30/07/1999
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 4
Duration: 04:57
Litir 4: Leabhar Dheir
Bha bà rd uaireigin a' fuireach ann an Eilean Phabaigh, eadar na Hearadh agus Uibhist a Tuath, air an robh Niall Moireasdan mar ainm. Ann am fear de na h-òrain aige, bha na faclan seo: "Gun agam ach a' Ghà idhlig, 's pà irt dhith nach eil uil' agam.."
Bha am bà rd dhen bheachd, ged nach robh cà nan sam bith aige ach a' Ghà idhlig, agus ged a bha e math math air faclan a chur ri chèile ann am bà rdachd, nach robh e eòlach air a' chà nan gu lèir. 'S e duine glic a bh' ann.
Cha leig sinn a leas ach sùil a thoirt air an fhaclair a rinn Eideard Dwelly airson tuigsinn gu bheil mòran fhaclan ann an Gà idhlig nach bi aig a h-uile duine a-chaoidh. Tha an aon rud fìor mu na faclan anns a'  Ghreater Oxford Dictionary ann am Beurla.
Agus tha e fìor ri rà dh cuideachd gu bheil mòran fhaclan air a dhol à bith, anns a h-uile cà nan. Cha robh a' Ghà idhlig anns an t-seann aimsir mar a tha i an-diugh. Agus tha e gu math inntinneach coimhead air an leabhar as sine a th' againn anns a bheil Gà idhlig na h-Alba sgrìobhte. 'S e sin Leabhar Dheir, neo mar a chanas iad ris ann am Beurla -  the Book of Deer.
Cha robh e air a sgrìobhadh faisg air Eilean Phabaigh. Cha robh idir. Fhuair e ainm bho Sgìre Dheir, neo Old Deer, ann an Siorrachd Obair Dheathain anns an robh manachainn Cheilteach anns an t-seann aimsir. Sgrìobh manach, neo manaich, an leabhar ann an Deir anns an naoidheamh linn, o chionn còrr is mìle bliadhna.
Ach chan eil an sgrìobhadh Gà idhlig cho sean sin. 'S ann an Laideann a bha an leabhar fhèin, a' gabhail a-steach pà irtean dhen Bhìoball agus sgrìobhaidhean eile co-cheangailte ri creideamh. Ach uaireigin anns an darna linn deug chuir duine eile barrachd ris - sgrìobhaidhean Gà idhlig aig oirean nan duilleag agus ann am beà rnan bà na. Tha na faclan sin còrr is ochd ceud bliadhna a dh.aois, agus tha feadhainn aca doirbh dhuinn tuigsinn an-diugh.
Tha iad ag innse sgeul mu eachdraidh na manachainn' ann an Deir agus eachdraidh t'èile air a' chosta mu thuath - ann an Obair Dobhair. Seo mar a thòisicheas e anns an t-seann Ghà idhlig: "Columcille agus Drostan mac Cosgreg a dalta tangator a hI mar ro alseg Dia doib gonic Abbordoboir....
Neo rudeigin mar sin. Gu fortanach tha sgoilearan a' chà nain air eadar-theangachadh a dhèanamh air na seann fhaclan. "Thà inig Calum Cille agus Drostan mac Choscraich, a dheisciobal, às I, mar a threòraich Dia iad, gu ruige Obair Dobhair..." Tha Drostan fhathast air a chuimhneachadh anns an ear-thuath, agus ann an sgìrean eile, mar naomh. Agus tha sinn uile eòlach air Calum Cille, agus air Eilean I.
'S ann anns an leabharlann ann an Oilthigh Chambridge a tha Leabhar Dheir an-diugh. Ged a tha cuid a' gearan gu bheil e ann an Sasainn seach Alba, 's dòcha gur e sin a chum an leabhar sà bhailte. Feumaidh sinn cumail nar cuimhne gu robh mòran seann leabhraichean air an sgrios aig à m an Ath-Leasachaidh ann an Alba.
Agus feumaidh sinn cumail nar cuimhne cuideachd gu robh a' Ghà idhlig uaireigin air a bruidhinn gu mòr ann an taobh sear na h-Alba, ann an Siorrachd Obair Dheathain. Bha mi ann am baile Obair Dheathain o chionn ghoirid agus thuirt fear rium nach robh a' Ghà idhlig air a bruidhinn anns an sgìre sin a-riamh. Agus cha robh e airson beachd eile a chluinntinn air a' chùis. Feumaidh nach cual' e mu Leabhar Dheir. Agus feumaidh nach robh e dhen aon bheachd ri bà rd glic Phabaigh, Niall Moireasdan - ge bith dè cho fiosrach 's a tha sinn mu rud sam bith, gu bheil mòran ann air nach eil sinn eòlach.
Faclan na seachdainne
uaireigin: some time, at one time; glic: wise; achaoidh: ever, for ever; Siorrachd Obair Dheathain: Aberdeenshire; manach, manaich: monk, monks; manachainn: monastery; threòraich: guided; nar cuimhne: in our memory; fiosrach: knowledgeable, well-informed.
Abairtean na seachdainne
à bith: extinct, out of existence; an leabhar as sine: the oldest book; aig à m an Ath-Leasachaidh: at the time of the Reformation
Puing ghrà mair na seachdainne
bha e math math air...: he was very good at...; There are different ways of strengthening an adjective in Gaelic. In some instances, particularly with simple adjectives, the word can be repeated.I once heard a conversation between two children which went like this (with outstretched arms):
Q: .an robh an t-iasg mòr? A: Bha! Bha e mòr mòr mòr mòr mòr!. Another way is to precede the adjective with another adjective eg uabhasach brèagha: terribly (very) beautiful. In Argyll fiadhaich (wild) is often used in the same way. Bha e fiadhaich math: it was very good.Gnà ths-cainnt na seachdainne
cha leig sinn a leas: we don't need to. The "a" is dropped where the preceding word ends in a vowel eg cha leag thu leas: you don't need to. Cha leig thu leas cabhag a dhèanamh - bidh cà ch fadalach co-dhiù: you don't need to hurry - the others will be late anyway. In some dialects leig is replaced by ruig ie cha ruig thu leas. Cha leig sinn a leas ach...: we only need to...
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.