Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

Dà cheist agus ceistean eile

Tha fios againn aig a cheann thall dè na ceistean a bhiodh air a' phàipear-bhòtaidh ann an referendum an SNP.

Sin as dèidh mar a dh'fhoillsich Ailig Salmond a' chiad dhreach den .

Cha bhiodh aon ach dà phàipear-bhòtaidh fa leth agus ceist air gach fear dhiubh.

Air a' chiad fhear, dheidheadh fhaighneachd am bu chòir cumhachdan a bharrachd a bhith aig pàrlamaid na h-Alba.

Air an darna fhear, dheidheadh fhaighneachd am bu chòir do dh'Alba a bhith na dùthaich neo-eisimilich.

Bidh cuimhne aig cuid gur e sin an aon chruth a bha air an referendum a thug fèin-riaghaladh do dh'Alba ann an 1997.

Barrachd chumhachdan

Chuir riaghaltas an SNP romhpa am bile fhoillseachadh mar chiad dhreach a-mhàin as dèidh mar a thuirt na dùbhlanaich gum biodh iad ga mharbhadh cho luath sa gheibh iad grèim air.

Nuair a thèid bile a chur fa chomhair na pàrlamaid, 's ann leatha a bhios e, agus caillidh an riaghaltas smachd air - agus air a' chlàr-ama air a shon.

Tha an riaghaltas ag ràdh gu bheil iad a' sìreadh bheachdan air na bhios 'barrachd chumhachdan' a' ciallachadh.

An e na molaidhean Chalmain a bhiodh ann, no làn fhèin-riaghalaidh le tòrr chumhachdan a bharrachd a' dol gu Holyrood?

Ach tha Ailig Salmond airson an referendum a chumail beò mar chuspair tro iomairt an taghaidh.

Agus tha e an dòchas gun atharraich cùisean aig Holyrood as a dhèidh cuideachd.

Taic

Tha na Làbaraich, na Tòraidhean agus na Lib Deamaich uile air a ràdh gum bhòt iad aghaidh a' bhile.

Aig Ceistean a' Phrìomh Mhinisteir cha robh Iain Gray, Annabel Goldie no Tavish Scott fiù 's airson bruidhinn mun chùis.

As aonais taic bho fhear dhe na pàrtaidhean sin, cha tèid am bile troimhe.

Ach tha Mgr Salmond an dòchas gum bi na Lib Deamaich deònach smaointinn a-rithist as dèidh an taghaidh.

'S e polasaidh nan Lib Deamach cumhachdan a bharrachd a thoirt do Holyrood.

Tha am bile seo a' toirt cothrom do Mhgr Scott sin a dhèanamh - cho fad 's a bhios misneachd aige nach bhòt muinntir na h-Alba airson neo-eisimileachd.

Aig an ìre-sa, tha Mgr Scott ag ràdh gum bhòt iad leis na pàrtaidhean dùbhlanach eile airson am bile a mharbhadh.

Chì sinn dè thachras nuair a thèid am bile a chuir fa chomhair na pàrlamaid ron t-samhradh.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.