Episode 14
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
Tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Liz Shaw agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Ann an Oisean a' Ghrà mair tha an t-Ollamh Michel Byrne a' comhead ri mar a thathas ag rà dh "before" ann an Gà idhlig agus tha fiosrachadh mu chlasaichean Gà idhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he meets up with learner Liz Shaw and finds out about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and Â鶹ԼÅÄ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 14
Duration: 55:59
-
Tar-sgrìobhadh: Ciadfathan
Duration: 01:59
-
Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd
Duration: 01:22
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 20:59
Tar-sgrìobhadh: Cho Luath ’s a Ghabhas
Iain: Ceist a h-aon. Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad. Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad.
Cèist a dhà . Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich. Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich.
Ceist a trì. Bha am bà ta-aiseag còir seòladh aig deich mionaidean gu deich, ach bha i leth-uair a thìde air dheireadh. Cuin a sheòl i?
Catriona Lexy: Na freagairtean a-nis! A’ chiad cheist a-rithist a Phòl?
Iain: Cuir ceud agus seasgad ri dà cheud is ceathrad.
Catriona Lexy: Cuir ceud ri dà cheud an toiseach, sin trì cheud. Seasgad is ceathrad a’ dèanamh ceud eile. Ceithir cheud gu lèir. Ceithir cheud!
Iain: Ceist a dhà . Roinn seachdad ’s a sia puing trì le deich.
Catriona Lexy: Cuimhnich am puing a ghluasad aon à ite chun an taobh chlì nuair a tha thu roinn le deich. Am freagairt? Seachd puing sia trì.
Iain: Ceist a trì. Bha am bà ta-aiseag còir seòladh aig deich mionaidean gu deich, ach bha i leth-uair a thìde air dheireadh. Cuin a sheòl i?
Catriona Lexy: Sheòl i aig fichead mionaid às dèidh deich. Fichead mionaid às dèidh deich. ’S math gun do sheòl i an uair sin fhèin!
Iain: Sin na freagairtean! Ciamar a chaidh dhut?
Faclan Feumail
cuir ri – add
lùghdaich – subtract
thoir air falbh – subtract
dealaich – divide
pà irtich – divide
roinn – divide
equals – dèanamh
ionnan – equal
meudaich - multiply / increase
à ireamhaich – calculate
dèan coimeas – compare
tuairmse - estimate/guess
nas motha – bigger
as motha – biggest
nas lugha - smaller/ less
nas lugha na - smaller than
as lugha - smallest/ least
tomhais – measure
à ireamh chothromach - even number
à ireamh chòrr - odd number
Tar-sgrìobhadh: Ciadfathan
Ciadfathan le Dr Ruairidh Caimbeul agus Dr Iain MacAonghais
Dr Ruairidh Caimbeul: Tha dlùth-cheangal eadar fà ileadh agus blas. Tha an dà chuid a’ dol còmhla, agus tha an dà chuid feumach airson do dhìon. Nist’, nuair a bhios sinn a’ bruidhinn air blas, tha e inntinneach gu bheil puinnseanan ann agus gu bheil iad cha mhòr air fad searbh. Mar sin, ma tha thu a’ toirt stuth searbh nad bheul, tha thu ga chaitheamh a-mach, agus anns an dòigh sin, tha e gad dhìon. Nist’, tha an dà chuid cho dlùth ri chèile ’s a ghabhas a bhith. Chan eil agad ach grèim a dhèanamh air do shròin nuair a tha thu ag ithe, agus tha thu a’ call a’ chuid mhòr dhen bhlas air a’ bhiadh.Ìý
Dh’fheuch eòlaichean air daoine agus an sùilean dùinte agus an t-sròn air a bhlocadh, agus cha b’ urrainn dhaibh a dhèanamh a-mach an diofar eadar uinnean air a phronnadh agus ubhal air a phronnadh. Tha sin a’ sealltainn cho dlùth ’s a tha an dà chuid ri chèile.
Dr Iain MacAonghais: Air an latha a th’ ann, agus na seòrsa bùithtean a gheibh thu anns na bailtean mòra is a leithid sin. Tha bùithtean ann far am faigh thu biadh, agus margaid cuideachd far am faigh thu biadh a tha dìreach a’ tighinn, dìreach o thuathanas neo leithid.
Ach, chan eil an aon bhlas air feòil neo air sitheann circe neo leithid sin ’s a bh’ air nuair a bha sinne òg agus bha na cearcan againn fhìn, bha na tunnagan againn fhìn is mharbhadh duine caora is a leithid sin. ’S ann ainneamh a gheibh thu am blas an-diugh às na bùithtean mòra, biadh às na bùithtean mòra, a gheibheadh tu air a’ bhiadh air an do thogadh sinne. Agus nuair a dh’fhairicheas tu blas ceart, fallain, nà darra mar gum biodh, cha mhòr nach...tha e dìreach na aoibhneas dhut.
Tar-sgrìobhadh: Cluas ri Claisneachd
Le Ali ‘Buidhe’ MacCoinnich
Ali: A-rèiste, bhrist’ an cogadh a-mach is chaidh mo challaigeadh air falbh. Ach, thà inig mi dhachaigh a-rèiste, is ’s e geamaireachd a bha na, ’s e sin an rud dheth a bha nam inntinn …. a dhèanamh. Is shìn mi air dol a dh’à iteigin son na seusan. Bha mi an Leitir Iù is thall rathad Ulapul, is bha mi a’ dol dhiofar à ite a h-uile bliadhna. Bha thu ag ionnsachadh mòran bho na seann gheamairean eile is rudan mar sin.
Ìý
Bha mi bliadhnaichean ann an Geà rrloch an seo fhèin mus deach mi ann na mo gheamair, agus chaidh mi ann na mo gheamair o chionn fhada cuideachd, ann a naoi ceud deug is dà fhichead ’s a sia. Shin an obair a bh’ agam a-rèiste, bha mi sin riamh gus an do sgur mi a dh’obair.
Cailean MacIlleathain: Ciamar a dh’ionnsaich sibh ur dreuchd mar gheamair?
Ali: Bha m’ athair ris an obair, ri iasgach is ri gilleachd is ri mònadh. Bha e dìreach annam, bha e ann gu nà darrach cha chreid mi. ’S e a b’ fheà rr leam a dhèanamh na rud sam bith eile. ’S e obair chruaidh a bh’ ann ach nuair a bha an inntinn agad dha, cha robh thu ga shaoilsinn cho dona.
Oisean a’ Ghrà mair 14 : RO agus MUS (‘BEFORE’)
‘before, previously’: roimheÌýÌý
Chunnaic mi roimhe i.ÌýÌý ‘I’ve seen her before.’
An rud a thuirt thu roimhe – ‘The thing you said before’
Dè an dath a bha air a falt roimhe?Ìý ‘What colour was her hair before?’ÌýÌý
riamh roimheÌý ‘(n)ever before’
Cha do rinn mi seo riamh roimhe.Ìý ‘I’ve never done this before.’Ìý
an latha roimheÌýÌýÌý an oidhche roimheÌýÌýÌýÌý ‘the other day’Ìý‘the other night’.
Bha mi bruidhinn riutha an latha roimhe. ‘I was speaking to them the other day.’Ìý
Bha sinn aig pà rtaidh an oidhche roimhe.Ìý ‘We were at a party the other night.’Ìý
Ìý
‘before’ + ainmear: RO
Ciamar a bhios tu a’ gabhail fois ro ghèama?ÌýÌýÌýÌý
‘How do you relax before a game?’
Tha an t-eagal ormsa ro choin.ÌýÌýÌýÌý
‘I’m scared of dogs.’
Tha mi an-còmhnaidh nearbhasach ro thuras plèana.ÌýÌýÌýÌý
‘I’m always nervous before a flight.’
RoÌý + sèimheachadh:ÌýÌý ro ghèamaÌýÌýÌý ro choinÌýÌýÌýÌý ro thurasÌýÌý
‘before the’: ron (singilte)ÌýÌýÌýÌýÌýÌý ro na (iolra)
ron BhòrdÌý ‘before the Board, in front of the Board’
ron chogadhÌý ‘before the war’ÌýÌý
ron choinneimhÌý ‘before the meeting’ÌýÌý
ron drochaid *Ìý ‘before the bridge’ÌýÌý
ron turas *ÌýÌý ‘before the journey’
* d/t: gun sèimheachadh (d/t never lenite after ‘the’):
air a’ bhòrdÌý achÌý air an dorasÌýÌý
ron bhòrdÌý achÌý ron drochaidÌýÌýÌý
aig a’ bhaileÌý achÌý aig an taighÌýÌý
ron bhaileÌý achÌý ron turasÌýÌý
Iolra (‘plural’):
Tha an t-eagal orm ro na coin agad.ÌýÌýÌýÌý
‘I’m scared of (before) your dogs.’
Chì mi thu ro na gèamannan.ÌýÌýÌýÌý
‘I’ll see you before the games.’
‘before’ + riochdair (mi, thu, e, i, etc.) : ROMHAM, ROMHAD, ROIMHE, etc.
ro + mi: ÌýromhamÌý
ro + thu: Ìýromhad
ro + e: Ìýroimhe
ro + i: Ìýroimhpe
ro + sinn: Ìýromhainn
ro + sibh: Ìýromhaibh
ro + iad: ÌýromhpaÌý
Thèid mi steach romhad. ‘I’ll go in before you.’
Tha obair gu leòr romham. ‘I’ve got plenty work ahead of me.’
Seall romhad. ‘Look in front of you’.
Chuir mi romham... ‘I decided, I resolved to...’
Chuir mi romham togail orm sa bhad.
I resolved/decided to set off immediately.ÌýÌý
Dè chuir thu romhad a dhèanamh?ÌýÌýÌýÌý
‘What did you decide to do?’ÌýÌý
Dè chuir ise roimhpe a dhèanamh?ÌýÌýÌýÌý
‘What did she decide to do?’
‘Before’ + gnìomhair :ÌýÌý MUSÌýÌýÌý
Mus falbh thu, dùin na h-uinneagan.ÌýÌýÌýÌý
‘Before you go, close the windows.’
Am faigh mi facal ort mus falbh thu?ÌýÌýÌýÌý
‘Can I have a wee word before you go?’
Seall romhad mus toir thu leum.ÌýÌýÌý
‘Look in front of you before you take a leap’, ‘Look before you leap.’
Bidh e meadhan-oidhche mus bi an dìnnear deiseil.ÌýÌýÌýÌý
‘It’ll be midnight before dinner’s ready.’
Bha mìos ann mus d’fhuair sinn cothrom bruidhinn a-rithist.ÌýÌýÌýÌý
It was a month before we got a chance to talk again.
Mus canadh tu diog, thug an cat na buinn à s.ÌýÌýÌýÌý
‘Before you could say woof (‘say a syllable’), the cat took to its heels.’Ìý
Mus toir sibh fhèin na buinn à saibh,...ÌýÌýÌý
Before you yourselves scamper...
PUINGEAN A BHARRACHD
Air uairean, mus = ‘in case, lest’:
Thoir an aire mus tuit thu! ‘Careful in case you fall!’
Cluinnear mun/mum airson mus cuideachd:
Seall romhad mun toir thu leum. ‘Look before you leap.’
Mum falbh thu, glas na h-uinneagan. ‘Before you go, lock the windows.’
Cluinnear reimhe, reimhid agus roimhid airson roimhe (‘p°ù±ð±¹¾±´Ç³Ü²õ±ô²â’).
Chan fhaca mi gin dhiubh reimhid. ‘I’ve not seen any of them before.’
Ìý
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 21 Jun 2015 21:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Jun 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 24 Jun 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 28 Jun 2015 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Oct 2015 21:32Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Oct 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Oct 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Oct 2015 10:29Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 4 Apr 2021 21:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Apr 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 7 Apr 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Apr 2021 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.