25/05/2000
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 34
Duration: 04:36
Litir 34: Colla Ciotach
An t-seachdain ’s a chaidh, dh’fhà g sinn Colla Ciotach ann an Colasa, agus e a’ cur Calum Mac a’ Phì gu bà s. Uill, an dèidh sin, bha cùisean na bu shìtheile do Cholla airson bliadhnaichean. Ach, mu dheireadh, ann an sia ceud deug is naoi deug ar fhichead (1639), thà inig an t-strì eadar an Rìgh, Teà rlach a h-Aon, agus Clèirich na h-Alba, na Pròstanaich a bha an aghaidh easbaigeachd anns an Eaglais, gu cogadh.
Bha Colla Ciotach na Chaitligeach agus cha robh e deònach ainm a chur air a’ Chùmhnant a bha ag iarraidh Eaglais Chlèireach a stèidheachadh gu neo-eisimileach bhon Rìgh. Air sgà th sin, chaill e a chuid fearainn ann an Colasa agus chaidh a chur anns a’ phrìosan le Iarla Earra-Ghaidheal. Dh’fhalbh cuid de a chà irdean, ge-tà , a dh’Eirinn. Nam measg bha an treas mac aige - Alasdair. Alasdair Mac Cholla.
Bha Colla na dhuine mòr ach bha Alasdair na bu mhotha buileach. Bha e sia troighean is sia òirlich a dh’à irde, agus bha e uabhasach là idir. Bha e ciotach, mar a bha athair, agus a-rèir beul-aithris, nuair a bha uaislean na h-Eireann air tighinn cruinn airson ceannard a thaghadh don arm aca ann an Alba, arm a bhiodh a’ sabaid airson an Rìgh an aghaidh muinntir a’ Chùmhnaint, leum Alasdair gu a chasan.
Aig an à m sin, ’s e an duine a bu là idire a chleachdadh claidheamh a bhiodh air a thaghadh mar cheannard an airm. Bha dithis Eireannach ann a bha an dùil gur iadsan a rachadh a thaghadh. Ach bha smuain eile aig Alasdair Mac Cholla. “Dè an gà irdean as là idire a th’ann?” dh’fhaighnich na h-uaislean. “Seo e!” dh’èigh Alasdair agus tharraing e a chlaidheamh às a thruaill le a là imh dheis.
“Is cà it’ a bheil an ath ghà irdean as là idire?” dh’fhaighnich na h-uaislean. “Seo e!” dh’èigh Alasdair, agus chuir e a chlaidheamh na là imh chlì; bha e ciotach, cuimhnich. Cha robh duine deònach dhol na aghaidh agus chaidh Alasdair a thaghadh mar cheannard an airm.
Dh’obraich e fhèin agus Montròs, Marcuis Mhontròis, còmhla ann an arm an Rìgh, agus choisinn Alasdair cliù dha fhèin, gu h-à raidh am measg nan Gà idheal Caitligeach, mar fhear dhen ghaisgich a bu là idire a bh’ann a-riamh. Taobh a-staigh bliadhna rinn iad a’ chùis air arm muinntir a’ Chùmhnaint sia tursan, agus tha mòran fhathast a’ cuimhneachadh dhà dhen bhatailean sin – aig Allt Eireann, gu sear air Inbhir Nis, agus ann an Inbhir Lòchaidh ann an Loch Abar.
Ghabh Blà r Inbhir Lòchaidh à ite ann am meadhan a’ gheamhraidh as dèidh do dh’arm Mhontròis dhol gu cabhagach tarsainn bealaich à rda anns na beanntan. Thà inig iad a-mach às na beanntan gun fhiosda do dh’arm nan Caimbeulach, agus rinn iad a’ chùis orra gu furasta. Chaill na Caimbeulaich mìle is trì cheud duine air an latha sin.
Bha sin ann an sia ceud deug, dà fhichead ’s a còig (1645), an dearbh bhliadhna ’s a fhuair Colla a-mach às a’ phrìosan. Cha b’fhada gus an robh Colla a’ toirt taic do dh’Alasdair ged a bha e a-nise gu math sean.
Thà inig saoghal an dithis gu crìch anns an aon bhliadhna, dìreach dà bhliadhna as dèidh Blà r Inbhir Lòchaidh. Fhuair na Caimbeulaich greim air Colla, agus chaidh a chrochadh air cnoc gu tuath air an Òban. Chaill Alasdair batail ann an Cinn Tìre, agus theich e a dh’Eirinn, far an deach a mharbhadh le saighdearan Sasannach.
Dh’fhà g an dithis dìleab mhòr eachdraidheil don Gà idhealtachd, ach tha Alasdair Mac Cholla air a chuimhneachadh cuideachd leis gun do dh’fhà g e sean-fhacal dhuinn ann an Gà idhlig, a chluinnear fhathast. Agus innsidh mi sin dhuibh an ath sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.