Episode 15
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gà idhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gà idhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gà idhlig.
Sa phrògram mu dheireadh san t-sreath tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Ciaran Folan agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Tha an t-Ollamh Michel Byrne a' coimhead air mìosan na bliadhna ann an Oisean a Ghrà mair agus tha fiosrachadh mu chlasaichean Gà idhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. In the final programme of the series John chats to learner Ciaran Folan about his learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and Â鶹ԼÅÄ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 15
Duration: 55:31
-
Tar-sgrìobhadh: Caithream Ciùil
Duration: 01:11
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 23:32
-
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Duration: 02:07
Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne
Le Dòmhnall Mà rtainn
Dòmhnall: Bha agam fhèin is mo nà baidhean a dhol a thoirt clann-sgoile timcheall a’ ghà rradh coimhearsnachd againn bho chionn seachdain no dhà air ais. Bha a’ chlann a’ dèanamh pròiseact air biadh fallain, agus bha aca ri eisimpleirean a thoirt dhan sgoil de ghlasraich agus lusan a chaidh an cur agus a’ fàs aig na dachannan. Chual’ an tidsear gun robh sinne air a bhith a’ cur glasraich air a’ bhliadhna a chaidh seachad, agus ’s e feadhainn de na glasraich sin a chaidh dhan sgoil airson eisimpleirean a shealltainn dhan a’ chlann.
Bha an uair sin aca ri faicinn cà it’ an do dh’fhàs iad, agus ciamar a bha iad a’ fà s. ’S ann againne, ’s e sin na bodaich agus na cailleachan, neo na seanairean is na seanmhairean, a bha ri innse dhaibh mar a thòisich sinn ag ullachadh an lios, a’ cur an t-sìl, a’ coimhead gu cùramach as a dhèidh fad an t-samhraidh le bhith a’ cur uisge orra nuair a bha an t-sìde tioram, a’ glanadh eadar na sreathan neo a’ todhaigeadh a’ bhùntata, agus a’ dèanamh cinnteach nach robh biastan sam bith gan ithe, agus mu dheireadh thall, a’ togail toradh a’ ghlasraich aig an à m cheart dhen a’ bhliadhna ro dheireadh an t-samhraidh agus aig à m an fhoghair.
’S e a’ chlann a bha air an dòigh, a’ dol timcheall agus a’ lorg currain, cà l, tuineapan agus bùntata a chaidh a chur an-uiridh, agus ’s ann againne a bha na ceistean annasach ri freagairt dhaibh.
Nuair a bha sinn fhèin òg aig an aon aois, bha sinn gu math fiosrachail mu dhòighean anns an robh glasraich agus lusan a’ fà s, agus ’s ann dhuinn bu chòir. Nach robh sinn gu math cleachdte ri bhith ag obair air a’ chroit còmhla ri ar pà rantan agus ar sinn-seanairean air sgà th ’s nach robh roghainn eile againn. Bha an obair ri dhèanamh is cha robh na bùithtean mòra an latha an-diugh le biadh de gach seòrsa ann.
Saoil dè seòrsa à rainneachd anns am bi a’ chlann a thà inig thugainne a’ fuireach ann an trì fichead bliadhna eile? Tha sinn an dòchas gum bi buaidh a’ choireigin aig an turas còmhla rinn air a’ chlann bheaga. Feadhainn aca nach robh air gà rradh le glasraich fhaicinn riamh. Nach iomadh turas a chuala sinn an seanfhacal, 'An t-Ionnsachadh Òg, An t-Ionnsachadh Bòidheach'.
Tha e cho cudromach an-diugh ’s a bha e nar à m fhèin.
Tar-sgrìobhadh: Aithris an Fheasgair
Le PÃ draig MacAmhlaigh
Padraig: Thuirt Dà ibhidh Camshron nach bi e furasta cruth atharrachadh a thoirt air an Aonadh Eòrpach mus bi referendum mu bhallrachd ann am Breatainn ann an dà mhìle ’s a seachd-deug. Bha am Prìomhaire a’ bruidhinn aig co-labhairt ann an Latbhia far an do choinnich e ri ceannardan Eòrpach eile. Thuirt ceann-suidhe a’ Choimeisein Eòrpaich, Jean-Claude Juncker, gum bi e ann an Chequers Diluain airson còmhradh ri Mgr Camshron mun atharrachadh a tha e a’ sireadh.
Thuirt am Prìomh Mhinistear Nicola Sturgeon nach bi easbhaidh anns a’ chùram a tha euslaintich aillse a’ faighinn ri linn an atharrachaidh a tha a’ tighinn air an t-seirbheis san ospadal aillse as motha ann an Alba. Rinn còrr air leth-cheud dotair agus eòlaiche gearan nach bi an cùram cho math ’s a bha e, is an t-seirbheis ann an ionad Bheatson a’ gluasad chun an ospadail ùir air taobh a deas Ghlaschu. Tha iad a’ gearan nach bi luchd-obrach gu leòr rim faotainn ann an suidheachadh èiginneach.
Tha ceithir deug mìle sgoilear ann an Alba air an ainm a chur ri athchuinge a’ gearan gun robh an deuchainn matamataig aig à rd-ìre am-bliadhna do-dhèanta. Thuirt iad gun robh na ceistean air leth doirbh agus nach robh samhla aca ris na ceistean a fhuair iad anns na pà ipearan-ullachaidh. Thuirt Ùghdarras Teisteanasan na h-Alba gun tèid spèis a thoirt dha na gearanan sin fhad ’s a thathar a’ meas na sgoilearan.
Tar-sgrìobhadh: Caithream Ciùil
Le Seonag Monk
Seonag: ’S toil leam fhìn tractaran, rudeigin mun deidhinn a tha uabhasach fhèin tlachdail. Tractar, bha m’ athair, oh bha m’ athair cho keen, cho keen air tractaran, co-dhiù!
Fergies an fheadhainn ghlasa. Bha e a’ faighinn a cheart uimhir de mhoit ’s de thlachd às an tractar ghlas a bha sin ’s a bhios daoine beairteach a’ faighinn à Aston Martins no Porsches no cà raichean dhen t-seòrsa. Agus, bhiodh mamaidh a’ falbh air an tractar na suidhe air a’ mhudcart. A’ falbh dhan bhùth, a’ suidhe air a’ mhudcart! Bhitheadh agus sinn fhèin cuideachd a’ falbh air an tractar còmhla ris. Nach iongantach an saoghal mar a bha e an uair ud?
Agus nan deidheadh sìon ceà rr air an tractar, uill, deireadh an t-saoghail, ’s e a bhiodh ann an uair sin nam bristeadh sìon air an tractar. Bhiodh e a’ tighinn a-staigh is ga chaitheamh fhèin air a’ bheinge is cuir a’ churrac ma aodann. Is ghabhadh an uair sin mamaidh an caoch, "Aww, mhic na mi-shealbh, èirich a-mach às an sin!"
Bha iad cho èibhinn an dithis aca, beò nam aisling. Tha e èibhinn, chì thu nad aisling an dithis aca agus a’ faireachdainn ’s an toileachadh a bheir sin dhut. Nach toir, nuair a chì thu nad aisling na daoine a tha air falbh. Tha e a’ toirt faochadh air dhòigheigin nach eil?
Oisean a’ Ghrà mair 15: MÌOSAN is FÈISEAN (Months & Festivals)
an t-aona linn ficheadÌý ‘the 21st century’Ìý (Faicibh Prògram 12.)
an t-aona latha ficheadÌý ‘the 21st day’
an t-aona latha fichead den Ã’gmhiosÌý ‘the 21st of June’
’S e an t-aona latha fichead den Ã’gmhios an latha as fhaide den bhliadhna.ÌýÌýÌýÌý
‘The 21st of June is the longest day of the year.’
Na Mìosan:
am FaoilleachÌý JanuaryÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý
an GearranÌýÌýÌýÌý February
am MÃ rtÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý March
an GibleanÌýÌýÌýÌý April
an CèiteanÌýÌýÌýÌý May
an t-Ã’gmhìosÌýÌý June
an t-IucharÌýÌýÌý July
an LùnastalÌýÌýÌý August
an t-SultainÌýÌý September
an DÃ mhairÌýÌýÌýÌý October
an t-SamhainÌýÌý November
an DùbhlachdÌýÌý December
‘of January (etc.)’Ìý *ÌýÌýÌý Ìý‘in January (etc.):
den/dhen FhaoilleachÌýÌýÌýanns an Fhaoilleach
den/dhen GhearranÌýÌýÌýÌýÌýÌýanns a’ GhearranÌýÌýÌýÌý
den/dhen Mhà rtÌýÌý ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý anns a’ Mhà rtÌýÌýÌýÌýÌý
den/dhen GhibleanÌýÌýÌý ÌýÌýanns a’ GhibleanÌý
den/dhen ChèiteanÌýÌýÌý ÌýÌýanns a’ ChèiteanÌýÌýÌý
den/dhen Ã’gmhìosÌýÌýÌý ÌýÌýanns an Ã’gmhìosÌý
den/dhen IucharÌýÌýÌýÌý ÌýÌýÌýÌý anns an IucharÌý
den/dhen LùnastalÌýÌýÌýÌýÌýÌý anns an Lùnastal
den/dhen t-SultainÌýÌýÌý ÌýÌý anns an t-SultainÌý
den/dhen DÃ mhairÌýÌý ÌýÌýÌý anns an DÃ mhairÌýÌý
den/dhen t-SamhainÌýÌýÌýÌýanns an t-SamhainÌý
den/dhen DùbhlachdÌýÌýÌýÌýanns an Dùbhlachd
*Ìý den/dhen airson ‘the 1st (day) of...’, ‘the first week of...’, etc.Ìý
Ach faicibh PUINGEAN A BHARRACHD (1) airson ‘the start / middle / end of...’.
Eisimpleirean:
’S e an ceathramh latha den Iuchar Latha na Neo-Eisimileachd anns na Stà itean Aonaichte.ÌýÌýÌýÌý
‘The 4th of July is Independence Day in the United States.’
Bidh an fhèis Ceòlas a’ tòiseachadh air a’ chòigeamh latha den Iuchar.ÌýÌýÌýÌý
‘The Uist festival Ceòlas will be starting on the 5th of July.’Ìý
Bidh Fèis Cheilteach Innse Gall, HebCelt, a’ tòiseachadh ann an Steòrnabhagh air a’ chòigeamh latha dheug den Iuchar.ÌýÌýÌýÌý
‘The Hebridean Celtic Festival HebCelt will be starting in Stornoway on the 15th of July.’
Bidh Fèis Eadar-Nà iseanta Dhùn Èideann a’ ruith tron Lùnastal.ÌýÌýÌýÌý
‘The Edinburgh International Festival will be running through August.’
Ma tha sibh fhathast a’ sireadh spòrs is ceòl anns an t-Sultain.ÌýÌýÌýÌý
‘If you’re still looking for fun and music in September.’
Bidh an fhèis Blas ga cumail air feadh na Gà idhealtachd ’s Earrra-Ghà idheal anns an t-Sultain.ÌýÌýÌýÌý
‘The Blas festival will be being held in the Highland region and Argyll in September.’
Na dìochuimhnichibh gum bi am Mòd Nà iseanta ga chumail anns an Ã’ban san Dà mhair.ÌýÌýÌýÌý
‘Don’t forget that the National Mod will be being held in Oban in October.’
tro na mìosan a tha romhainnÌý ‘through the months ahead (before us)’
PUINGEAN A BHARRACHD
(1) ‘the beginning / the middle / the end of January’, etc.
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý an FhaoillichÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý a’ GhearrainÌýÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý a’ Mhà irtÌýÌýÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý a’ GhibleinÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý a’ ChèiteinÌýÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý an Ã’gmhìosÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý an IuchairÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý an LùnastailÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý na SultainÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý na DÃ mhairÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý na SamhnaÌýÌý
toiseach / deireadh / meadhanÌýÌýÌý na DùbhlachdÌý
(Faoilleach → LùnastalÌý ♂ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Sultain →Ìý DùbhlachdÌýÌý ♀)
Tha Ceòlas ga chumail aig toiseach an Iuchair.
Bidh Fèis Cheilteach Innse Gall a’ tachairt ann am meadhan an Iuchair.
Bidh Blas ga cumail aig toiseach na Sultain.
(Faicibh Oisean a’ Ghrà mair, Sreath 1, Prògram 5.)
(2) ga c(h)umail: ‘being held’
‘Being held, being done, being said, being shown, being built’, etc.
Bidh am Mòd Nà iseanta ga chumail anns an Ã’ban.Ìý
Bidh an fhèis Blas ga cumail air feadh na Gà idhealtachd.ÌýÌý
MòdÌý ♂ : ga chumailÌýÌýÌý ÌýfèisÌý ♀ : ga cumail
A bheil cà il ga dhèanamh ma dheidhinn?ÌýÌýÌý
‘Is anything being done about it?’Ìý
Bha bruidhinn gu leòr a’ dol, ach an robh mòran ga rà dh?ÌýÌýÌýÌý
‘There was plenty talking going on, but was much being said?’
Tha an fhianais (♀) ga sealltainn dhan diùraidh an-drà sta.ÌýÌýÌýÌý
‘The evidence is being shown to the jury just now.’
Bidh na taighean ùra gan togail aig an aon à m.ÌýÌýÌýÌý
‘The new houses will be being built at the same time.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 28 Jun 2015 21:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Jul 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Jul 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 5 Jul 2015 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Oct 2015 22:01Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Oct 2015 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Oct 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Oct 2015 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Apr 2021 21:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Apr 2021 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 14 Apr 2021 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Apr 2021 10:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gà idhlig le Iain Urchardan.