An Dr Urr Aonghas Moireasdan, Eaglais na h-Alba
Seirbheis còmhla ris an Dr Urr Aonghas Moireasdan, Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Gaelic service conducted by the Rev Dr Angus Morrison, Parish of Orwell and Portmoak.
Anns an t-seirbheis air an t-seachdain seo tha an t-Urramach Aonghas Moireasdan a' toirt fainear dhuinn gu bheil sinn a' dlùthachadh air an à m den bhliadhna far am bi sinn a' cuimhneachadh agus a' toirt taing do Dhia airson breith ar slà naighear. Cluinnear taghadh de shailm, laoidhean agus leughaidhean co-cheangailte ris an à m seo den bhliadhna.
Cluinnidh sinn na sailm a leanas:
Salm 96: 7-8 air fonn Kilmarnock le Coinneach Urchardan os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Gheà rrloch
Salm 72: 18-19 air fonn Stornoway le Iain Murchadh MÃ rtainn os coinn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor a' Bhac
Cluinnidh sinn na laoidhean Nollaig:
Èist san Iarmailt Òran Binn air a sheinn le Coitheanal Eaglais Naomh Chaluim Chille ann an Glaschu
Ann am Baile Rìoghail Dhà ibhidh air a sheinn le Anna Nic na Ceà rdaich
Bha Buachaillean an Dùthaich Shear air a sheinn le Julie Fowlis
Agus cluinnear na leughaidhean seo anns an t-seirbheis:
Isaiah 9: 1-7
Luc 1: 26-33
Luc 2: 1-7
Rugadh agus thogadh an t-Oll Urr Aonghas Moireasdan ann an Gleann Comhann ann an 1953 ged a chuir e seachad a' chuid as motha de là ithean òige anns an Òban. B' ann do bhaile Lingreabhagh anns na Hearadh a bhuineadh athair agus a mhà thair agus tha deagh chuimhne aige fhèin iomadach samhradh a chur seachad ann an Ceann a Deas na Hearadh agus a bhith a' faighinn blasad air dòigh-beatha na h-Eileanan an Iar.
Chaidh Mgr. Moireasdan gu Àrd-Sgoil an Òbain agus às a sin gu Oilthigh Ghlaschu far an d' fhuair e teisteanas MA ann an Laideann agus Greugais. Fhuair e teisteanas BD tro Oilthigh Lunnainn agus PhD bho Oilthigh Dhùn Èideann.
Tha Mgr. Moireasdan air a bhith ann an ceithir paraistean bhon a ghabh e dreuchd ministear ann an 1979: an t-Òban, Dùn Èideann, Steòrnabhagh agus, an-drà sta fhèin, an Eaglais Sgìre Orwell & Portmoak. Bha Mgr Moireasdan cuideachd na Mhodarà tair aig Eaglais na h-Alba ann an 2015.
Tha e pòsta aig Marion agus tha ceathrar de theaghlach aca, triùir ghillean agus aon nighean.
Bha ùidh a-riamh aige ann a bhith a' leughadh agus a' ceannach leabhraichean agus 's iomadh turas a bhiodh a mhà thair a' trod ris na òige gun robh e air an t-airgead a thug i dha airson lèintean a cheannach a chosg air leabhar eile. 'S e cluas bhodhar a fhuair i agus e fhathast trom air a bhith a' ceannach leabhraichean. Tha ùidh mhòr aige cuideachd ann a bhith a' coimhead ball-coise agus ag èisteachd ri ceòl clasaigeach.
Last on
An Dr Urr Aonghas Moireasdan
Broadcasts
- Sun 16 Dec 2012 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Dec 2012 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 16 Dec 2018 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal