Â鶹ԼÅÄ

Blog PoileataigeachNaidheachdanBlog Poileataigeach
Help / Taic
« Post roimhe | Prìomh phost | Ath-phost »

An tèid e troimhe?

Roinnean Phost:

Niall O’Gallagher | 2010-02-03, 13:57

An-uiridh, nuair a thuit am buidseat air bhòt an oifigeir riaghalaidh bha ùpraid an seo aig Holyrood.

Cha robh a leithid air tachairt riamh agus bha sgeulachd mhòr againne mar luchd-naidheachd.

Ach, ged a bha e inntineach dhuinne, is coltach nach do chòrd e ris an luchd-bhòtaidh.

Tha mise air bruidhinn ri buill an seo a tha den bheachd gun d' rinn e cron, chan ann air an riaghaltas no air pàrtaidh gu sònraichte, ach air a' phàrlamaid gu lèir.

Carson, dh'fhaighnich feadhainn, nach b' urrainn dhaibh aonta a ruighinn air mar a thèid an t-airgead againne a chosg?

Cha do lùghdaich staing na h-eaconamaidh neart a' bheachd sin.

Taic

Sin fear de na h-àdhbharan nach eil dùil gun tachair an aon rud an turas-sa.

Tha na pàrtaidhean eile a' cumail a-mach nach cuir iad romhpa dè nì iad gus an cluinn iad bho dh'Iain Swinney anns an deasbad a thòiseachas aig 1430.

(Thèid a ma tha sibh airson a leantainn.)

Ach tha e coltach gum faigh Iain Swinney taic gu leòr bhon phàrlamaid airson am buidseat fhaighinn troimhpe.

Chan fhaigh i bho na Làbaraich i, agus iadsan fhathast mì-thoilichte mu chur às do cheangal-rèile puirt-adhar Ghlaschu.

Ach tha e an dòchas gu bheil e air gu leòr a dhèanamh airson taic fhaighinn bho na Tòraidhean no na Lib Deamaich, no co-dhiù airson toirt orra suidhe a-mach às a' bhòt.

Bidh mise air Aithris an Fheasgair leis an toradh às dèidh 1700 agus sgrìobhaidh mi tuilleadh an seo as dèidh sin.

Â鶹ԼÅÄ iD

Stiùireadh a’ BhBC

Â鶹ԼÅÄ Â© 2014 Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraich-lìn eile.

Gheibhear sealladh nas fheàrr den duilleig seo le sealladair lìn nas ùire agus na duilleagan stoidhle (CSS) air. Ged a chithear susbaint na làraich leis an t-sealladair lìn a th' agaibh, tha sinn a' moladh an dreach as ùire den bhathar-bhog ur sealladair a thoirt a-nuas, no ur duilleagan-stoidhle a chur air ma ghabhas sin dèanamh.