Episode 10
Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events from the First World War in the last three weeks of 100 years ago.
Air an 3mh den Ghearran 1915 chaidh HMS Clan McNaughton fodha agus i air patrol tuath air Èirinn. Chan eil fhios ciamar a thachair e ach chaill faisg air 280 duine am beatha, nam measg deichnear à Leòdhas 's a Hearadh. Cluinnidh sinn às an tasglann bho Mhà iri Chaimbeul, Mà iri Dholera, a chaill air h-athair oirre agus gun Mà iri ach mu chòig bliadhna a dh'aois. Cluinnidh sinn cuideachd rannan à marbhrann a rinneadh do Choinneach MacAmhlaigh, Coinneach Sheòrais à Breà scleit a chaidh às an rathad oirre.
Bha cuideachd còmhstri ann a thog ceann eadar Ameireagaidh agus Breatainn às dèidh do shoitheach Breatannach a thighinn a-steach a Liverpool le bratach Ameireaganach rithe. Cluinnidh sinn carson agus mun bhuaireadh a lean.
Air an t-siathamh là deug den Ghearran 1915 dh'aontaich Riaghaltas Bhreatainn rèiseamaid a chur chun na Dardanelles. Cluinnidh sinn mu na h-adhbharan a bh' air cùl seo agus bho chlà radh a rinn Sgoil Eòlais an h-Alba le Pà draig Moireasdan, Pà draig Ghilleasbuig Phà draig à Griomasaigh an Uibhist a Tuath a bha thall 's a dh'fhairich. Cluinnidh sinn cuideachd mar a dh'innis a' Ghearmailt gu robh iad a' tòiseachadh cogadh U-boat le dùthaich sam bith a bha a' malairt ri Breatainn.
Tha Seachdainean sa Chogadh air a thoirt thugaibh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Mon 23 Feb 2015 12:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 23 Feb 2015 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 1 Mar 2015 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal