鶹Լ

Cha ghluais càr no plèan gun chonnadh, cha ghluais na ar bodhaigean. Feumaidh sinne ùٳ cuideachd.

Bidh a h-uile dad a tha sinn a' dèanamh a' cosg ùٳ. Feumaidh ar bodhaigean e airson gluasad, smaoineachadh agus fàs.

Cliog tron taisbeanadh agus chì thu eisimpleirean dhe na rudan a tha a' cur feum air ùٳ.

Carson a dh'fheumas sinn ùٳ?

Image gallerySkip image gallerySlide 1 of 5, Leanabh a' coiseachd dhan sgoil ann an èideadh-sgoile, A' coiseachd dhan sgoil Feumaidh ar bodhaigean connadh airson coiseachd dhan sgoil agus airson coiseachd dhachaigh. Tha e mar sin cudromach gun ith sinn daithead fhallain, chothromach gus am bi ùٳ gu leòr againn.

Cò às a tha sinn a' faighinn ùٳ?

  • Bidh sinn a' faighinn ùٳ à biadh agus à deochan.
  • Bidh a h-uile biadh a' leigeil ùٳ mu sgaoil nuair a thèid ithe agus a chnàmh.
  • Tha an connadh a gheibh ar bodhaigean a rèir 's dè dh'itheas sinn.
  • Bidh biadh a leigeas ùٳ mu sgaoil gu luath, mar suiteis no fìon-dhearcan, a' toirt dhuinn brag mòr de ùٳ sa bhad ach cha mhair e ro fhada.
  • Bidh biadh a leigeas ùٳ mu sgaoil gu slaodach, mar aran slàn-ghràn no lite, a' leigeil ùٳ mu sgaoil gu slaodach feadh an latha.

Faclan feumail

  • ùٳ – feumaidh ar bodhaigean seo airson gluasad, smaoineachadh agus fàs.
  • carbohaidreatan toinnte – buidheann de bhiadh fallain a bhios a' leigeil ùٳ mu sgaoil gu slaodach. Bidh iad a' toirt nas fhaide an cnàmh, agus mar sin, bidh thu a' faireachdainn làn nas fhaide. Mar eisimpleir, 's e carbohaidreatan toinnte a th' ann an rus ruadh, buntàta milis agus peasraichean uaine.
  • òٲ – mathachadh a bhios a' dèanamh ar bodhaigean làidir agus fallain.
  • calaraidhean – 's e aonad de ùٳ a th' ann an calaraidh. Dìreach mar a bhios sinn a' tomhas faid ann an ceudameatairean, bidh sinn a' tomhas an ùٳ ann am biadh ann an calaraidhean.

Dè th' ann an siùcar?

  • Bidh siùcar a' tighinn bho phlannt agus glè thric nì e biadh nas mìlse.
  • Bidh e a' toirt spreigeadh mòr de ùٳ dhar bodhaigean.
  • Tha e ann an lusan agus ann am measan gu nàdarra, no faodaidh e bhith air a ghiullachd, mar na gràineanan siùcair a bhios cuid a' cur ann an teatha no ann an cofaidh.
  • Ged a tha cuid de mheasan mar fìon-dhearcan no bananathan làn shiùcaran nàdarra, tha iad cuideachd làn de bheothamain, èԲԱ𲹰 agus freumhag, rud nach eil suiteis.
Carbohaidreatan toinnte
Image caption,
Bidh carbohaidreatan toinnte a' leigeil ùٳ mu sgaoil gu slaodach. Tha iad a' toirt nas fhaide an cnàmh agus bidh thu a' faireachdainn làn nas fhaide.

Airson a bhith fallain feumaidh sinn iomadh seòrsa bìdh san daithead againn chionn bidh iad uile a' toirt dhuinn diofar rudan.

Tha carbohaidreatan toinnte math airson a bhith a' leigeil ùٳ mu sgaoil gu slaodach, ach tha biadh a leigeas ùٳ mu sgaoil gu luath, mar measan, a' toirt dhuinn bheothamain. Tha feum air cothromachadh.

Thoir sùil air an dà roghainn seo airson bracaist

Tha Archie sia. Dè am bracaist a bhiodh math airson latha trang san sgoil?

Roghainnean bracaist - gràn siùcarach agus glainne sùgh orainseir no lite agus glainne bainne
Image caption,
Dè am bracaist a bheireadh tòrr ùٳ do dh'Archie airson an latha air fad?

Roghainn 1 – Biadh le ùٳ a' dol mu sgaoil gu luath

  • Ghabh Archie bòbhla mòr de ghràn siùcarach agus glainne sùgh orainseir air a bhracaist.
  • Fhuair e spreigeadh luath de ùٳ bhon t-siùcar a bha na bhracaist. Choisich e dhan sgoil gu luath, bha e a' ruith san raon-chluich agus e làn ùٳ, agus bha e a' bruidhinn ri a charaidean.
  • Mun àm a bha Archie a' seatlaigeadh gu stòiridh a sgrìobhadh anns a' chlas, bha e a' faireachdainn beagan sgìth. Bha a mhionach a' rùchdail agus bha fadachd air gus am biodh an t-àm ann airson grèim a ghabhail.
  • Chosg e a ùٳ gu lèir leis nach robh carbohaidreatan toinnte na bhracaist.

Roghainn 2 – Biadh le ùٳ a' dol mu sgaoil gu slaodach

  • Ghabh Archie bòbhla mòr lite agus glainne bainne air a bhracaist.
  • Tha glè bheag siùcair sa bhracaist seo agus tha tòrr charbohaidreatan toinnte ann. Mar sin tha an ùٳ a' dol mu sgaoil gu slaodach thairis air a' mhadainn.
  • Mun àm a tha Archie a' sgrìobhadh na stòiridh aige, tha ùٳ gu leòr aige fhathast agus chan eil an t-acras air a' feitheamh ri grèim.

Feuch na ceistean seo airson faighinn a-mach dè as aithne dhut mu bhiadh mar chonnadh.

ù

  • Tagh trì biadhan.
  • Leig ort gu bheil thu gu bhith a' ruith rèis.
  • Dè am biadh à-mach às na trì as motha a bheir dhut de ùٳ airson an rèis?
  • Cuimhnich gum feum thu ùٳ air a leigeil mu sgaoil gu slaodach airson an rèis a chrìochnachadh.

More on Biadh agus slàinte

Find out more by working through a topic