An t-Urr Calum MacMhathain, Eaglais Shaor Shiaboist 1987
Seirbheis à tasglann a' BhBC còmhla ris an Urr Calum MacMhathain, Eaglais Shaor Shiaboist 1987. A Gaelic archive service from 1987 conducted by the late Rev Calum Matheson.
Anns an t-seirbheis à tasglann a' BhBC air an t-seachdain seo cluinnidh sibh seirbheis a chaidh a chlà radh còmhla ris an Urr Calum MacMhathain, nach maireann, ann an 1987 nuair a bha e na mhinistear ann an Eaglais Shaor Shiaboist.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is an leughadh a leanas:
Salm 111 air fonn London New agus Salm 73 air fonn Stornoway, agus 's e D R Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.
Leughadh: 1 Timoteus 2: 1-11
Ceann-teagaisg: 1 Timoteus 2: 5
Rugadh Calum MacMhathain ann an 1948 agus cha robh anns an teaghlach ach e fhèin. Chaidh à rach ann a Steòrnabhagh agus bha e am measg buidheann bhalach as a' bhaile air an robh na Torquil Terrace Boys.
Chaidh oideachadh ann am Bun-Sgoil Steòrnabhaigh agus Àrd-Sgoil MhicNeacail agus dh'fhà g e an sgoil aig sia bliadhna deug. Chaidh e an uairsin a Lunnainn far an d'fhuair e obair san t-Seirbhis Chatharra.
Bha guth sònraichte là idir aig Calum agus bha sin gu math follaiseach bho là ithean òige. Nuair a bha e anns a' bhun-sgoil bhuannaich e am bonn òr aig a' Mhòd Ionadail airson seinn agus bha ùidh mhòr aige anns a' Ghà idhlig agus ann a bhith ga dìon.
Thòisich Calum air beatha Chrìosdail a leantainn nuair a bha e ann a Lunnainn, agus le cà irdeas is coibhneas bho Ghà idheil Lunnainn thà inig e gu bhith na bhall dhan choitheanal anns an Eaglais Shaor an sin. Bha ùidh mhòr aige anns na h-òraidean aig an Dr Mà rtainn Lloyd Jones agus bha e na bhall dhan choisir nuair a bha Billy Graham a' searmonachadh ann a Lunnainn. Thoisich Calum air searmonachadh an toiseach nuair a bha e ann an Lunnainn.
Aig fìor dheireadh na trì ficheadan ghluais e a Ghlaschu far an robh e na bhall de choitheanal Eaglais Shaor Bhaile Ghobhainn agus 's ann nuair a bha e an sin a fhuair e stiùireadh airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Nuair a dh'fhà g Calum an sgoil cha robh e air deuchainn a dhèanamh aig à rd-ìre agus le sin b' fheudar dha a dhol gu clasaichean oidhche. Rinn e adhartas air leth le foghlam aig à rd-ìre agus fhuair e teisteanas san oilthigh airson litreachas agus eachdraidh na h-Alba. A bharrachd air an sin bha e a' gabhail clasaichean prìobhaideach airson a Ghà idhlig a leasachadh. Chaidh Calum gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann bho 1977 gu 1980 agus chaidh a phòsadh ri coitheanal Shiaboist far an robh e na mhinistear airson aona bliadhna deug. Fhuair e gairm gu Eaglais Shaor nam Manach Liath ann an Inbhir Nis ann an 1991 far an do bhrosnaich e an coitheanal ann an iomadach dòigh. Gu mì-fhortanach às dèidh trioblaidean lannsa bhà saich e ann an 1992.
Bidh cuimhn' aig mòran air Mgr MacMhathain mar shearmonaiche air leth - duine mòr agus meas mòr aig daoine air. Bhiodh e tric ri chluinntinn ag rà dh "Tha an Tighearna math, Oh tha an Tighearna math.".
Last on
Broadcasts
- Sun 16 Dec 2012 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2016 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 26 Jan 2020 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal