Episode 14
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
Às dèidh butarrais a dhèanamh dhen chiad oidhirp aca smachd fhaighinn air na Dardanelles - an caolas a bha a' tairgsinn slighe mara gu Ìompaireachd na Rùis - tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a dh'fheuch na feachdan Co-chòmhraigeach a-rithist sa Ghiblean 1915. Chaidh a' chiad ionnsaigh air an treas latha fichead a chur dheth air sà illeabh droch shìde ach dà latha as dèidh sin chaidh feachdan Breatannach, Frangach, Astrà lianach agus New Zealand air tìr air sia trà ighean a' comharrachadh toiseach sabaid chruaidh an aghaidh nan Turcach a mhaireadh gu toiseach 1916.
Air an latha sin cuideachd, Dìdòmhnaich an còigeamh latha fichead, chaill an dara rèiseamaid aig na Sìofartaich ceithir deug saighdear à Leòdhas faisg air Hill 60, dearbhadh eile air cho marbhtach sa bha an Dara Blà r aig Ypres.
Thà inig a' chiad sheachdain den Chèitean 1915 gu ceann le naidheachd uabhasach eile an uair a chaidh an soitheach Breatannach, Lusitania a tholladh le torpedo gun rabhadh bho bà ta-aigeil Gearmailteach far ceann a deas Èirinn. Taobh a-staigh fichead mionaid bha i air a dhol fodha dusan mìle bho Cheann Sà ile a' bà thadh dithis gann de mhile is dà cheud dheth na bh' air bòrd de luchd-siubhail agus criutha, nam measg sia fichead 's ochdnar Ameireaganach. Bhiodh dà bhliadhna eile mus tigeadh na Stà itean a-staigh dhan chogadh air taobh nan Co-chòmhraigeach, ach chan eil teagamh nach b'e seo an t-seachdain a thòisich beachdan a' phobaill air cruadhachadh an aghaidh na Gearmailt air taobh thall a' Chuain Shiar.
Air a' cheathramh latha den Chèitean 1915 thà inig Batal St Julien gu crìch, blà r a chunnaic sgrios uabhasach ga dhèanamh air saighdearan Canèidianach is Breatannach leis na h-ionnsaighean gas aig na Gearmailtich. Bhiodh St Julien fo smachd nan Gearmailteach airson dà bhliadhn' eile mus tigeadh a bhuinnig air ais san Treas Blà r aig Ypres.
San Fhaoilleach naoi deug is còig deug bha Breatainn agus a' Fhraing air aontachadh gun toireadh iad ionnsaighean air dà thaobh loidhnichean nan Gearmailteach eadar Flannras agus Verdun sa Fhraing. As t-Earrach bheireadh iad le chèile ionnsaighean aig Aubers Ridge agus Vimy Ridge aig tuath agus bheireadh na Frangaich leotha fhèin ionnsaigh ann a' Champagne aig deas. B'e seo a b'adhbhar dha na blà ir mhillteach gun bhuaidh aig Neuve Chapelle, Aubers Ridge agus, ro dheireadh na bliadhna, Loos. Air an naoidheamh latha den Chèitean, chailleadh no leònadh aon mìle deug saighdear Breatannach aig Aubers Ridge, aon de na là ithean bu mhiosa bh' aig Breatainn fad a' chogaidh. Bha Iain Ruadh Thormoid, Iain Macleòid à Siabost a Deas am measg na chaidh 'over the top' an là sin agus cluinnidh sinn bhuaithe fhèin mu cho uabhasach agus a bha an là sin.
Tha Seachdain sa Chogadh air a thoirt thugaibh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 18 May 2015 12:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 18 May 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 24 May 2015 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal