Episode 29
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Tha measgachadh naidheachdan bhon taigh agus bhon chogadh aig Gilleasbug MacDhòmhnaill dhuinn an t-seachdain sa. Air a' 4mh dhen Mhà irt 1916 thill an soitheach cogaidh Gearmailteach Moewe gu port ann am Bremen. B' e seo an soitheach a bh'air sreath de mhèinnean a chur anns a' Chaol Arcach aig deireadh 1915 agus air an long-chogaidh Breatannach HMS King Edward V11 a chur fodha. Uile gu lèir ghlac i coig soitheach deug a' cur trì deug dhiubh fodha agus cha b'e ruith ach leum leis na meadhanan Gearmailteach a' cur meal a naidheachd air a' chriutha.
Agus air an aon latha, nochd litir annasach sa Highland News a' freagairt gearain mu phrìs an arain ann an Steòrnabhagh agus moladh gum bu chòir luchd-sgrùdaidh a thoirt a-steach airson cuideam an arain a thomhas.
Air an 12mh den Mhà irt 1916 choinnich ceannardan airm nan dùthchannan Co-chòmhraigeach a-rithist ann an Chantilly san Fhraing gus beachdachadh air ionnsaighean samhraidh air an Somme agus taobh sear na Roinn Eòrpa. Agus le dearbhadh aig toiseach a' Mhà rt gum biodh fir singilte eadar 18 is 41 air an togail dhan arm gus sabaid sa chogadh fo Achd Seirbheis an Airm, nochd fiosrachadh ann am pà ipearan-naidheachd ionadail aig deireadh na seachdain sa, an Ross-shire Journal nam measg, ag innse gum biodh sùil as ùr ga thoirt air na dreuchdan nach fheumadh a dhol dhan arm. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig cò air a bha iad ag amas.
Agus mar a bha an cogadh a dol air adhart bha cuideam a' tighinn air an t-sluagh aig an taigh taic a chumail ris ann an iomadh diofar dhòigh. 'S e pìob mhòr a bha na balaich Ghà idhealach sa champa an Groningen ag iarraidh air daoine a chuir thuca agus dhan a' chòrr 's e toitean air a robh iad a' cur meas.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 28 Mar 2016 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 28 Mar 2016 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 Apr 2016 12:59Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal