Main content

An t-Oll Urr Tormod MacÃŒomhair

Seirbheis bho 1993 còmhla ris an Oll Urr Tormod MacÌomhair, Eaglais na h-Alba, Newhills, Obar Dheathain. Archive service conducted by Rev Dr Norman MacIver, Newhills CoS from 1998.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus an leughadh a leanas:

Salm 107: 1-2 air fonn Kilmarnock agus 's e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Loch nam Madadh.

Salm 94: 17-19 air fonn Torwood agus 's e Fionnlagh Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Steòrnabhaigh.

Salm 126: 3-6 air fonn Stornoway agus 's e Dòmhnall Iain Moireasdan a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Free North ann an Inbhir Nis.

Leughadh: Lùcas 1: 26-38

Rugadh Tormod MacÌomhair ann an Glaschu ann an 1941. Bhuineadh athair do sgìre Chàrlabhaigh agus a mhàthair do sgìre Leumrabhagh. Bha triùir bhalach san teaghlach agus b' e Tormod a bu shine. Thòisich e anns an sgoil ann an Glaschu agus bha e fhèin agus Irene, a bhean, air an aona chlas san sgoil. Ghluais an teaghlach a Leòdhas nuair a bha e 6 bliadhna a dh'aois agus chaidh iad a dh'fhuireach a Chàrlabhagh far an robh athair a' dol a dh'obrachadh croit a theaghlaich. Bhàsaich athair nuair a bha Tormod 10 bliadhna a dh'aois agus ghluais a mhàthair agus an teaghlach air ais a Ghlaschu bliadhna an dèidh sin. Chaidh iad air ais a dh'fhuireach dhan aon taigh san robh iad agus a' frithealadh an aon eaglais agus sgoil.

Chaidh Mgr MacÌomhair gu Àrd-sgoil Woodside airson foghlam aig àrd-ìre agus am measg nan cuspairean a bhathar a' teagasg san sgoil aig an àm, bha a' Ghàidhlig. Fhad 's a bha e san sgoil fhuair e urram caiptein na sgoile. Chaidh e an uairsin a dh'Oilthigh Ghlaschu airson ùine ghoirid agus an dèidh sin fhuair e cosnadh ann an gnìomhachas àrachais. Thug Irene a-mach àrd-dhreuchd na banaltram agus phòs iad ann an 1963. Bha ceathrar chlann-nighean aca agus cheumnaich e fhèin à Oilthigh Chaledonia ann an Glaschu.

Ann an 1970 chaidh Mgr MacÌomhair air ais dhan oilthigh agus e nise a' leantainn dreuchd na ministrealachd. Cheumnaich e le MA agus BD à Oilthigh Ghlaschu ann an 1976 agus thug e mach dreuchd ministeir. Chaidh a phòsadh ri coitheanal Paraiste Newhills ann an Obar Dheathain ann an 1976 agus bha e a' frithealadh an aon choitheanal gus an do leig e dheth a dhreuchd ann an 2006.

Fhad 's a bha e na mhinistear ann an Newhills bha e gu mòr an sàs ann an obair ministrealachd aig ìre nàiseanta agus eadar-nàiseanta. Bhiodh e a' siubhal gu àitichean fad às mar na Philippines, Thailand, Brazil, Hungary, Israel agus na Stàitean Aonaichte. Bha e na àrd-stiùiriche aig Eaglais na h-Alba ann a bhith taghadh dhaoine a bha freagarrach airson a dhol a-staigh airson na ministrealachd. Bha e cuideachd na bhall air iomadach comataidh eile, nam measg Comhairle an Àrd-sheanaidh far an robh e na Neach-gairm air Comataidh a' Chonaltraidh agus Comataidh na Gàidhlig . Bha e cuideachd na Mhodaràtair air Clèir Obar Dheathain ann an 1988. Cheumnaich Mgr MacÌomhair le Urram Dotaireachd bho Seamanaraidh Diadhachd Pittsburgh an co-bhann ri Oilthigh Obar Dheathain ann an 2003. Bha e cuideachd na riaghladair air Colaiste Diadhachd na Gàidhealtachd agus air a' bhuidheann Forward Together.

Às dèidh dreuchd paraiste a leigeil seachad, chaidh Mgr MacÌomhair agus a bhean air cuairt trì mìosan air feadh an t-saoghail. Chùm e air a' searmonachadh ann am paraistean faisg air fhèin ann an sgìre Ghòrdain, agus bha e cuideachd ri chluinntinn a' searmonachadh ann an Nassau anns na Bahamas. Shearmonaich e cuideachd air bàtaichean-cruise anns a' Charibbean agus chualas e a' seinn anns a' Ghàidhlig air na tursan aige.

Bhàsaich Mgr MacÌomhair san t-Samhain 2019.

10 days left to listen

30 minutes

Last on

Sun 1 Dec 2024 21:00

An t-Oll Urr Tormod MacÃŒomhair

An t-Oll Urr Tormod MacÃŒomhair

Broadcasts

  • Sun 9 Dec 2012 21:00
  • Sun 9 Dec 2018 21:00
  • Sun 2 Feb 2020 21:00
  • Sun 19 Jun 2022 21:00
  • Sun 1 Dec 2024 21:00