Â鶹ԼÅÄ

Dè cho fada 's a bhios sibh a’ cumail m’ fhiosrachadh?

Air ùrachadh: 18 An Dàmhair 2022

Innsidh sinn dhut dè cho fada 's a chumas sinn fiosrachadh pearsanta sam bith a bheir thu dhuinn. Cumaidh sinn ri na prionnsapalan seo mur a cluinn thu bhuainn:

  • Cha chùm sinn d' fhiosrachadh ach cho fad 's a tha sinn a' dèanamh na mhìnich sinn dhut
  • Beachdaichidh sinn air an seòrsa fiosrachadh a th' ann, na chaidh a chruinneachadh, cho dìomhair ’s a dh'fhaodadh e a bhith agus air iarrtasan laghail
  • Tha ar seirbheisean air an dealbh gus nach cùm sinn d’ fhiosrachadh dad nas fhaide na dh’fheumas sinn
  • Beachdaichidh sinn air a’ chunnart a dh’fhaodadh a bhith an cois a bhith a’ cleachdadh no a’ sgaoileadh an fhiosrachadh seo gun chead
  • 'S dòcha gun tèid do chunntas Â鶹ԼÅÄ a dhùnadh mur a bheil thu air a chleachdadh taobh a-staigh bliadhna. Cuiridh sinn post-d thugad ag innse gu bheil sinn an dùil seo a dhèanamh mus tèid dad a dhubhadh às, mar sin thoir sùil an d’ fhuair thu puist-d bhuainn mun seo

Dè ma tha cunntas Â鶹ԼÅÄ agam?

Cumaidh sinn an fhiosrachadh pearsanta a bheir thu dhuinn mar phàirt den chunntas Â鶹ԼÅÄ agad cho fada 's a tha cunntas agad. Ma dhubhas tu às do chunntas, thèid d’ fhiosrachadh pearsanta a dhubhadh às sa bhad agus thèid a’ chòrr dhen fhiosrachadh a chomharrachadh neo-ainmichte. Dh’fhaodar gun cleachd sinn e airson ar seirbheisean a leasachadh.

Dè ma tha mi air rudeigin a chruthaich mi a chur thugad?

Ma thu thu air rudeigin a chruthaich thu a chur thugainn le fiosrachadh pearsanta, thoir sùil air ar Cumhaichean Cleachdaidh airson fios mu mar a bhios sinn gan stòradh.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: