Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic

Tasglannan airson 2010-02

Dà cheist agus ceistean eile

Tha fios againn aig a cheann thall dè na ceistean a bhiodh air a' phàipear-bhòtaidh ann an referendum an SNP.

Sin as dèidh mar a dh'fhoillsich Ailig Salmond a' chiad dhreach den .

Cha bhiodh aon ach dà phàipear-bhòtaidh fa leth agus ceist air gach fear dhiubh.

Air a' chiad fhear, dheidheadh fhaighneachd am bu chòir cumhachdan a bharrachd a bhith aig pàrlamaid na h-Alba.

Air an darna fhear, dheidheadh fhaighneachd am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimilich.

Bidh cuimhne aig cuid gur e sin an aon chruth a bha air an referendum a thug fèin-riaghaladh do dh'Alba ann an 1997.

Barrachd chumhachdan

Chuir riaghaltas an SNP romhpa am bile fhoillseachadh mar chiad dhreach a-mhàin as dèidh mar a thuirt na dùbhlanaich gum biodh iad ga mharbhadh cho luath sa gheibh iad grèim air.

Nuair a thèid bile a chur fa chomhair na pàrlamaid, 's ann leatha a bhios e, agus caillidh an riaghaltas smachd air - agus air a' chlàr-ama air a shon.

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' sìreadh bheachdan air na bhios 'barrachd chumhachdan' a' ciallachadh.

An e na molaidhean Chalmain a bhiodh ann, no làn fhèin-riaghalaidh le tòrr chumhachdan a bharrachd a' dol gu Holyrood?

Ach tha Ailig Salmond airson an referendum a chumail beò mar chuspair tro iomairt an taghaidh.

Agus tha e an dòchas gun atharraich cùisean aig Holyrood as a dhèidh cuideachd.

Taic

Tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile air a ràdh gum bhòt iad aghaidh a' bhile.

Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir cha robh Iain Gray, Annabel Goldie no Tavish Scott fiù 's airson bruidhinn mun chùis.

As aonais taic bho fhear dhe na pàrtaidhean sin, cha tèid am bile troimhe.

Ach tha Mgr Salmond an dòchas gum bi na Lib Deamaich deònach smaointinn a-rithist as dèidh an taghaidh.

'S e polasaidh nan Lib Deamach cumhachdan a bharrachd a thoirt do Holyrood.

Tha am bile seo a' toirt cothrom do Mhgr Scott sin a dhèanamh - cho fad 's a bhios misneachd aige nach bhòt muinntir na h-Alba airson neo-eisimileachd.

Aig an ìre-sa, tha Mgr Scott ag ràdh gum bhòt iad leis na pàrtaidhean dùbhlanach eile airson am bile a mharbhadh.

Chì sinn dè thachras nuair a thèid am bile a chuir fa chomhair na pàrlamaid ron t-samhradh.

Faclan nach cluinnear gu tric...

Chan annÌýgu minicÌýa chluinneas sibh daoine aig Holyrood ag aideachadh gun robh iad ceàrr.

Ma bhios iad a' toirt leisgeul seachad, mar as trice bidh iad a' feuchainn riÌýcuideigin eile a choireachadh seach iad fhèin.

An-diugh, ge-tà, sheas an leas-prìomh mhinistear air beulaibh na pàrlamaid airson innse do bhuill gun robh i ceàrr agus gun robh i duilich air a shon.

Sin as dèidh mar a chàineadh i airson litir a sgrìobhadh don chùirt ann an cùis duine a chaidh a dhìteadh roimhe airson foill.

Thàinig Abdul Rauf dhi airson taic as dèidh dha sochairean soisealta fhaighinn air nach robh e airidh.

Dh'iarr i air a' chùirt beachdachadh air peanasan eile seach prìosan airson Mhgr Rauf agus i draghail mun bhuaidh air a shlàinte agus a theaghlach.

Eadar-dhealaichte

Ann an aithisg don phàrlamaid,Ìýthuirt Nicola Sturgeon gun robh e ceart do bhuill-pàrlamaid daoine bho na sgìrean aca fhèin a riochdachadh.

Thuirt i gun robh an aon dleastanas aig gach ball sin a dhèanamh - cha robh e gu diofar nan robh am ball sin na ministear cuideachd.

Mar sin dheth, bha e ceart - na beachd fhèin - an litir a sgrìobhadh don chùirt air sgàth Mhgr Rauf.

Ach, thuirt i gum bu chòir dhi an litir a sgrìobhadh ann an dòigh eadar-dhealaichte.

Thuirt i nach bu chòir dhi ràdh gur e "mearachd" a rinn e agus cuid den bheachd gun robh i cumail a-mach nach robh foill na h-eucoir thruim.

Agus thuirt Nicola nach bu chòir dhi iarraidh air a' chùirtÌýbeachdachadh air peanasan seach prìosan - rud a dhèanadhÌýi co-dhiù.

¹óྱ±ô³Ù±ð

Anns a' mhòr-chuid chaidh fàilte a chuir air na thuirt an leas-phrìomh mhinistear leis na pàrtaidhean dùbhlanach aig Holyrood.

Chaidh a moladh leis na Lib Deamaich, na Tòraidhean agus na h-Uinich airson a leisgeul.

Airson nan Tòraidhean,Ìýthug Annabel Goldie taing dhi airson aÌýbhith dana gu leòr airson aideachaidh nach d' fhuair i a h-uile càil ceart.

Agus rinn i coimeas eadar dol a-mach Nicola Sturgeon agus dol a-mach a' phrìomh mhinisteir nuair a bhruidhinn esan air a' chùis.

Thuirt an Lib Deamach, Raibeart Brown, gun robh an aire a-nis air Mgr Salmond airson a ràdh gun robh dleastanas air buill taic a thoirt do dhaoine ann an suidheachadh mar seo.

Cha robh na Làbaraich cho fàilteachail do dh'aithisg Nicola Sturgeon, ag ràdh gur e adhbhar nàire a bha ann dhi gun robh aice ris an leisgeul seo a thoirt seachad.

Aig deireadh an là, ge-tà, bha cliù agus dreuchd an leas-phrìomh mhinisteir a' coimhead nas treasa air sgàth na thuirt i.

Sin mar a bha cùisean coltach bhon t-seòmar fhèin - 's e beachd nan daoine taobh a-muigh am fear as cudromaiche.

Creideamh is Poileataigs

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-23, 18:51

Beachdan (0)

Anns na Stàitean Aonaichte, far a bheil sgaradh foirmeil eadar an Stàit agus na h-eaglaisean, tha ceangal làidir ann eadar creideamh agus poileataigs.

Ann am Breatainn, far am biÌýeaspaigean fhathast a' gabhail sheataichean ann an Taigh nam Morairean, cha tèidÌýa ràdhÌýgu triceÌýgum bu chòir ceangalÌýeadarra idir.

Ach a-nis tha Rùnaire na h-Alba air trod adhbhrachadh às dèidh mar a thuirt e ann an òraid gun robh luchd-bhòtaidh le creideamh cudromach do dh'iomairtÌýa' phàrtaidh Làbaraich.

Rinn e iomradh air pàirt a' Bhìobaill ann an eachdraidh a' phàrtaidh Làbaraich.

Thuirt e gun d' fhuair na Làbaraich 31% den bhòt bho dhaoine le creideamh - 9% air thoiseach air na Tòraidhean - aig an taghadh mu dheireadh.

Bha aig a' phàrtaidh ri sin a dhèanamh a-rithist, a-rèir Mhgr Murphy, aig an taghadh am bliadhna.

Ifrinn

Cha deach cùisean mar a bha Mgr Murphy ag iarraidh ge-tà.

Thuirt labhraiche na h-Eaglaise Caitligiche an-dè gun robh an riaghaltas Làbarach air ionnsaigh a thoirt air an teaghlach tràidiseanta agus air saorsa-creideamh ann am Breatainn.Ìý

Agus an-diugh thuirt an Cardinal Keith Patrick O'Brien gun tuirt e ri Iain Gray gun robh e an dòchas gun toireadh am Pàpa 'ifrinn'Ìýair nuair a thadhaladh e air Alba am bliadhna.

Dh'iarrÌýan Cardinal air daoine beachdachadh air na bha iad ag iarraidh - tuilleadh den aon rud, no atharrachadhÌýair anÌýdòigh anns an robhÌýdaoine beò.

Tha e duilich do phàrtaidh a tha air a bhith ann an cumhachd fad 13 bliadhna ri ràdh gu bheil iad a' tabhainn atharrachadh.

An-diugh, am bi Jim Murphy den bheachd gun robh e glic dha creideamh a thogail mar chuspair phoileataigeach?

Taghadh

ThaÌýMgr Murphy a' riochdachadh Shìorrachd Rinn Friù, sgìre far a bheil coimhearsnachdan mòra Crìosdail, Muslamach agus Iùdhach.

An-diugh tha fear-labhairt a' phàrtaidh air bhith a' dol às àicheadh gun robh ceangal sam bith eadarÌýan taghadhÌýagus na thuirt Mgr Murphy a-raoir.

Sin a dh'aindeòin mar a rinn e iomradh air an sgìre phàrlamaid aige air a' chiad duilleig den òraid aige.

Ach ge b' e dè thug air Mgr MurphyÌýan òraid seo a ghabhail, tha e air deagh cheist a thogail:

Am bu chòir ceangail a bhith ann eadar creideamh agus poileataigs?

Mar as àbhaist, fàgaibh ur beachdan fhèin an seo.

A' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh...

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-18, 19:02

Beachdan (0)

Tha an dà phàrlamaidÌý- agus am blog seo - nam fosadh.

Ach shaol mi gum bu chòir dhomh beagan a sgrìobhadh mun òraid a bheir Gòrdon Brown seachad ann an Conventry Disathairne.

Tha sinn a' tuigsinn gum foillsich am Orìomhaire na ceithir cuspairean a bhios aig cridhe iomairt a' phàrtaidh LàbaraichÌýsan taghadh choitcheann.

'S iad:

  1. dèanamh cinnteach gun lean am feabhas anns an eaconomaidh
  2. dìon sheirbheisean bunaiteach
  3. toirt taic don mhòr-chuid
  4. dìon chosnaidhean anns an àm ri teachd.

Iomairt

Bidh naÌýroinneagan mòra bhon phàrtaidh an làthair; Alistair Darling, Peter Mandleson agus Alan Johnson nam measg.

Chan eil dùil gun tèid là an taghaidh fhoillseachadh, ach tha e soillear gu bheil Mgr Brown a' cur iomairt nan Làbarach air cois.

Dè seòrsa iomairt a bhios innte ge-tà?

Shaoladh sibh gum biodh gach pàrtaidh a' bruidhinn mun eaconomaidh, seirbheisean agus cosnaidhean.

Ach thoiribh sùil air an treas chuspair.

Ma tha na Làbaraich a' toirt taic don mhòr-chuid dè tha iad ag innse dhuinn mu na Tòraidhean?

Cogadh nan Clasaichean

Tha Mgr Brown air dualchas Dhàibhidh Chamshron a chleachdadh na aghaidh roimhe.

Thuirt e gun deach polasaidhean a' phàrtaidh aige a chruthachadh air roinnean-cluiche Eton.

A bheil na LàbaraichÌýairsonÌý's gur e cogadh nan clasaicheanÌýa bhios ann an iomairtÌýan taghaidh?

Cha do dh'obraich sin cho math ann am fo-thaghadh Chrewe agus Nantwich.

Ach dh'fhaoidte gum bi daoine nas deònaiche èisteachd ri seo agus tòrr dhaoine a' fullaing mar thoradh air droch staid na h-eaconomaidh.

Anns an eadar-ama, tha sinn uile dìreach a' feitheamh air a' ghunna tòiseachaidh.

An duine a tha airson a bhith na phrìomhaire

'S e trioblaid aÌýtha ann an Alba do Dhàibhidh Camshron.

Tha Ceannard nan Tòraidhean airson a bhith na phrìomhaire as dèidh an taghaidh.

Ach fiù 's maÌýgheibh na Tòraidhean mòr-chuid, bidh e fìor dhuilich dhaibh barrachd na àireamh bheag de bhuill fhaighinn ann an Alba.

An-dràsta 's e Dàibhidh Mundell an aon bhall Albannach a tha aig na Tòraidhean anns na Cumantan.

Tha fios air Mgr Camshron, mar sin, gu faodadh e a bhith na phrìomhaire gun ach beagan bhall an Alba.

Agus gum biodh aige ri dèiligeadh ri riaghaltas nàiseantach ann an Dùn Èideann.

Urram

Anns an òraid aige an-diugh do cho-labhairt Albannach nan Tòraidhean ann am Peairt, bha teachdaireachd don Phrìomh Mhinistear.

Tha Mgr Salmond an dòchas gum bi muinntir na h-Alba nas coltaiche taic a thoirt don SNP - agus do neo-eisimileachd - ma bhios riaghaltas Tòraidheach aig Westminster.

Tha Mgr Camshron eòlach air seo agus mar neach-taic an aonaidh, tha e airson sabaid eadar Lunainn agus Dùn Èideann a sheachnadh.

An-diugh, thuirtÌýMgr Camshron uairÌýeileÌýgun dèiligeadh e ri Alba le urram nam faigheadh e na h-iuchraichean do dh'Àireamh a Deich.

Chàin e mar nach do choinnich Gòrdon Brown ri Ailig Salmond fad bliadhna nuair a chaidh ceannard an SNP a thagadh mar Phrìomh Mhinistear.

Thuirt e gun tigeadh e do dh'Alba airson coinneachadh ris a' Phrìomh Mhinistear cho luath 's a dheidheadh a thaghadh.

Barrachd cumhachd

GheallÌýMgr Camshron gun gluaiseadhÌýna TòraidheanÌýair adhart le cumhachdan a bharrachd do Phàrlamaid na h-Alba.

Tha am pàrtaidh a bha an aghaidh fèin-riaghlaidh a-nis ag ràdh gur iad am pàrtaidh airson fèin-riaghalaidh.

Dh'fhoillsicheadh iad pàipear geal stèidhichte air molaidhean Choimisean Chalmain.

Chan eil cinnt gun gabhadh na Tòraidhean ri gach moladh a thug an coimisean seachad - air ³¦Ã¬²õ±ð²¹²Ô mar eisimpleir.

Ach tha na Tòraidhean a-nis a' dol gu iomairt an taghaidh ag iarraidh barrachd chumhachdan do Holyrood.

Tha cùisean air atharrachadh gu mòr on a bha an riaghaltas Tòraidheach mu dheireadh ann am Westminster.

Atharrachadh

'S e sin an teachdaireachd a tha na Tòraidhean fhèin airson a sgaoileadh don luchd-bhòtaidh.

Tha am pàrtaidh airson sealltainn gu bheil iad air atharrachadh as dèidh bhliadhnaichean nuair a bha feadhainn ann an AlbaÌýro dhiuid an t-ainm 'Tòraidh' a thoirt orra fhèin.

Anns an òraid aicese anns a' mhadainn, dh'iarr Annabel Goldie air daoine nach do bhòt air an son roimhe an taic a thoirt do na Tòraidhean an turas-sa.

'S eÌýbeachdÌýnan TòraidheanÌýgun do sheall am pàrtaidh aig Holyrood gur urrainn dhaibh buaidh a thoirt air polasaidhean riaghaltas na h-Alba

Tha iad airson sealltainn gu bheil am pàrtaidh air ais ann anÌýAlba airson nan taghaidhean ann am Westminster.

Leis na cunntasan-bhachd a' teannachadh, dh'fhaoidte gum biodh buill Albananch glè chudromach dhaibh

Dàrna roghainnean

Tha Gòrdon Brown airson referendum a chumail as dèidh an taghaidh gus taic fhaighinn bhon mhòr-shluagh airson an siostam-bhòtaidh ann am Westminster atharrachadh.

Dh'fhaodadh sibh tomhas gu bheilÌýMgr Brown ag amas air taic fhaighinn bho na Lib Deamaich mas e isÌýgum bi pàrlamaid gun mhòr-chuid nuair a thèid bhòtaichean a chunntadh.

Anns an eadar-ama, tha aige ri taic fhaighinn bho na buill a tha a' frithealadh Westminster an-dràsta.

Ged nach eil plana Mhgr Brown a' dol fada gu leòr dhaibh, tha dùil gun bhòt na Lib Deamaich air a shon.

Ach tha na Tòraidhean an aghaidh atharrachaidh sam bith don t-siostam-bhòtaidh.

Agus tha dùil ri ar-a-mach bho chùl-bheingearan a' phrìomhaire fhèin.

Sgaraidhean

'S e cuspair a tha seo a dh'adhbhraicheas sgaraidhean anns a' phàrtaidh Làbarach.

Bha gealltanas air atharrachadh don t-siostam-bhòtaidh ann am manifesto a' phàrtaidh ann an 1997.

Ach b' e an fhìrinn gun robh tòrr anns a' phàrtaidh gu tur na aghaidh agus cha mhòr nach do dh'fhalbh a' chuspair far a' chlàir as dèidh .

Mar sin, tha na Lib Deamaich gu math amharrasach mun tionndadh as ùire ann an sgeulachd nan Làbarach air a' chùis.

Carson a tha iadÌýga chur air adhart cho anmoch anns an là agus an taghadh beagan mhìosan air falbh?

A rèir Chris Huhne, chan e ach tionndadh beachd air leabaidh a' bhàis a tha seo.

Cosgaisean

Thuirt Mgr Brown, ge-tà, gun robh sgainneal nan cosgaisean a' fàgailÌýcliù Westminster feumach air togail.

Dh'fhàgadh siostam nan bhòt roghnach - no AV - gum biodh taic nas fharsainge aig buill-pàrlamaid, a-rèir a' phrìomhaire.

Fon t-siostam, dh'fheumadh tagraiche taic fhaighinn bho co-dhiù 50% den luchd-bhòtaidh mus deidheadh a thaghadh.

('S e ceist eile cho domhainn 's a bhiodh an taic seo agus cuid dhith a' tighinn bhon dàrna - no fiù 's treas - roghainnean.)

Chan e PR a tha ann ge-tà - aig an taghadh mu dheireadh fhuair na Làbaraich 55% de na seataichean le dìreach 35% de na bhòtaichean.

Cha dèanadh AV càil gus dèiligeadh ri sin.

Ù¾±²Ô±ð

'S dòcha gu bheil sin a' mìneachadh carson a tha grunn Làbarach na aghaidh - agus carson nach eil ann ach darna roghainn airson nan Lib Deamach.

Tha sinn a' creidsinn gum faodadh 40 ball-làbarach bhòtadh an aghaidh an riaghaltais.

Dh'feumadh an àireamh sin èirigh gu 60 gus am bi aca ri taic a' lorg bho na pàrtaidhean eile.

Mar sin dheth, is coltach gun tèid e troimhe - aig an ìre-sa.

Ach fiù 's ma thèid, chan eil cus coltaisÌýgum bi ùine gu leòr ann airson aÌýchurÌýann an laghÌýron taghadh choitchean.

Ach tha sùil Ghòrdon Brown air anÌýtaghadh sin - agus na beagan làithean as a dhèidh.

5 gu 3

Roinnean Phost: ,Ìý

Niall O’Gallagher | 2010-02-05, 9:54

Beachdan (0)

Cha robh e gu bhith mar seo.

Nuair a chaidh Pàrlamaid na h-Alba a stèidheachadh còrr is 10 bliadhna air ais bha cùisean gu bhith diofraichte.

An àite na sabaid ris an robhÌýsinn cleachte aig Westminster, bha gnothaichean aigÌýHolyrood gu bhith stèidhichte air aonta eadar na diofar phàrtaidhean, agus an siostam-bhòtaidh ga dhèanamh duilich do phàrtaidh sam bith mòr-chuid fhaighinn.

Cha do thachair sin, agus 's dòcha nach e rud dona a tha seo - uaireannan 's e rud fallain a tha ann an sabaid.

Ach bha na comataidhean gu bhith eadar-dhealaichte.

Chan ann mar sin a tha cùisean coimhead an-diugh.

AontaÌý

Tha Comataidh a' Cheartais air fhoillseachadh.

Cha b' urrainn dhaibh aonta a ruighinn air tòrr.

Cha b' urrainn dhaibh fiù 's aontachadh gum bu chòir dhaibh a' chùis a sgrùdadh anns a' chiad dol a-mach.

Chaidh iarraidh air a' chomataidh sin a dhèanamh le ceannard nan Làbarach às dèidh an deasbaidÌýshònraichte anns a' phàrlamaid san t-Sultain, a lean saoradh Mhegrahi an t-seachdain roimhe.

Bhòt Bill Aitken (Tòraidh), Robert Brown (Lib Deamach), Bill Butler (Làbarach), Cathie Craigie (Làbarach) agus Paul Martin (Làbarach) airson gabhail ri moladhÌýIain Gray.

Bhòt Angela Constance (SNP), Nigel Don (SNP) agus Stewart Maxwell (SNP) na aghaidh.

LoidhnicheanÌýpàrtaidhÌý

'S dòcha gum bu chòir dhuinn cuimhneachadh dè mu dheidhinn a tha sinn bruidhinn.

Ann an 1988 -Ìýmurt 270 duine san ionnsaigh ceannairc a bu mhiosa am Breatainn riamh.

Ann an 2009Ìý-Ìýshaoradh an aon duine a chaidh a dhìteadh air a shon, airÌýbheil aillse, agus tòrr daoine fhathast teagmhach mu chiont - ciont nach do dh'aidich e a-riamh.

A bharrachd air sin -Ìýan co-dhùnadh a bu dhuilghe o thoiseach fèin-riaghalaidh agus sùilean an t-saoghail air Alba.

Ma bheir muinntir na h-Alba sùil air pàrlamaid na dùthcha an-diugh, dè chì iad?

Agus dè smaoinicheas iad mu bhuill a' bhòtadh air loidhnichean pàrtaidh air cùis mar seo?

IomchaidhÌý

Cha robhÌýa' chomataidhÌýa' sgrùdadh a' cho-dhùnaidh fhèin ach an dòigh anns an deach a làimhseachadh.

AchÌýthaÌýan aon phatran a leantainn tro aithisg na comataidh - 5 airson, 3Ìýan aghaidh.

Thuirt an aithisg nach robh e iomchaidh do Mhgr MacAsgail tadhail air Megrahi aig prìosan Ghrianaig - 5 gu 3.

Thuirt an aithisg gur dòcha gum bu chòirÌýdo Rùnaire a' Cheartais beachdÌýeile a' lorg mu shlàinte Mhegrahi - 5 gu 3.

Cha mhòr gur e an aon rudÌýair anÌýtàinig iad gu aonta a' chomhairle a fhuair Mhgr MacAsgail bho Sheirbhis Prìosan na h-Alba

Cha robh, am beachd na comataidh gu lèir, a' chomhairle sin soillear gu leòr.

Sgaraidhean

Dh'aidich cathraiche na comataidh, Bill Aitken, gun robh am pròiseas air sgaraidhean adhbhrachadh.

Chaidh an t-seann phrìomh mhinistear, Henry McLeish, na b' fhaide, ag ràdh gun dèanadh dol a-mach mar seo cronÌýair deamocrasaidh agus don phàrlamaid anns an àm ri teachd.

Is cinnteach gu bheil sgaradh bheachdan air saoradh Mhegrahi tron dùthaich.

Ach a bheil na beachdan sin air an sgaradh air loidhnichean pàrtaidh?

Gu dearbh, an e beachdan poileataigeach a tha annta idir?

'S ann air a' cheist sin, 's dòcha, a tha cliù Holyrood an crochadh an-diugh.

Cò air an dleastanas

RuithÌýdà chuspair tron deasbad aig ceistean a' Phrìomh Mhinisteir an-diugh.

B' iad na seirbhisean poblach a chleachdas sinn bho là gu là, agus cò air a tha an dleastanas air an son.

Thog Iain GrayÌýa chuid draghan muÌýbhuidseatan foghlaim aig ìre ionadail.

Chuir ceannard nan Làbarach as leth a' Phrìomh Mhinistear gun robh daoine a' fulaing mar thoradh air gearraidhean agus nach robh Mgr Salmond a' dèanamh gu leòr airson an cuideachadh.

Thuirt am Prìomh Mhinistear gun robh aig na comhairlean fhèin ri cur romhpa mar a chosgadh iad airgead agus gun robh Westminster agus na Làbaraich a bu choireachÌýris na gearraidhean.

Nan robh sin fìor, dh'fhaighnich Mgr Gray, carson a bha am Prìomh Mhinistear ann idir?

Cùram meidigeach

Thagh ceannard nan Tòraidhean mar chuspair cùram meidigeach a bha daoine a' faighinn taobh a-muigh nan uairean àbhaisteach.

A rèir Annabel Goldie, on a chur an riaghaltas mu dheireadh ainm ris a' chumhnant le dotairean, bha tuarastail air a dhol suas le 40% ach cha robh daoine a' faighinn a' chùraim a bha dhìth orra.

An toireadh Mgr Salmond, dh'fhaighnich i,Ìýsùil ùr air a' chumhnant sin, mar a dhèanadh na Tòraidhean nam buannaicheadh iadsanÌýtaghadh Westminster?

Dhiult Mgr Salmond gabhail ri sin.

A-rithist chuir e an dleastanas air daoine aig ìre ionadail - an turas-sa na buird ²õ±ôྱ²Ô³Ù±ð - airson co-dhùnaidhean a dhèanamh mu rudan mar seo.

Agus thuirt e gun robh a' mhòr-chuid den t-shluagh riaraichte leis an t-seirbhis a bha iad a' faighinn.

50 000 bholt

Bha Tavish Scott draghail mu sgeamaichean pidhleat a tha a' ruith ann an Camus Long agus anns a' Ghleann Ruadh far an tèidÌýgunnaichean taser a thoirt do gach oifigear poilis.

Rinn e iomradh air na thachair ann an Sasainn nuair a chaidh na gunnaichean seo a sgaoileadh.

A-rèir ceannard nan Lib Deamach, chaidh an cleachdadh 600 turas taobh a-staigh bliadhna.

Agus, thuirt e,Ìýchaidh 'losgadh air 34 duine cloinne, le 50 000 bholt'.

Ach, thuirt Mgr Salmond gur ann as urra ri Àrd Chonstabal Sràth Chluaidh dearbhadh dè bha a dhìth anns an sgìre aige fhèin.

An aon fheagairt do thrì ceistean fa leth - ach cò air an dleastanas? Dè ur bheachd fhèin?

Deireadh sabaid a' bhuidseit - toiseach sabaid an taghaidh

Mar a bha dùil, chaidh buidseat riaghaltas na h-Alba troimhe gun cùs trioblaid.

Briseadh dùil don fheadhainn a bha airson na chunnaic sinn an-uiridh fhaicinn a-rithist.

Chaidh an ceòl air feadh na fidhle an uair sin nuairÌýa dh'fhàiligÌýairÌýIain SwinneyÌýam buidseat fhaighinn troimhe a' chiad uair.

Ach mar a sgrìobh mi na bu tràithe,Ìýbha buill draghail mun bhuaidh a bheireadh e airÌýan cliù leisÌýan luchd-bhòtaidh.

Bu choltach gun robhÌýbuill a'Ìýlorg aonta nan gabhadh a lorg.

Aig a' cheann thall, fhuair iad e.

³§²µ°ùù»å²¹»å³ó

BhòtÌý66 airson a' bhuidseat,Ìý45 na aghaidh agus shuidhÌý14 a-mach às.

Fhuair an riaghaltas taic bho na Tòraidhean às dèidh dhaibh sgrùdadh fhoillseachadh air na tha iad a' cosg còmhla ri taic a bharrachd do ghnìomhachasan beaga.

Dh' ainmichÌýMgr Swinney 7500 àiteachanÌýann anÌýcolaistean gus cuideachadh a thoirt do dhaoine òga gun chosnaidhean agus gnìomhan air tuarasdail anns an riaghaltas fhèin - ach cha deach sin fada gu leòrÌýairson na Lib Deamaich.

Bhòt na h-Uainich air a shon, mar a rinn Margo NicDhòmhnaill, às dèidh dhaibh gealltanasan fhaighinn air trèanadh agus còmhdaichean blàithe ann an dachaighean, a-measg eile.

Ach cha robh na Làbaraich deònach taic aÌýchur ris às aonais tionndadh air ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.

Cha tàinig sin, agus bhòt na Làbaraich na aghaidh.

Roghainn

DèÌýfhuair na pàrtaidhean às ge-tà?

Tha Iain Swinney air buidseat a stiùireadh triomhe aig àm air leth teann - bidh esan toilichte a-nochd.

Tha na Tòraidhean, na Lib Deamaich, na h-Uainich agus Margo NicDhòmhnaill air rudan fhaighinn bhuaithe, ged a tha pàrtaidh Thavish Scott fhathast ag ràdh gu bheil barrachd aige ri dhèanamh.

Dè fhuair na Làbaraich ge-tà?

Fhuair iad a' chuspair.

Is cinnteach gun cluinn sinn a-rithist agus a-rithist mu dheidhinn ceangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu tro iomairt an taghaidh.

Glic

'S e ceist eile an e cleas glic a tha seo.

A bheil na Làbaraich draghail gun càil iadÌýseataichean ann an dàrna baile na h-Alba?

'S e oidhirp mhòr a tha a dhìth air an SNP fhathast ma tha iad airson briseadh troimhe ann an caisteal dualchasach nan Làbarach.

Tha mi air bruidhinn ri daoine an sàs ann an iomairt a' phàrtaidh ann an Glaschu an Ear agus Meadhan Ghlaschu, agus bha iad gu math dòchasach - fiù 's ann an dìomhaireachd - mu na bha air fàire dhaibh.

Thuirt duine aig ìre àrd ann an iomairt nan Nàiseantach nach robh plana nan Làbarach ag obair ann an Glaschu agus nach robh plana aca airson a' chòir den dùthaich.

Tha sabaid a' bhuidseat seachad ach tha sabaid an taghaidh dìreach a' tòiseachadh.

An tèid e troimhe?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-03, 13:57

Beachdan (0)

An-uiridh, nuair a thuit am buidseat air bhòt an oifigeir riaghalaidh bha ùpraid an seo aig Holyrood.

Cha robh a leithid air tachairt riamh agus bha sgeulachd mhòr againne mar luchd-naidheachd.

Ach, ged a bha e inntineach dhuinne, is coltach nach do chòrd e ris an luchd-bhòtaidh.

Tha mise air bruidhinn ri buill an seo a tha den bheachd gun d' rinn e cron, chan ann air an riaghaltas no air pàrtaidh gu sònraichte, ach air a' phàrlamaid gu lèir.

Carson,Ìýdh'fhaighnich feadhainn, nach b' urrainn dhaibh aonta a ruighinn air mar a thèid an t-airgead againne a chosg?

Cha do lùghdaich staing na h-eaconamaidh neartÌýa' bheachdÌýsin.

Taic

Sin fear de na h-àdhbharan nach eil dùil gun tachair an aon rud an turas-sa.

Tha na pàrtaidhean eile a' cumail a-mach nach cuir iad romhpa dè nì iad gus an cluinn iad bho dh'Iain Swinney anns an deasbad a thòiseachas aig 1430.

(Thèid a ma tha sibh airson a leantainn.)

Ach tha e coltach gum faigh Iain Swinney taic gu leòr bhon phàrlamaid airson am buidseat fhaighinn troimhpe.

Chan fhaigh i bho na Làbaraich i, agus iadsan fhathast mì-thoilichte mu chur às do cheangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.

Ach tha e an dòchas gu bheil e air gu leòr a dhèanamh airson taic fhaighinn bho na Tòraidhean no na Lib Deamaich, no co-dhiù airson toirt orra suidhe a-mach às a' bhòt.

Bidh mise air Aithris an Fheasgair leis an toradh às dèidh 1700 agus sgrìobhaidh miÌýtuilleadh an seo as dèidh sin.

Gabhaibh ar leisgeul...

Dh'fhàg trioblaidean teignigeach nach deach am pìos a sgrìobh mi mu ceistean a' phrìomh mhinisteir - agus Anndra Moireach bochd - fhoillseachadh gu ruige an-diugh.

Gabhaibh ar leisgeul - tha mi a' tuigsinn gu bheil cùisean ag obair mar bu chòir a-nis.

Bidh tuilleadh bhon bhlog a dh'aithgheàrr.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.