Main content
Sorry, this episode is not currently available

Ross Mountain Battery

Geàrr-chunntas air an Ross Mountain Battery a bha a' sabaid aig Gallipoli 's Salonika. A snapshot of the Ross Mountain Battery, the first territorials and artillery at Gallipoli.

A' bruidhinn sa phrògram tha Cailean Scott MacChoinnich, a tha air rannsachadh mòr a dhèanamh air a' chuspair, ag innse mar a thachair dhan Ross Mountain Battery nuair a chaidh iad air tìr aig Gallipoli. "Bha iad sa chath sin bhon a' chiad là. A' chiad terriers air an tìr agus a' chiad artillery air tìr. Lean an cath gun sguir faisg air naoi mìosan. Bha amannan sgriosail ann fad na h-ùine."
Chaidh an ainmeachadh gu h-oifigeil mar a Ross and Cromarty Mountain Battery Royal Garrison Artillery Territorial Force san t- Sultain 1908, ach 's e a Ross Mountain Battery a dheigheadh èigheachd oirre às dèidh sin. Bha iad nan dà leth, clì agus deas, agus bha iad nam pàirt dhan Highland Mountain Brigade. Bha mu leth de bhalaich an leth clì den Bhattery air a thighinn bho na clasaichean àrd ann a Sgoil 'ic Neacail ann a 1914, agus eadar deas agus clì b' ann à Lèodhas a bha a ' chuid bu mhotha aca, seach nach robh uidhir a dhaoine a sgìre Loch Carroin, le corra Hearach agus Uibhisteach nam measg. Bha eadar 200 agus 300 sa Bhattery agus b' urrainn dhaibh a dhol ann aig aois 17 ach bha gu lèor na b' òige na sin nuair a bhris an cogadh. B' e an tarraing beagan airgid airson a dhol ann agus campa a h-uile bliadhna. Ach thachair riutha aig Gallipoli eadar teas, tinneas, cuileagan agus nach robh fois idir aca, oir cha d'fhuair iad fòrladh fad a' chogaidh.

10 minutes

Last on

Fri 10 Apr 2015 11:50

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 9 Apr 2015 21:03
  • Fri 10 Apr 2015 11:50