18/05/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 33
Duration: 04:47
Litir 33: Colla Ciotach
Fàilte oirbh, a chàirdean, gu Litir trì deug ar fhichead neo, anns an t-siostam ùr, trichead ’s a trì (33). Tha mi’n dòchas gu bheil sibh uile gu dòigheil, sunndach. Chan eil fhios a’m dè cho math ’s a tha ur cuimhne ach, anns an Litir mu dheireadh agam, latha ron Nollaig, chuir mi ceist oirbh. Cò e an seann ghaisgeach Gaidhealach a bha leis a’ chearrag neo, mar a chanas iad anns an sgìre aige fhèin, a bha ciotach? Agus a th’air a chuimhneachadh airson sin.
Uill, ’s i an fhreagairt Colla Ciotach neo, ann am Beurla, Colkitto. Rugadh Colla Ciotach ann an Aontrom, ann an ceann a tuath na h-Eireann, anns a’ bhliadhna coig ceud deug, tri fichead ’s a deich, neo còig ceud deug is seachdad (1570). Bha e na bhall de Chlann Dòmhnaill agus thugadh e, na òige, a dh’Eilean Cholasa ann an Earra-Ghaidheal. Agus thogadh e ann an Colasa.
Anns an leabhar “Colkitto!”, tha an t-ùghdar, Kevin Byrne, a tha a’ fuireach ann an Colasa, a’ deanamh dheth gur dòcha nach ann ciotach a bha Colla ma tha sinn a’ smaoineachadh gu bheil am facal a’ ciallachadh dìreach left-handed, ach gu robh e comasach air claidheamh a thogail le a dhà làimh. Bha e a cheart cho math le a làimh chlì ’s a bha e le a làimh dheis. Ambidextrous mar a chanas iad ann am Beurla.
Co-dhiù, cha robh cùisean sìtheil air Ghàidhealtachd aig toiseach an t-seachdamh linn deug nuair a bha Seumas a-Sia (VI) na Rìgh agus, an dèidh strì mhòr, thug an Rìgh Colasa do Ghilleasbaig Caimbeul, seachdamh Iarla Earra-Ghaidheal. Cha b’e sin deireadh na strì, ge-tà, agus ann an sia ceud deug ‘s a còig-deug (1615), thug na Caimbeulaich ionnsaigh air na Dòmhnallaich ann an caisteal ann an Ìle. Bha Colla Ciotach am broinn a’ chaisteil.
Chaill na Dòmhnallaich am batail, ach fhuair Colla air falbh air an oidhche ann an bàta beag cuide ri fichead duin’ eile. Bha am bàta, ge-tà, ag ao-dion agus b’fheudar dhaibh stad airson greis air tìr. Fhuair na Caimbeulaich greim air sianar dhen sgioba ann a sin, ach fhuair Colla air falbh a-rithist.
Airson greis chum Colla a dol air feadh nan eilean, a’ togail chreach, agus a’ toirt ionnsaigh air na Caimbeulaich. A-rèir a’ chiad Phroifeasair de Cheilteis ann an Oilthigh Dhun Eideann, Dòmhnall MacFhiongain, a bhuineadh do Cholasa, “bha e cho teòma leis a’ ghunna is a bha leis a’ chlaidheamh.” Mu dheireadh, ge-tà, chaidh cùisean na aghaidh, agus thàinig e gu rèite leis an riaghaltas nach dèanadh e an tuilleadh aimhreit, nan leigeadh iad leis dhol dhachaigh a Cholasa.
Chaidh e dhachaigh ach bha nàmhaid aige anns an eilean – fear Calum Mac a’ Phì, ceann-cinnidh Clann Ic a’ Phì ann an Colasa. A-rèir beul-aithris, chaidh Colla agus feadhainn eile a bhuineadh do Chlann Dòmhnaill an tòir air Mac a’ Phì agus b’fheudar dha dhol am falach mar a b’fheàrr a b’urrainn dha. Tha cuimhn’ aig muinntir Cholasa fhathast air cuid de na h-àiteachan far an deach e am falach am measg nan creag. Tha an t-aon ainm orra uile – Leab’ Fhalaich Mhic a’ Phì, sin Leabaidh Fhalaich Mhic a’ Phì, an Leabaidh far an deach Mac a’ Phì am falach.
Agus tha cuimhn’ aig muinntir an eilein cuideachd air an àite far an do chuireadh Mac a’ Phì gu bàs, le Colla Ciotach agus a chàirdean. Anns an ath litir, bheir sinn sùil a-rithist air Colla, agus air a mhac, a tha cuideachd gu math ainmeil ann an eachdraidh na Gàidhealtachd, Alasdair Mac Cholla. Chun an uairsin, slàn leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.