Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

More episodes

Previous

You are at the first episode

Next

See all episodes from Litir do Luchd-ionnsachaidh

Clip

Litir 1: Miann

Tha seanfhacal againn ann an Gàidhlig a tha cur nar cuimhne mar a bhios daoine an-còmhnaidh a' coimhead a-mach - le farmad - air na rudan a th' aig daoine eile. "'S e miann na lacha an loch air nach bi i."

Tha sin a' ciallachadh gum b.fheàrr leis an lach a bhith ann an àite eile - loch eile - air falbh bhon àite anns a bheil i an-dràsta eadhon ged a bhiodh an loch sin math dhi anns a h-uile dòigh. "'S e miann na lacha an loch air nach bi i." Ach, mar a tha fios againn uile, 's ann air daoine agus smuaintean dhaoine a bhios seanfhaclan a-mach, mar is trice. Tha an seanfhacal seo ag innse dhuinn gum b' fheàrr le daoine a bhith ann an àite far nach eil iad an-dràsta. Mar a th'aig muinntir na Beurla -  "the grass is greener on the other side of the fence."

Tha e furasda tuigsinn carson a bhiodh beachd mar sin aig mòran ann an Alba bho àm gu àm, gu h-àraidh ann am meadhan a' gheamhraidh nuair a tha na h-oidhcheannan fliuch, fuar, dorch agus fada; agus nuair a tha na làithean fliuch, fuar, dorch agus goirid. Aig an àm sin, b' fheàrr le mòran, 's dòcha, a bhith anns a' Charibbean seach ann an Càirinis. Neo ann am Morocco seach Moireabh. Neo Rhodes an àite Roghadal.

Ach gabhaibh mo lethsgeul ma bheir mi-fhìn beachd làidir an aghaidh gliocas an t-seanfhacail seo - aig an àm seo dhen bhliadhna co-dhiù. Ann am mìos a' Chèitein - mìos cho brèagha 's a th'againn - nuair a tha lusan de ghach seòrsa a' nochdadh ann an coilltean is pàircean is monaidhean na Gàidhealtachd. Mìos na Bealltainne, nuair a tha an saoghal a' tighinn beò a-rithist an dèidh a' gheamhraidh fhada. Mìos seinn na cuthaige ann an coilltean is doireachan na h-Alba. Cò dh' iarradh a bhith ann an àite sam bith eile air an t-saoghal ach air a' Ghàidhealtachd anns a' Chèitean?

'S toil leam a bhith a' sreap gu coireachan nam beann aig an àm seo dhen bhliadhna. Chì mi sneachd air na mullaichean, a tha fhathast fuar is gaothach, ach faodaidh e bhith blàth agus ciùin anns na coireachan. Uaireannan bidh e cho blàth 's gum faod mi mo chuid aodaich a thilgeil dhiom airson a dhol a shnàmh ann an loch. Uill, airson diog neo dhà co-dhiù! 'S dòcha gur ann glic a bhios an lach a theicheas gu loch eile nuair a nochdas mise!

Tha an Cèitean brèagha gu cinnteach. Ach tha aon rud eile ann a tha a'  toirt toil-inntinn dhomh anns a' mhìos seo. 'S e sin gu bheil grunnan mhìosan a-nise air thoiseach oirnn anns am bi a' ghrian a' deàrrsadh, anns am bi mòran mar a bhios mi-fhìn - a' deanamh air na beanntan airson toileachas fhaighinn am measg bòidhchead nàdarrach na h-Alba. Ach gu mi-fhortanach cha mhair an toil-inntinn fada. Goirid an dèidh dhomh tilleadh dhachaigh gach turas, bidh mi a' coimhead air a' mhap a-rithist, a' lorg àite eile far an tèid mi a choiseachd. Cha bhi mi toilichte dìreach a bhith a' dol don aon àite. Bidh mi an-còmhnaidh a' coimhead airson beanntan ùra.

A dh' andeoin de chanas mi, ma tha, 's dòcha gu bheil mi car coltach ris na lachan a chì mi air sgèith thairis air an t-samhradh, eadhon anns a' mhìos seo fhèin, a' coimhead airson lochan ùra. 'S e miann Ruairidh a' bheinn air nach bi e. Mmm. 'S dòcha gu bheil an seanfhacal mun lach nas glice na bha mi a' deanamh a-mach aig toiseach na litreach-sa.

Faclan na seachdainne

farmad: envy; miann: desire; seanfhacal: proverb; toil-inntinn: mental pleasure, satisfaction

Abairt na seachdainne

cò dh'iarradh a bhith...? : who would wish to be...?

Gnàths-cainnt/seanfhacal na seachdainne:

'S e miann na lacha an loch air nach bi i: the desire of the duck is [to be on] the loch where she is not. The future tense is used here (rather than "an loch air nach eil i") to denote the generalized, habitual nature of the observation. This is a common use of the future tense in Gaelic: cf Bidh mi ann an Inbhir Nis a h-uile latha: I am in Inverness every day.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast