鶹Լ

Dè dh'fhaodas am 鶹Լ a dhèanamh leis an stuth a phostas mi?

Air ùrachadh: 23 An t-Ògmhios 2022

Faodaidh sinn:

A chleachdadh, dachaigh a thoirt dha, no a ghleidheadh ann an seirbheisean is stuthan 鶹Լ

Mar a bhith ga chur gu Weather Watchers no làrach-lìn CBeebies.

Leth-bhreac a dhèanamh, atharrachadh no eadar-theangachadh, no rudan a dhèanamh air am brosnachadh leis

Chan atharraich sinn do stuthan co-cheangailte ri naidheachdan mura bheil e deatamach. 

Leugh mu .

A chleachdadh le ar goireasan airson cruthachaidhean a dhèanamh no stuthan ath-mheasgachadh

Tha goireasan aig cuid de ar seirbheisean airson cluich le ar stuthan, do chòd fhèin a sgrìobhadh agus geamannan agus samhlaidhean-sùla a chruthachadh. Dh’fhaodadh iad sin:

  • Do chruthachaidhean fhoillseachadh mar bhrosnachadh do dhaoine eile.
  • Cuireadh a thoirt do dhaoine eile an rud a chruthaich thu a chleachdadh airson rud a chruthachadh iad fhèin.

Sgaoil e airson rannsachadh a dhèanamh

Bidh sinn a' dèanamh obair rannsachaidh agus aig amannan ag obair le com-pàirtichean rannsachaidh. Bho àm gu àm bidh sinn a' roinn ar stuthan is dàta leotha. Ach tha sinn cùramach mu na thèid a roinn agus mu nas urrainn do ar com-pàirtichean rannsachaidh a dhèanamh leis.

A cho-mheasadh

Tha sin a’ ciallachadh gu faod sinn breithneachadh air, deasachadh a dhèanamh air, a thoirt air falbh no tighinn gu co-dhùnadh gun a chleachdadh. Agus ma tha e a’ bristeadh laghan sam bith, faodaidh sinn a chur gu na poilis no ùghdarrasan eile.

Agus faodaidh sin rudan a chruthaich thu a chleachdadh:

  • Ann an àite sam bith san t-saoghal.
  • Ann am meadhan sam bith (mar eisimpleir Tbh, an t-eadar-lìon, rèidio, na meadhanan sòisealta is appaichean).
  • Cho fad ’s a thogras sinn – fiù ‘s ged a sguireadh tu a chleachdadh ar seirbheisean.

Agus faodaidh duine sam bith a tha ag obair còmhla rinn na h-aon rudan a dhèanamh cuideachd. Mar eisimpleir, ma chuireas tu ìomhaigh gu 鶹Լ News, dh’fhaodadh sinn sgeulachd leis an ìomhaigh sin a thoirt do chraoladair cèin a dh’fhaodadh an uairsin a h-uile càil a tha air ainmeachadh gu h-àrd a dhèanamh. Agus dh’fhaodadh iad toirt air an luchd-cleachdaidh pàigheadh airson fhaicinn.

Rudan eile a nì no nach dèan sinn:

  • ’S dòcha gu leig sinn le daoine eile an rud a chruthaich thu a chleachdadh. Agus uaireannan dh’fhaodadh e bhith gu leigeadh sinn leotha a dheasachadh no rudan air am brosnachadh leis a chruthachadh.
  • Cha phàigh sinn thu air a shon.
  • Bhiodh sinn an dòchas a chleachdadh. Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
  • Mar as trice, bidh sinn a’ cur d’ ainm ri taobh na chruthaich thu. Ach chan urrainn dhuinn barantas a thoirt airson sin.
  • Dh’fhaodadh sinn brath a chur thugad airson dèanamh cinnteach gu bheil cead agad ìomhaighean sam bith, no ceòl, no criomagan no teacsa a chleachdadh ann an rud sam bith a chuireas tu thugainn.

Dh’fhaodadh cumhachan eile a bhith ann

Uaireannan faodaidh luchdachadh suas rud a chruthaich thu gu aon de ar seirbheisean a bhith a’ ciallachadh gun cleachd thu goireas le cuideigin taobh a-muigh a’ BhBC. Mar eisimpleir, faodaidh tu WhatsApp a chleachdadh airson do sgeulachdan agus fianais do shùil a roinn le 鶹Լ News.

Uaireannan bidh teirmichean agus cumhaichean aig an t-solaraiche a tha a’ buntainn ri bhith a’ cleachdadh an goireas aca. Bu chòir dhut an cumhaichean (lorgaidh tu iad air-loidhne) a leughadh chionns gun innis iad dhut dè dh’fhaodas an solaraiche a dhèanamh leis an rud a chruthaich thu nuair a chleachdas tu an goireas aca.

Nota mu do “Chòraichean Moralta”

Nuair a tha thu a’ luchdachadh suas rud sam bith, tha thu a’ leigeil às do chòraichean moralta ann. Tha sin a’ ciallachadh gu faod sinne a chleachdadh gun d’ aithneachadh mar an neach a chruthaich e.

Faodaidh sinn cuideachd a dheasachadh no atharrachadh gun do chead. Agus cha bhi còir agad cantainn gun do dhèilig sinn ris ann an dòigh a bha “suarach”.

Tha an tuilleadh mu do .

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: