Episode 13
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events of the last three weeks in the First World War 100 years ago.
A' bruidhinn sa phrògram tha Cailean Scott MacChoinnich, a tha air rannsachadh mòr a dhèanamh air a' chuspair, ag innse mar a thachair dhan Ross Mountain Battery nuair a chaidh iad air tìr aig Gallipoli. "Bha iad sa chath sin bhon a' chiad là . A' chiad terriers air an tìr agus a' chiad artillery air tìr. Lean an cath gun sguir faisg air naoi mìosan. Bha amannan sgriosail ann fad na h-ùine."
Chaidh an ainmeachadh gu h-oifigeil mar a Ross and Cromarty Mountain Battery Royal Garrison Artillery Territorial Force san t-Sultain 1908, ach 's e a Ross Mountain Battery a dheigheadh èigheachd oirre às dèidh sin. Bha iad nan dà leth, clì agus deas, agus bha iad nam pà irt dhan Highland Mountain Brigade. Bha mu leth de bhalaich an leth clì den Bhattery air a thighinn bho na clasaichean à rd ann a Sgoil 'ic Neacail ann a 1914, agus eadar deas agus clì b' ann à Lèodhas a bha a ' chuid bu mhotha aca, seach nach robh uidhir a dhaoine a sgìre Loch Carroin, le corra Hearach agus Uibhisteach nam measg. Bha eadar 200 agus 300 sa Bhattery agus b' urrainn dhaibh a dhol ann aig aois 17 ach bha gu lèor na b' òige na sin nuair a bhris an cogadh. B' e an tarraing beagan airgid airson a dhol ann agus campa a h-uile bliadhna. Ach thachair riutha aig Gallipoli eadar teas, tinneas, cuileagan agus nach robh fois idir aca, oir cha d'fhuair iad fòrladh fad a' chogaidh.
Bha Breatainn air ionnsaigh a thoirt air baile Basra is air a ghabhail thairis san t-Samhain 1914, goirid as dèidh dhan Ìompaireachd Ottoman tighinn a-steach dhan chogadh air taobh na Gearmailt. 'S e baile cudromach a bha ann am Basra, gu h-à raidh a thaobh ola an ear-mheadhanaich on a bha e faisg air an ionad-giullachd mhòr ann an Abadan, agus bha Breatainn airson grèim a chumail air Basra air sgà th sin agus chuir i saighdearan a bharrachd gus a dhìon, cuid dhiubh à Arm Bhreatainn anns na h-Innseachan. Bha an Ìompaireachd Ottoman a cheart cho dèidheil air Basra a bhuannachd air ais agus air Breatainn a phutadh a-mach à Mesopotamia uile-gu-lèir nan gabhadh e dèanamh.
Sa Ghiblean 1915 thug arm na h-Ìompaireachd Ottoman ionnsaigh air Shaiba, baile beag mu dheich cileamatairean an iar-dheas air Basra, le sùil ri gluasad air adhart gu Basra fhèin às dèidh sin.
Bha an Tuirc, no co-dhiù an Ìompaireachd Ottoman dhen robh i na pà irt, air tighinn a-steach dhan Chogadh air taobh na Gearmailt san t-Samhain 1914. Bha an dà thaobh sa chogadh a' farpais ri chèile son na dùthchannan air taobh an ear na Roinn Eòrpa a thà ladh chun an taobh acasan. Bha iad aig an à m seo, trà th ann an 1915, gu h-à raidh airson 's gun tigeadh a' Ghrèig a-steach air an taobh ach bha sgaradh san dùthaich leis a Phrìomh Mhinistear Venizoles airson taobh Bhreatainn, na Frainge agus Ruisia a ghabhail agus an Rìgh Constantine airson a' Ghrèig a chumail às a' chogadh.
Air an t-seachdamh latha deug dhen Ghiblean 1915 thòisich an t-sabaid airson Cnoc 60 no Hill 60 a Deas air Ypres fhaighinn air ais bho na Gearmailtich. Bha na Gearmailtich air smachd a ghabhail air san t-Samhain a' bhliadhna roimhne sin agus bha e air a mheas cudromach mar à ite faire airson an sgìre timcheall Zillebeke agus Ypres. Mus biodh an dara blà r aig Ypres seachad bhiodh culaidh uamhais eile air nochdadh leis na Gearmailtich a' cleachdadh ionnsaigh gas airson a' chiad uair air an dara latha fichead dhen Ghiblean. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 27 Apr 2015 12:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 27 Apr 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 3 May 2015 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal