Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in the First World War in the last three weeks one hundred years ago.

Bha an fheadhain na bha trèineadh ann am Bedford a' fàs sgìth dhan trèineadh agus fadachd orra gu faigheadh iad air falbh dhan Fhraing airson a chuir gu feum, ged a bha uabhasan a' chogaidh a' feitheamh riutha sin. Bha Eoghainn MacArtair à Cill Daltain an Ìle air an àireamh sin, agus tha an leabhar-là anns an robh e a' sgrìobhadh aig an àm ag innse mar a bha e a' faicinn chùisean.
Tha a h-uile coltas gur e mèinn a bhuail HMS Viknor air an treas là deug den Fhaoilleach 1915 a-mach bho chost' Eirinn agus chaidh a h-uile duine air bòrd a bhàthadh. Agus mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse bha cuirp a' tighinn air tìr ann an iomadach ceàrnaidh sna h-eileanan far chost' Alba.

Air a 19mh den Fhaoilleach 1915 dh'fhalbh trì zeppelins às a' Ghearmailt airson turas bomaidh gu cost an ear Shasainn. Cluinnidh sinn a chaidh dhaibh.

Air a 24mh den Fhaoilleach bha an Leas-Admaral Von Hipper agus an Iar-Admaral Daibhidh Beatty a' losgadh air soithichean a chèile aig Dogger Bank le call mu dheireadh a' dol air na Gearmailtich. Cluinnidh sinn mar a thug na Gearmailtich ionnsaigh làidir air trainnsichean Bhreatainn agus, ged a fhuair iad air stad a chur orra, bha call beatha mòr air na Breatannaich.

'S e Gilleasbuig MacDhòmhnaill a tha a' libhrigeadh Seachdain sa Chogadh. Tha e air a rannsachadh le Murchadh Macleòid, air a sgrìobhadh le Jo NicDhòmhnaill agus air a riochdachadh le Annella Nicleòid.

10 minutes

Last on

Sun 8 Feb 2015 13:00

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Mon 2 Feb 2015 12:03
  • Mon 2 Feb 2015 22:00
  • Sun 8 Feb 2015 13:00