鶹Լ

Mu do sheataidhean pearsanachaidh

Air ùrachadh: 29 An t-Iuchar 2020

Le “pearsanachadh” tha sinn a’ ciallachadh:

  • A’ moladh rudan a tha sinn a’ smaoineachadh a chòrdadh riut
  • A’ cuimhneachadh dè cho fada air adhart ann am prògram ’s a tha thu (gus am faod thu tòiseachadh ga choimhead a-rithist far an do stad thu)
  • A’ cur brathan thugad mu rudan a tha a’ còrdadh riut.

Mus urrainn dhuinn sin a dhèanamh, feumaidh tuigse a bhith againn air mar a tha thu a’ cleachdadh am 鶹Լ, le bhith coimhead ri rudan mar na h-artaigilean a bhios tu a’ leughadh agus na prògraman a bhios tu a’ coimhead.

Faigh a-mach tuilleadh mu mar a bhios sinn a’ cruinneachadh dàta mud dheidhinn.

Mar a thionndaidheas tu pearsanachadh dheth

Faodaidh tu “Ceadaich pearsanachadh” a thionndadh dheth ann an .

Dè thachras ma thionndaidheas tu pearsanachadh dheth?

  • Chan fhaigh thu molaidhean pearsanta stèidhichte air rudan a chunnaic thu no ris an do dh’èist thu.
  • Cha bhi e comasach dhut fios-naidheachd pearsaichte a’ BhBC fhaighinn. Ma chlàraich thu mar-thà, stadaidh tu gam faighinn.
  • Cha chuimhnich sinn dè cho fada air adhart ann am prògram ‘s a tha thu. Le sin cha bhi e comasach dhut stad a chur air prògram is tòiseachadh a-rithist far an do stad thu.
  • Bidh e fhathast comasach dhut ''cuir ris'' a dhèanamh airson an àm ri teachd, fiosan fhaighinn, beachdan a thoirt air sgeulachdan, agus bhòtadh air prògraman leithid Strictly Come Dancing.

Mar a nì thu cinnteach gu bheil do sheatadh pearsanachaidh air ùrachadh anns gach àite

Nuair a dh’atharraicheas tu do sheatadh pearsanachaidh tha e air ùrachadh anns a’ bhad air a’ bhrobhsair lìn a tha thu a’ cleachdadh. Ach cha tèid ùrachadh anns a’ bhad air brobhsairean, innealan no apps 鶹Լ sam bith eile a bhios tu a’ cleachdadh. Le sin, aon uair ’s gu bheil thu air seatadh air aon bhrobhsair atharrachadh…

  • Air brobhsairean lìn sam bith eile a bhios tu a’ cleachdadh, nam measg feadhainn air innealan eadar-dhealaichte, feumaidh tu logadh a-mach agus logadh a-steach a-rithist.
  • Air apps 鶹Լ sam bith air d’ fhòn no air do thablaid, feumaidh tu logadh a-mach agus logadh a-steach a-rithist. An uairsin, dùin an app agus fosgail e a-rithist.

An e an aon rud a th’ ann a’ tionndadh dheth pearsanachadh agus a’ tionndadh dheth cookies?

Chan e, tha iad eadar-dhealaichte. Gheibh thu tuilleadh a-mach mu cookies air a’ BhBC an seo.

An e an aon rud a th’ ann an tionndadh dheth pearsanachadh is tionndadh dheth fiosan?

Chan e, tha iad eadar-dhealaichte. Gus fiosan a chur dheth, cliog air a’ ghlag agus atharraich seataidhean na fiosan an sin, no rach chun na seataidhean air ann app agad.

Atharraich cànan:

Rebuild Page

The page will automatically reload. You may need to reload again if the build takes longer than expected.

Useful links

Demo mode

Hides preview environment warning banner on preview pages.

Theme toggler

Select a theme and theme mode and click "Load theme" to load in your theme combination.

Theme:
Theme Mode: