Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 38

Sabaid chruaidh aig Shaiba agus ceist sa Ghrèig mu dè an taobh a ghabhadh iad sa chogadh. The Battle of Shaiba is fought, and Greece is divided on whether to enter the war.

Bha Breatainn air ionnsaigh a thoirt air baile Basra is air a ghabhail thairis san t-Samhain 1914, goirid as dèidh dhan Ìompaireachd Ottoman tighinn a-steach dhan chogadh air taobh na Gearmailt. 'S e baile cudromach a bha ann am Basra, gu h-àraidh a thaobh ola an ear-mheadhanaich on a bha e faisg air an ionad-giullachd mhòr ann an Abadan, agus bha Breatainn airson grèim a chumail air Basra air sgàth sin agus chuir i saighdearan a bharrachd gus a dhìon, cuid dhiubh à Arm Bhreatainn anns na h-Innseachan. Bha an Ìompaireachd Ottoman a cheart cho dèidheil air Basra a bhuannachd air ais agus air Breatainn a phutadh a-mach à Mesopotamia uile-gu-lèir nan gabhadh e dèanamh.
Sa Ghiblean 1915 thug arm na h-Ìompaireachd Ottoman ionnsaigh air Shaiba, baile beag mu dheich cileamatairean an iar-dheas air Basra, le sùil ri gluasad air adhart gu Basra fhèin às dèidh sin.

Bha an Tuirc, no co-dhiù an Ìompaireachd Ottoman dhen robh i na pàirt, air tighinn a-steach dhan Chogadh air taobh na Gearmailt san t-Samhain 1914. Bha an dà thaobh sa chogadh a' farpais ri chèile son na dùthchannan air taobh an ear na Roinn Eòrpa a thàladh chun an taobh acasan. Bha iad aig an àm seo, tràth ann an 1915, gu h-àraidh airson 's gun tigeadh a' Ghrèig a-steach air an taobh ach bha sgaradh san dùthaich leis a Phrìomh Mhinistear Venizoles airson taobh Bhreatainn, na Frainge agus Ruisia a ghabhail agus an Rìgh Constantine airson a' Ghrèig a chumail às a' chogadh.

Tha Seachdain sa Chogadh air a lìbhrigeadh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.

10 minutes

Last on

Fri 17 Apr 2015 11:50

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 16 Apr 2015 21:03
  • Fri 17 Apr 2015 11:50