Episode 27
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.
An-diugh tha sinn a' faighinn dealbh air beatha nam banaltram sa Chiad Chogadh bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill. B' ann à Steòrnabhagh a bha Ceit NicGriogair agus bha i na banaltram anns an 29th General Hospital Mediterranean Expeditionary Force. Air a 22mh den Fhaoilleach 1916 dh'fhoillsich a' Highland News earrainnean às na litrichean aice. Air soitheach ospadail ann a' Suvla Bay an Gallipoli, chunnaic Ceit sealladh a chur uabhas oirre.
Air an aon latha dh'fhoillsich a' Highland News cunntas bho bhanaltram a bh' aig an taigh air fòrladh san Ath Leathann. Bha 'Miss Nicolson', mar a bh' ac' oirre as a' phà ipear, air a bhith ag obair ann a' Serbia, mar a bha a bana-charaid 'Miss Mary MacKenzie'. Bha iad ag obair còmhla ri seirbheis ris an cante Ospadail nam Ban-Albannach (Scottish Women's Hospitals) air ospadal a Bha a' suidheachadh ann a Serbia uabhasach agus, mar a chluinneas sinn, tha litrichean 'Miss Nicolson' a' dearbhadh sin.
Tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a thug naoi Zeppelins ionnsaigh air Sasainn air an oidhche mu dheireadh dhen Fhaoilleach 1916. Mharbh no leòn iad còrr air ceud is ochdad duine.
B' i an L19 aon de na soithichean-adhair seo. Bha i air an t-soitheach mu deireadh a' tighinn tarsainn a' Chuan a Tuath agus bha e air a rà dh gu robh trioblaidean air a bhith ann le h-einnseanan air an rathad a-null. Air an t-slighe dhachaigh chuir i brath a-mach grunn thursan ag iarraidh comharran rèidio a chumadh i air cùrsa. Chualas mu dheireadh bhuaipe an latha an dèidh na h-ionnsaigh is i còrr air fichead mìle tuath air eilean Dùitseach, Ameland. Bha tri de na ceithir einnseanan aice air stad, 's cha robh an rèidio ag obair ceart. Cluinnidh sinn an sgeulachd inntinneach a lean.
Agus cluinnidh sinn mar a chaidh an criùsair Frangach, 'Amiral Charner', a chur fodha le bà t'-aigeil Gearmailteach far cladach Siria air an 8mh den Ghearran. Agus mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse, dh'atharraich nà dar a' Chogaidh ann am Breatainn air an 10mh den Ghearran nuair a chaidh Achd an t-Seirbheis Cogaidh, no am Military Service Act, a chur an gnìomh: "All unmarried men who, on August 15th 1915, were 18 years of age or over and who will not be 41 years of age on March 2nd 1916, will, on Thursday March 2nd 1916, be deemed to be enlisted for the period of the war. They will be placed in the Reserve until called up in their class."
Cluinnidh sinn cuideachd mu artaigil ann an Tìm an Òbain air an t-seachdain sa bho chionn 100 bliadhna mu chòignear às an aon dachaigh an Uibhist a Deas a bha sna feachdan. B' e seo teaghlach Raghnaill 'ic Ruaraidh, Ruairidh Dòmhnallach is a bhean Mà iri, ann an Gearraidh Sheilidh.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 15 Feb 2016 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 15 Feb 2016 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 21 Feb 2016 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal