Main content

Episode 13

Episode 13 of 30

John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

An t-seachdainsa tha Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Caomhann MacLachlainn agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba aig Siobhan NicAonghais.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he meets learner Kevin MacLachlan to find out about his learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and Â鶹ԼÅÄ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.

Available now

52 minutes

Last on

Sun 4 Apr 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Sàr-Chlàr

Le Iseabail Nic an t-Sagairt


Iseabail: Bha i, bha i onarach. Bha i airson bruidhinn a-mach mu ana-cheartas agus còirichean, a bharrachd air gaol agus bristeadh-cridhe is rudan mar sin. Ach, bha i airson bruidhinn a-mach agus leis gur e boireannach a bh’ innte, bhuail sin mi cuideachd tha mi a’ smaoineachadh. Bha mi a’ faighinn sin uabhasach exciting tha mi cinnteach gun robh i cho làidir, cho làn feirg, cho deònach lìbhrigeadh na beachdan làidir a bh’ aice anns an dòigh cumhachdach.


Agus mar sin, tha mi a’ smaoineachadh uile gu lèir nuair a tha thu a’ smaoineachadh mu deidhinn a thaobh a comas, a thaobh briathran, a h-ìomhaigh, eil fhios agad, bha i ag amharc cho annasach leis a falt rùisgte. Ach, bha i cho làidir, ach aig an aon àm, bha i cho bòidheach cuideachd, agus tha mi a’ smaoineachadh gu h-iomlan gun robh i mar annas agus nach robh duine ann cosmhail rithe ged a bha daoine man Siouxsie Sioux is na Banshees agus Suzanne Vega mun cuairt aig an àm, cha robh iad cosmhailÌý rithe.


Tha mi a’ smaoineachadh a’ chiad òran air a’ chlàr The Lion and the Cobra, ’s e Mandinka a th’ ann. Agus, tha sin a’ tòiseachadh cruaidh, làidir cruaidh, agus chanadh tu gun robh e gu math rocky. ’S e buille giotar gu math sìmplidh, ach gu math cruaidh a th’ ann, is chanadh tu gun robh, tha blasad de na eighties ann, de na h-ochdadan ann, ach dha mo thaobhsa, tha mi a’ smaoineachadh gu bheil e fhathast maireannach mar gum biodh.


Ach, feumaidh mi ràdh gur e a guth daonnan an rud a tha a’ dèanamh a h-uile rud sònraichte.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hurst

Sgrìobhte le Maoileas Caimbeul


Dàibhidh Walker: Bha an taigh ann an Surrey, faisg air Cranleigh, air an dùthaich a bha e. Taigh mòr, eireachdail, suidhichte ann an fichead acair fearainn. Timcheall air, bha gàrradh a bha stèidhichte o chionn linntean le seann chraobhan agus lèanagan rèidh àlainn air an cumail gu grinn.


Bhon gheata mhòr iarainn suas gu ruigeadh an dorais aghaidh leis na colbhan spaideil Greugach, bha rathad còmhnard dìreach, agus rùm gu leòr air beulaibh an dorais airson treud chàraichean.


Thàinig an duine a-nuas na steapaichean, an duine leis an robh an taigh, Jon Fairley. B’ e aon dha na daoine a bu bheartaiche san dùthaich, agus cha robh e ga fhalach ann an dòigh sam bith. ’S ann a bha e pròiseil às mar a bha e air faighinn air adhart na bheatha.


Cha robh na athair ach mèinnear ann an Durham. Durham! Mo chreach ’s a thàinig, far an robh na mèinnean a’ dùnadh gun sgur nuair a bha e na ghille beag. A-nis, bha mèinneadh airson gual an ìre mhath san taigh-tasgaidh, na phàirt de dh’eachdraidh.

Tar-sgrìobhadh: Aileag

Isabelle Bain (bhon t-sreath Albannaich Ainmeil)


Isabelle: Rugadh David Livingstone ann an 1813 ann am baile beag air a bheil Blantyre, faisg air Glaschu. ’S e aon de na rannsachairean as ainmeil a th’ ann. B ’e Crìosdaidhean a bh’ ann am pàrantan David agus mus robh e fichead bliadhna a dh’aois, bha e air inntinn a dhèanamh an àirde a bheatha a chur seachad ag innse mun t-Soisgeul ann an dùthchannan fad às. Dh’ionnsaich e a bhith na dhotair cuideachd airson ’s gum b’ urrainn dha daoine a chuideachadh fhad ’s a bha e ag innse dhaibh mun Bhìoball. Cheumhnaich e aig aois fichead ’s a seachd agus bha e a’ faireachdainn deiseil airson tòiseachadh air obair.


Ann an 1840, sheòl David Livingstone a dh’Afraga airson an t-Soisgeul a sgaoileadh ann am pàirtean dhen dùthaich nach robh daoine air an rannsachadh. Air an t-slighe dhan dùthaich, bha e air bòrd soitheach fad trì mìosan agus, anns an àm sin, dh’ionnsaich e mar a chleachdadh e quadrant, rud a bhiodh seòladairean a’ cleachdadh gus lorg fhaighinn air càit’ dìreach an robh iad aig muir. Air sgàth seo, b’ urrainn dha mapaichean a dheànamh dha àiteachan ann an Afraga far nach robh duine geal sam bith a-riamh roimhe.


Stèidhich e stèisean mission ann an Mabotsa a-measg treubhan Afraga ann an 1842. Às dèidh dha a bhith a’ fuireach leis fhèin airson dà bhliadhna, phòs Livingstone Mary, nighean caraid leis Dr Moffat, agus bha sianar chloinne aca. Às dèidh greis, bha e fhèin agus a bhean airson gluasad nas fhaide tuath far nach robh na h-Afraganaich air cluinntinn mu Dhia. Ann an 1847, thog iad stèisean ùr, ochdad mìle nas fhaide tuath na bha iad ron a sin.


A thuilleadh air a bhith a’ sgaoileadh Soisgeul Dhè, bhiodh e cuideachd a’ feuchainn ri leigheasan fhaighinn airson daoine a bha tinn. Air sgàth ’s gun robh dragh aige mun deidhinn agus gun robh e gan slànachadh, bha fiù ’s na nàiseantaich a’ cur an earbs’ ann.


A bharrachd air a bhith a’ searmonachadh agus a’ leigheas dhaoine, chuir Livingstone an t-uamhas tìde seachad a’ rannsachadh. Dà bhliadhna às dèidh dha taigh a thogail, chaidh e air a’ chiad turas gu tuath, ceudan de mhìltean air falbh. Rannsaich e iomadh àite às dèidh seo, agus b’ e a’ chiad duine geal a chunnaic Victoria Falls, eas a dh’ainmich e fhèin às dèidh Banrigh Bhreatainn aig an àm, Queen Victoria.Ìý

Oisean a’ Ghràmair 13: ÀIREAMHAN (2)

¶ÙÀ + ainmear singilte + sèimheachadh (Faicibh Notaichean 12), m.e.


Dà phuing ‘2 points’ÌýÌýÌýÌý dà fhacalÌýÌý ‘2 words’ÌýÌýÌýÌý dà mhionaidÌýÌý ‘2 ³¾¾±²Ô³Ü³Ù±ð²õ’


dà shùilÌýÌýÌýÌý ‘two eyes’
le mo dhà shùilÌýÌýÌý ‘with my own two eyes’.
Bha mi ag iasgach air Loch Nis, agus chunnaic mi an uilebheist le mo dhà shùil.Ìý
‘I was fishing on Loch Ness and saw the monster with my own two eyes.’


dà + cas / làmh :Ìý
dà choisÌýÌýÌý mo dhà choisÌýÌý ‘my two feet’
dà làimhÌýÌýÌý le mo dhà làimhÌý ‘with my two hands’


DITHIS, TRIÙIR, etc


dithisÌý= dà dhuineÌý ‘a pair, a couple, a twosome (of)’
An robh mòran daoine aig a’ choinneimh? Cha robh, cha robh ann ach dithis.
‘Were there many at the meeting? No, only two people.’


A bheil peathraichean agad?ÌýÌýÌýÌý
‘Do you have any sisters?’ÌýÌý
Tha, dithis. Tha dithis pheathraichean agam.Ìý
‘Yes, two. I have two sisters.’


³Ù°ù¾±Ã¹¾±°ùÌý =Ìý trì daoineÌý ‘three people, a threesome(of)’
Chunnaic mi ³Ù°ù¾±Ã¹¾±°ù ann. ‘I saw three people there.’


A bheil bràithrean agad? ‘Do you have any brothers?’
Tha, ³Ù°ù¾±Ã¹¾±°ù. Tha ³Ù°ù¾±Ã¹¾±°ù bhràithrean agam.
‘Yes, three. I have three brothers.’


ceathrarÌý =Ìý ceithir daoineÌý ‘four people, a foursome (of)’


A bheil clann agad? ‘Do you have any children?’
Tha. Ceathrar ghillean. ‘Yes, four boys (a foursome of boys).’


5ÌýÌý ³¦Ã²¾±²µ²Ô±ð²¹°ù Ìý³¦Ã²¾±²µ²Ô±ð²¹°ù dhotairean ‘five doctors’
6ÌýÌý sianarÌýÌýÌýÌýÌý sianar shaorÌý ‘six joiners’
7ÌýÌý seachdnarÌýÌý seachdnar sheinneadairean ‘seven singers’
8ÌýÌý ochdnarÌýÌýÌýÌý ochdnar dhannsairean ‘eight dancers’
9ÌýÌý naoinearÌýÌý Ìýnaoinear mhà³Ù³ó°ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²ÔÌý ‘nine ³¾´Ç³Ù³ó±ð°ù²õ’
10Ìý deichnearÌý Ìýdeichnear chaileaganÌý ‘ten young girls’


Sèimheachadh (‘lenition’)


dithis pheathraicheanÌýÌýÌýÌý
³Ù°ù¾±Ã¹¾±°ù bhràithreanÌýÌýÌý
ceathrar ghillean
³¦Ã²¾±²µ²Ô±ð²¹°ù dhotairean
sianar shaor
seachdnar sheinneadairean
ochdnar dhannsairean
naoinear mhà³Ù³ó°ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²Ô
deichnear chaileagan


Sèimheachadh + iolraÌý (‘lenited plural’) = ‘o´Ú’ (‘a pair of, a threesome of,’ etc)


Eisimpleirean eile:


buidheann thidsearanÌý ‘a group of teachers’ÌýÌýÌýÌý
buidheann mhà³Ù³ó°ù²¹¾±³¦³ó±ð²¹²ÔÌý ‘a group of ³¾´Ç³Ù³ó±ð°ù²õ’


grunn ghilleanÌý ‘a group of lads, some lads’ÌýÌýÌýÌýÌýÌý
grunn mhionaideanÌý ‘a couple of ³¾¾±²Ô³Ü³Ù±ð²õ’


sgioba chluicheadaireanÌý a team of players’ÌýÌýÌýÌýÌý
sgioba phlumaireanÌý ‘a team of plumbers’Ìý


sreath phrògramanÌýÌý ‘a series of ±è°ù´Ç²µ°ù²¹³¾²õ’
paca chairteanÌýÌý ‘a pack of ³¦²¹°ù»å²õ’
pacaid bhriosgaideanÌýÌý ‘a packet of ²ú¾±²õ³¦³Ü¾±³Ù²õ’
truinnsear chèicicheanÌýÌý ‘a plate of ³¦²¹°ì±ð²õ’


dithis/³Ù°ù¾±Ã¹¾±°ù/ceathrar mhacÌý


Air uairean, tha an t-iolra ginideach (genitive plural) coltach ris an ainmear shingilte:


mo mhacÌý ‘my son’
mo mhicÌý ‘my sons’Ìý
mo dhithis mhacÌý ‘my two sons (my pair of sons)’


Eisimpleirean eile:


An t-eileanÌý ‘the island’ÌýÌýÌý
na h-eileananÌý ‘the islands’ÌýÌýÌýÌý
Comhairle nan Eilean SiarÌý ‘the council of the Western Isles’

³Òྱ»å³ó±ð²¹±ôÌý ‘a Gael’ÌýÌý
GàidheilÌý ‘G²¹±ð±ô²õ’
Radio nan ³Òྱ»å³ó±ð²¹±ôÌý ‘the radio of the Gaels’

Abairt na Seachdain

Is ann an àm a’ chruadail a dh’aithnichear na càirdean.

Broadcasts

  • Sun 14 Jun 2015 21:30
  • Wed 17 Jun 2015 12:00
  • Wed 17 Jun 2015 22:00
  • Sun 21 Jun 2015 10:31
  • Sun 27 Sep 2015 21:30
  • Wed 30 Sep 2015 12:00
  • Wed 30 Sep 2015 22:00
  • Sun 4 Oct 2015 10:31
  • Sun 28 Mar 2021 21:30
  • Wed 31 Mar 2021 12:00
  • Wed 31 Mar 2021 22:00
  • Sun 4 Apr 2021 10:30

Podcast