Main content
Sorry, this episode is not currently available

còmhla ris a' Chanan Dòmhnall MacAoidh

Seirbheis còmhla ris a' Chanan Dòmhnall MacAoidh, paraiste Ceann a Deas Uibhist 's Èirisgeidh. Service conducted by Canon D MacKay, parish priest of south end of Uist & Eriskay.

Cluinnidh sibh seirbheis le blas na Nollaige an-diugh ann an Dèanamaid Adhradh còmhla ris a'
Chanan Dòmhnall MacAoidh.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean is leughaidhean a leanas:

Còisir Sgoil Dhalabroig a' seinn na laoidhean Ainglean Chuala Sinn gu h-Àrd agus Tàladh Chrìosda
Mairi C NicNèill ai seinn A Rìgh nan Rìghrean
Còisir Eaglais Naomh Barr anns a' Bhàgh a Tuath a' seinn Nach Tig thu Naomh Messiah, A' Chreud agus an salm A Rìgh nan Dùl
Còisir Eaglais Naomh Mhìcheil ann an Èirisgeidh a' seinn Is Naomh, Naomh, Naomh Thu

Chuala sibh na leughaidhean:
Luc 2: 8-21 air a leughadh leis a' bhean-chràbhaidh Màiri C NicAonghais
Tìtus 2: 11-14 & Tìtus 3: 4-7

Rugadh an Canan Dòmhnall MacAoidh ann an Uibhist a Deas. Chaidh a thogail ann an sgìre Ghearradh na Mònadh agus b' ann nuair a bha e na chlèireach air an altar ann an Eaglais Màthair na Dòrainne a rinn e suas inntinn gun robh e son a bhith na shagart agus b' e sin an t-slighe a lean e.
Chaidh Mgr Dòmhnall gu Sgoil Ghearradh na Mònadh gus an robh e dhà dheug agus chaidh e às an sin gu Sgoil Naomh Vincent air Bruach Chluaidh agus gu Colaiste Blairs. Ghluais e às an sin gu Colaiste na Sagartachd anns an Spàinn, a bha stèidhichte aig an àm sin ann an Valladolid. Ann an 1976 thill e dhachaigh agus ghabh e bòidean na sagartachd.

Chaidh Mgr Dòmhnall air ais gu Sgoil Naomh Vincent son bliadhna, an turas-sa na neach-teagaisg. Ghluais e dhan Òban bliadhna as dèidh sin far an do chuir e seachad ùine ann an cuideachd an Easbaig Cailean Mac a' Phearsain agus an Àrd-Shagart Thomas Whynn. Bha Mgr Dòmhnall a' frithealadh paraistean Dhalabroig còmhla ri Mgr Niall agus Mgr Iain MacIlleathain agus paraiste a' Ghearastain còmhla ri Mgr Iain MacNèill. Thill e air ais dhan Spàinn airson sia bliadhna agus b' ann aig an àm sin a ghluais Colaiste na Sagartachd bho Valladolid gu Salamanca. 'S e an t-Easbaig Iain Moireach, a tha air a bhith na Easbaig air Sgìre Easbaigeach Earra Ghàidheil 's nan Eilean gu bho chionn ghoirid, a bha na cheannard air a' Cholaiste san Spàinn aig an àm sin.

Ann an 1991 chaidh Mgr Dòmhnall a chuir a Bhàgh a' Chaisteil na shagart paraiste agus bha e a' frithealadh na sgìre sin gu 2001, a' bhliadhna a chomharraich e còig bliadhna fichead na shagart. Bhàsaich a mhàthair dìreach beagan làithean às dèidh dha an ceann-là sin a chomharrachadh agus i air an cothrom fhaighinn a bhith an làthair aig aifreann shònraichte a chaidh a chumail ann am Barraigh air a shon. Ghluais Mgr Dòmhnall dhan Òban ann an 2001 far an robh e stèidhichte aig Cathair Eaglais Naomh Chaluim Chille. An-uiridh chaidh a ghluasad gu bhith os cionn paraiste Ceann a Deas Uibhist agus Èirisgeidh.

Tha ùidh mhòr aige ann a bhith leughadh agus a bhith leantainn cor na h-Eaglaise air an eadar-lìon, agus tha ùidh mhòr aige ann an ceòl Gàidhealach.

30 minutes

Last on

Sun 23 Dec 2012 15:00

Canan Dòmhnall MacAoidh

Canan Dòmhnall MacAoidh

Broadcasts

  • Sun 23 Dec 2012 09:00
  • Sun 23 Dec 2012 15:00