Episode 30
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
Air 25mh den Mhà rt 1916, chleachd am pà ipear-naidheachd, a' Highland News, foillseachadh an leabhair Loyal Lewis Roll of Honour airson slaic san dol seachad a thoirt air seirbheis airm do-sheachanta. Bha dearbhadh air a thighinn aig toiseach na mìos gum biodh fir nach robh pòsta agus a bha eadar ochd-bliadhna deug agus dà fhichead 's a h-aon air an togail dhan arm fo Achd Seirbheis an Airm.
Mar a chluinneas sinn cuideachd bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill, chruinnich Clèir Leòdhais den Eaglais Shaor ann a Steòrnabhagh air an 28mh den Mhà rt 1916. An dèidh dèiligeadh ri geà rr-cunntas na coinneimh mu dheireadh, ghluais iad gu litir a bh' air tighinn thuca às an Òlaind. Bha an litir bhon Urramach Donnchadh MacDhùghaill, Nis, agus e ag iarraidh cead fuireach greis na b' fhaide còmhla ris na prìosanaich ann an Groningen. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig dè am freagairt a fhuair e.
Chaidh litir fhoillseachadh sa Highland News aig toiseach a' Ghibhlein 1916 a fhuair Iain MacAoidh, a bha fuireach air Garscube Road an Glaschu, bhon Urramach Donnchadh MacDhùghaill, Nis. Bha MacDhùghaill a' sgrìobhadh a' toirt taing airson naoi parsailean a chur Comann Leòdhais is na Hearadh an Glaschu chun nan Leòdhasach a bha glaiste ann an campa san Òlaind. Anns an litir, tha an t-Urramach MacDhùghaill a' toirt iomradh air cor nam prìosanach.
Cluinnidh sinn cuideachd mun bhatal san d'fhuair Sidney Ware, saighdear Sasannach a bh' air gabhail as na Sìophortaich ann an 1911, crois Bhictoria aig Blà r Sanna-i-yat, agus anns na chaill Sgitheanach òg, Alasdair MacSwan a bheatha cuideachd.
Agus a-rèir artaigil sa Ross Shire Journal bha iomart airson pìoban-ciùil a chluicheadh balaich Ghroningen san Òlaind fhads a bha a bho chìs a sin air a bhith soirbheachail.
Air an 8mh den Ghiblean 1916, dh'innis an companaidh aig Daibhidh Mac a' Bhruthainn nach biodh iad, o seo a-mach, a' foillseachadh clà r-seòlaidh nam bà taichean aca gach mìos mar a b' à bhaist. Bha an cogadh ga fhà gail doirbh dhaibh fios a bhith aca cuin dha-rìribh a sheòladh bà ta sam bith. Chuireadh iad sanasan sna pà ipearan nuair a bhiodh fios cinnteach aca agus mhol iad do sgiobairean sùil gheur a chumail air na pà ipearan-naidheachd.
Ann a Leòdhas bha mòran dhaoine air am beò-ghlacadh leis an leabhar Loyal Lewis a bha air ùr fhoillseachadh. Agus cuideachd gheibh sinn iomradh à litir agus bà rdachd bho dithis bhrà ithrean, Murchadh agus Iain MacGriogair à Tolastadh a' Chaolais. Bha sianar bhalach san teaghlach sa Chogadh.
Last on
More episodes
Music Played
-
Jamie Lawson
Someone For Everyone
- Jamie Lawson.
- 002.
Broadcasts
- Mon 18 Apr 2016 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 18 Apr 2016 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 Apr 2016 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal