Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 36

Chaidh an SS Falaba a chuir fodha agus lean ùpraid mu dheidhinn air a robh a Falaba Affair. The first British passenger-cargo ship SS Falaba is controversially sunk off Ireland.

Chaidh an SS Falaba, a chur fodha le bàta-aigeil Gearmailteach air an ochdamh là fichead den Mhàrt. B' i a' chiad bàta a bhiodh a' giùlan luchd-siubhail dhan do thachair seo agus dh'adhbharraich sin tòrr connspaid. Thogadh am Falaba ann an Glaschu ann an 1906 agus bha 5 mìle tunna de chuideim innte. Bha i air a slighe eadar Liverpool agus Sierra Leone ann an Afraga sa Mhàrt 1915 le ceud gu leth luchd-siubhail air bòrd. Chaidh bàt-aigeil Gearmailteach, an U-28, às a dèidh agus rug i oirre mu tri fichead mìle an iar air St. David's Head sa Chuimrigh. Chaill còrr is ceud duine am beatha orra, nam measg aon Ameireaganach, Leon Thresher, rud a dhùisg tòrr ùpraid sna pàipearan-naidheachd ann an Ameireagaidh.

10 minutes

Last on

Fri 3 Apr 2015 11:50

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 2 Apr 2015 21:03
  • Fri 3 Apr 2015 11:50