat ’bhith criomadh
Feur-creachainn bu mhilis
Nan dearcagan-fithich
’S nan oighreagan maoth;
’S gun toir thu sgrìob ealamh
Air tòir nan lus ainneamh
’S na glacagan ’s aithn’ dhut
Air leacainn an fhraoich.
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Sgrìobh Sinton dà n cuideachd air a bheil an tiotal ’N Coille Chnò Taobh Loch Lagain. Tha ‘coille chnò’ a’ ciallachadh ‘hazel wood’ – far am faighear cnothan-calltainn. Bha Sinton measail air bòidhchead nà dair. Anns an dà rna rann, tha am bà rd ag ainmeachadh trì beanntan – Beinn Eallair (no Ben Alder) fada gu deas air Loch Lagain, agus na Binneanan a tha ri taobh an locha air an taobh a deas. ’S iad sin am Binnean Shuas agus am Binnean Shìos. Ann am Bà ideanach tha shuas a’ ciallachadh ‘w±ð²õ³Ù±ð°ù±ô²â’ agus tha ²õ³óì´Ç²õ a’ ciallachadh ‘e²¹²õ³Ù±ð°ù±ô²â’. Bhiodh na daoine a’ dol ‘suas gu siar’ agus ‘sìos gu sear’. Co-dhiù, seo an dà rna rann:
Bha Beinn Eallair fada thall,
Ann an sà mhchair na madainn;
Bha na Binneanan le ’n crann’,
’Snà mh gu fann fo Loch Lagain.
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Agus seo agaibh an treas agus ceathramh rann còmhla. Tha am bà rd a’ dèanamh tuairisgeul dhen adhar, lusan agus caoraich sa mhonadh:
Breac a’ mhuiltein air an speur,
’S an uisge rèidh ’laigh gun mhilleadh;
Na h-eòin bhuchlach feadh nan geug,
’Cheileir fhèin aig gach ribheid.
Caochan beag ri ciurlan mìn,
Lus bhan-sìth leth ga fhalach;
Bha an fheudail air an fheur,
Bha na caoraich sa mhonadh
Ìý
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Uaireannan tha seann bhà rdachd feumail ann a bhith a’ toirt fiosrachadh dhuinn mun à rainneachd aig an à m a chaidh a sgrìobhadh. Tha coilltean brèagha fhathast timcheall Loch Lagain agus far an robh Tòmas Sinton air a thogail, tha tèarmann nà dair nà iseanta ann a-nise. Tha mi an dùil gum bi coille chnò taobh Loch Lagain airson ùine mhòr fhathast.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Obar Àrdair: Aberarder; Loch Lagain: Loch Laggan; maoth: soft, tender; feudail: cattle; tèarmann nà dair nà iseanta: national nature reserve.ÌýÌý
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha Sinton na mhinistear ann an Dubhras: Sinton was a minister in Dores; bhuineadh e do Bhà ideanach: he belonged to Badenoch; ’s e fear de na h-eòin a b’ fheà rr a chòrd ris – an tà rmachan: one of the birds that he liked the most was the ptarmigan; bu mhath leam earrannan a leughadh dhuibh à dà n: I would like to read you passages from a poem; a’ dèanamh tuairisgeul dhen eun: describing the bird; seasamh ri droch shìde a’ gheamhraidh: withstanding the bad winter weather; ged [a] bhrùchdas na chathadh, an sneachd le clach-mheallain: although the snow mixed with hail bursts forth in a drift; cha chuir e ort farann no smà l air do shùil: it will not fret you or dim your eye; ri gean ’s fearas-chuideachd: in playful companionship; geal-doimhneachd na cuithe gur dùnadh mun cuairt: the white depth of the snow wreathe completely surrounding you; ’bhith criomadh feur-creachainn bu mhilis: nibblingÌý the sweet grass of the stony summits; sgrìob ealamh air tòir nan lus ainneamh: a nimble journey in search of the rare plants; ’s na glacagan ’s aithn’ dhut air leacainn an fhraoich: the wee hollows you know on the heathery hillside; bha na Binneanan le ’n crann’, ’snà mh gu fann fo Loch Lagain: the Binneans with their trees float softly in Loch Laggan; na h-eòin bhuchlach feadh nan geug: the birds nestling among the branches; ’cheileir fhèin aig gach ribheid: each ‘reed’ making its own song; caochan beag ri ciurlan mìn, lus bhan-sìth leth ga fhalach: a streamlet gently purred, half-concealed from view by foxglove.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: In Badenoch Gaelic ‘²õ³ó³Ü²¹²õ’ and ‘²õ³óì´Ç²õ’ are used for ‘w±ð²õ³Ù±ð°ù±ô²â’ and ‘e²¹²õ³Ù±ð°ù±ô²â’ respectively in paired place names. This is likely to be based on the mountains (arguably) becoming higher towards the west and predates the cartographic convention of ‘north’ being ‘up’. In other parts of the Gà idhealtachd, ‘north’ is ‘down’ and ‘south’ is ‘up’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: Breac a’ mhuiltein air an speur: the sky is dappled with cirrocumulus clouds. Literally it appears to mean ‘the dappling of the small wether’. Such a sky is supposed to presage good weather.
Broadcasts
- Sun 12 Jun 2016 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 15 Jun 2016 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.