Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.

Bha artaigilean ann an cuid de na pàipearan-naidheachd Gàidhealach meadhan a' Ghearrain 1916 mun bhuaidh a bha aig a' Chogadh, a bha nise air a bhith dol bliadhna gu leth, air cùisean aig an taigh, is gu h-àraidh na duilgheadasan a bha an cois gluasad dhaoine agus stuth bho aon cheann dhen dùthaich chun a' chinn eile.
Tha 'Litir Ghlaschu' anns an Ross-shire Journal air an 18mh ag innse mu ghoireas ùr ann an Stèisean na Bànrigh ann an Glaschu a bha feuchainn ri cùisean a dhèanamh nas fhasa dha na saighdearan a bha air ais is air adhart às a' Chogadh.
Bha duilgheadasan àraidh aig tuathanaich sa cheann-a-tuath a' faighinn biadh is bathar eile chun nam bailtean aig deas far an robh cruaidh fheum air. Chaidh coinneamh a chumail an Inbhir Nis air an t-seachdain seo ann a 1916 eadar riochdairean o na colaistean àiteachais agus Bòrd an Àiteachais airson feuchainn ri freagairt fhaighinn dhan a' cheist seo. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mu na draghan a bh' ann.

Thòisich Blàr Verdun air an 21mh den Ghearran 1916, nuair a thug Còigeamh Arm na Gearmailt ionnsaigh air na gearastain Fhrangach air bruaich Abhainn Meuse, an ceann an ear-thuath na Frainge. B' e an t-amas a bh' aig a' chiad ionnsaigh seo smachd fhaighinn air talamh àrd Côtes de Meuse, rud a bheireadh dhaibh sealladh math air baile Verdun agus cothrom losgadh air an Arm Fhrangach bho os-àrd. Cluinnidh sinn sa phrògram mar a chaidh dhaibh.
Mar a b' fhaide bha an cogadh a' dol air adhart, bha e a' toirt barrachd is barrachd buaidh air beatha dhaoine aig an taigh, mar eisimpleir a' cur suas phrìsean bidhe, aodaich is connaidh. Tha litir chun a' Highland News air an 19mh den Ghearran a' fàgail air ceannaichean gu robh iad a' gabhail brath air a' chogadh airson barrachd airgid a dhèanamh dhaibh fhèin.
Agus bha artaigil anns a' Highland News air an t-seachdain seo ag innse mu na boireannaich à Steòrnabhagh a bha ag obair ann am factaraidhean timcheall Abhainn Chluaidh.

Air an 29mh den Ghearran 1916 bha batal fuilteach sa Chuan a' Tuath an uair a chaidh an soitheach Gearmailteach 'Greif' agus am HMS Alcantara a chuir fodha. B' e soitheach sealg no raider a bh' anns an Greif agus aon uair 's gun deach mothachadh dhith a' tighinn a-steach dhan Chuan Siar an latha roimhe sin chuir an Admiral Sir John Jellicoe cabhlach de shoithichean cogaidh na coinneamh gus stad a chur oirre. Cluinnidh sinn mun uabhas a thachair.
Gheibh sinn cuideachd naidheachdan mu eileanaich - naidheachd mu fhear a bhuineadh do Thiriodh a bh'air a bhith a dhìth bhon Lùnastal 1915 agus mu fhear à Leòdhas a bh' ann an Campa Ghroningen san Òlaind.

30 minutes

Last on

Sun 13 Mar 2016 12:59

Broadcasts

  • Mon 7 Mar 2016 12:00
  • Mon 7 Mar 2016 22:00
  • Sun 13 Mar 2016 12:59