Main content

Tha sinn a' faighinn a-mach mun an iomadach ainm Gàidhlig a th' ann son an t-eun 'Crane' ann an litir do luchd-ionnsachaidh na seachdain sa. A story from Ruaraidh MacIlleathain.

Available now

5 minutes

Last on

Wed 22 Jun 2016 23:00

Clip

Litir 883: A’ Chorra-mhonaidh (1)

Dè a’ Ghàidhlig a th’ air crane? Chan eil mi a’ ciallachadh inneal-togail. Tha seòrsa eile de crane air m’ aire – an t-eun mòr iongantach. Tha luchd-saidheans eòlach air mar Grus grus.

            Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly: corra, corra-ghritheach, corra-mhonaidh, corra-bhàn, corra na h-easgann, tòn-dubh, corra thòn-dubh, bonnan-buidhe, corra-iasg agus corra-ghlas. Cha mhòr nach eil an aon uiread de dh’ainmean air ’s a th’ air an naosg!

            Mar sin, dè tha mi a’ dol a ghabhail air an eun seo? Uill, thug mi sùil ann am faclair a tha air leth feumail. Tha mi an dùil gum bi sibh eòlach air: The Essential Gaelic Dictionary le Boyd Robasdan agus Iain MacDhòmhnaill. ’S e corra-mhonaidh a th’ acasan airson crane. Bidh cuid teagmhach mu cho freagarrach ’s a tha an t-ainm sin airson eun a tha gu math tric ri lorg air talamh ìosal, ach co-dhiù …

            Mura faca sibh corra-mhonaidh riamh, ’s e eun iongantach mòr a th’ ann. O chionn beagan sheachdainean bha mi ann an Slimbridge ann an ceann a deas Shasainn, faisg air a’ chrìch leis a’ Chuimrigh. Chunnaic mi feadhainn an sin.

            Tha an t-eun glas, còrr is meatair a dh’àirde le amhaich fhada, casan fada agus gob fada. Tha itean dubha air a tòin, agus tha dubh air a ceann agus air a h-amhaich, le pìos dearg os cionn a sùilean.

            Tha i rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich – no heron – ach nas motha. Eucoltach ris an eun sin, tha a h-itean-tòine ag aomadh. Agus, eucoltach ris a’ chorra-ghrithich, cha bhi a’ chorra-mhonaidh a’ fuireach anns an aon àite a’ lorg cobhartach. Bidh i a’ coiseachd timcheall nuair a tha i a’ sealg.

            Tha ùidh mhòr aig eòlaichean-nàdair anns a’ chorra-mhonaidh oir chaidh i à bith ann am Breatainn mar eun-neadachaidh. Bhiodh i a’ tadhal air an dùthaich bho àm gu àm ach cha robh fios aig daoine an robh i bitheanta gu nàdarrach aig aon àm.

            Chaidh eòlaichean ann an Oilthigh Mhanchester gu ainmean-àite airson fianais air sin. Tuigidh bith-eòlaichean gu bheil fianais uaireannan ann an ainmean-àite a thaobh ainmhidhean is lusan anns an ùine a dh’fhalbh. Agus thug an fheadhainn ann am Manchester sùil air ainmean-àite air feadh Bhreatainn.

            Anns an t-Seann Bheurla, ’s e cran, cron, corn no cranuc a bh’ air a’ chorra-mhonaidh. Anns an t-Seann Lochlannais, ’s e trani a chanadh daoine. Agus ann an Còrnais,’s e garan a bh’ oirre. Anns na trì cànanan sin, lorgadh dà cheud, seachdad ’s a h-aon ainmean anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh. Ann an coimeas ri sin, lorg iad nas lugha na dà cheud ainm-àite anns an robh am fitheach air ainmeachadh – agus tha fhios gun robh mòran dhiubh sin ann an Gàidhlig, air a’ Ghàidhealtachd.

            Tha àiteachan anns a bheil a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh air feadh Shasainn. Mus deach na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas, tha dùil gun robh an t-eun pailt gu leòr ann an sgìrean le talamh fliuch – oir ’s toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean mar sin. Air an làimh eile, nam biodh i uabhasach cumanta, ’s dòcha nach biodh i air a h-ainmeachadh idir oir bhiodh daoine ga faicinn sa h-uile àite. Agus an robh a’ chorra-mhonaidh ann an Alba? Bheir sinn sùil air an fhianais airson sin an-ath-sheachdain.

Faclan na Litreach

Faclan na Litreach: inneal-togail: lifting crane; iongantach: amazing; luchd-saidheans: scientists; fitheach: °ù²¹±¹±ð²Ô.ÌýÌý

Abairtean na Litreach

Abairtean na Litreach: Tha mi an dùil gum bi sibh eòlach air: I expect you’ll be familiar with it; bidh cuid teagmhach mu cho freagarrach ’s a tha an t-ainm sin: some people will be doubtful about how suitable that name is; tha gu math tric ri lorg air talamh ìosal, ach co-dhiù …: which is often found on low ground, however …; mura faca sibh corra-mhonaidh riamh: if you’ve never seen a crane; faisg air a’ chrìch leis a’ Chuimrigh: close to the border with Wales; còrr is meatair a dh’àirde: more than a metre high; tha itean dubha air a tòin: there are black feathers on its backside; rud beag coltach ris a’ chorra-ghrithich: rather like the heron; tha a h-itean-tòine ag aomadh: its tail feathers droop; a’ fuireach anns an aon àite a’ lorg cobhartach: staying in the one place looking for prey; chaidh i à bith ann am Breatainn mar eun-neadachaidh: it became extinct in Britain as a breeding (nesting) bird; tuigidh bith-eòlaichean gu bheil fianais uaireannan: biologists understand that there is sometimes evidence; lorgadh dà cheud, seachdad ’s a h-aon ainmean anns an robh a’ chorra-mhonaidh air a h-ainmeachadh: 271 names were found in which the crane is named; mus deach na boglaichean a dhrèanadh airson àiteachas: before the boglands were drained for agriculture; pailt gu leòr ann an sgìrean le talamh fliuch: fairly common in areas with wet ground; ’s toigh le corrachan-monaidh a bhith beò ann an àrainnean mar sin: cranes like to live in habitats like that; bheir sinn sùil air an fhianais airson sin: well have a look at the evidence for that.

Puing-chànain na Litreach

Puing-chànain na Litreach: Tha na h-ainmean a leanas ann am faclair Dwelly: the names that follow are in Dwelly’s dictionary. The relative future is useful in phrases like this. I might have said ‘tha na h-ainmean a tha/bhios a’ leantainn [air seo]…’ but it would not have been as natural.

Gnàthas-cainnt na Litreach

Gnàthas-cainnt na Litreach: Cha mhòr nach eil an aon uiread de dh’ainmean air ’s a th’ air an naosg: it has almost as many names as the snipe (which has around 14 different names in Gaelic).

Broadcasts

  • Sun 19 Jun 2016 22:30
  • Wed 22 Jun 2016 23:00

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast