Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 37: Corragan-lĂ imhe agus corragan-coise

Tha e iongantach na th’ann de dh’ainmean, ann an Gàidhlig, airson corragan-làimhe agus corragan-coise. Tha mi’n dòchas gu bheil sibh a’ tuigsinn gu bheil mi a’ ciallachadh fingers agus toes. ’S dòcha, gu ruige seo, gu bheil sibh air corrag a chluinntinn airson finger agus òrdag airson toe ach chan eil e cho sìmplidh sin.

Faodaidh corrag a bhith a’ ciallachadh tè dhen mheòir-làimhe neo tè dhen mheòir-coise. Tuigidh sibh gu bheil meur cuideachd a’ ciallachadh finger neo toe. Ach chan ionann e do na meòir reamhar aig taobh do làimhe neo aig taobh do choise. ’S e am facal a th’againn airson sin – òrdag. Tha òrdag a’ ciallachadh thumb neo big toe. Ordag-làimhe neo òrdag-coise.

’S dòcha gur e an rud as inntinnich’ a th’ann mu dheidhinn nan ainmean a th’againn airson òrdagan is corragan ann an Gàidhlig – na diofar ainmean a th’air na corragan-làimhe. Seallamaid orra. Tòisicheamaid leis an òrdaig. An ath chorrag, a first finger mar a theirear ann am Beurla, ’s e sin an sgealbag neo sgolbag neo sgolabag neo sgolagag neo calagag! Tha fhios gu bheil ainmean eile ann air a son cuideachd.

Tha an dearbh rud fìor mu dheidhinn nan corrag eile. Tha tòrr ainmean ann air gach tè nuair a choimheadas tu air feadh Gàidhealtachd na h-Alba. A’ chorrag mhòr anns a’ mheadhan, mar eisimpleir. ’S e sin meur a’ mheadhain neo fionna-fad neo, mar a dh’ionnsaicheas pàistean ann an cròileagain i an latha an-diugh, Fionnladh Fada neo Màiri Fhada. Agus tha i fada, nach eil, nas fhaide na na corragan eile.

A’ gluasad don ath chorraig – am meur air am bi cuid a’ cur fàinne - ’s e sin mac-an-aba. Ach chan eil càil a dh’fhios agam carson is e mac-an-aba a th’oirre. Ann an cuid de dh’àiteachan ’s e màthair na lùdaig a th’oirre oir ’s e an lùdag neo lùdan a chanas sinn ris a’ chorraig mu dheireadh, an tè as lugha. An lùdag bheag.

Nise, an e pàrant a th’annaibh? A bheil ur clann òg is a bheil Gàidhlig aca? Tha mi’n dòchas gu bheil! Uill, seo agaibh rann a bhios feumail dhuibh, tha mi’n dùil, agus a chòrdas ris a’ chloinn. Bidh sibh a’ tòiseachadh leis an òrdaig agus a’ dol a dh’ionnsaigh na lùdaig, a’ togail gach corraig ann an òrdugh agus a’ cantainn na rainn aig an aon àm.

Seo mar a tha e a’ dol: Seo an tè a leig an sabhal, seo an tè a ghoid na sìl, seo an tè a sheas ag amharc, seo an tè a ruith air falbh, is seo an tè bheag a b’fheudar dhi a phàigheadh air fad.

Canaidh mi a-rithist e: Seo an tè a leig an sabhal, seo an tè a ghoid na sìl, seo an tè a sheas ag amharc, seo an tè a ruith air falbh, is seo an tè bheag a b’fheudar dhi a phàigheadh air fad.

Tha e math na rannan cloinne sin a chumail a dol, nach eil? Ach bu mhath leam ur fàgail an t-seachdain-sa le bhith a’ tilleadh don fhacal “meur”. Tuigidh sibh gu bheil e a’ ciallachadh corrag ach tha ciall neo dhà eile aige cuideachd agus bidh sibh eòlach air tè dhiubh sin ma tha sibh nur ball dhen Chomunn Gàidhealach. Tha an Comunn air a dheanamh suas le diofar mheòir, neo branches, ann an dìofar sgìrean. Chì sibh meòir cuideachd air craobhan, leis gu bheil e a’ ciallachadh branches anns an t-seadh sin cuideachd.

Ach tha facal eile ann airson meur-craoibhe, agus bheir sinn sĂąil air a sin, agus air rann shnog eile do chloinn an ath sheachdain.

Faclan na seachdaine

meur: finger,toe,branch; meòir: fingers,toes,branches; reamhar:fat,thick; seallamaid: let us look; tòisicheamaid: let us start; fàinne: ring (for finger); atilleadh: returning; rannan cloinne: childrens (nursery) rhymes.

Abairtean na seachdaine

tha e iongantach na th'ann de dh'ainmean: it is surprising howmany names there are; na diofar ainmean: the different (varied) names; mar a theirear annam Beurla: as is said in English; tha an dearbh rud fìor: the same thing is true; tha tòrrainmean ann air gach tè nuair a choimheadas tu air feadh Gàidhealtachd na h-Alba: eachone (fem) has many names when you look throughout the Scottish Gàidhealtachd; an epàrant a th'annaibh?: are you a parent?; seo rann a bhios feumail dhuibh agus a chòrdasris a' chloinn: here is a verse (nursery rhyme) which will be useful for youand which thechildren will enjoy; a cantainn na rainn: saying the verse; seo an tè a leig an sabhal: this isthe one that demolished the barn; seo an tè a ghoid na sìl: this is the one that stole the seed;seo an tè a sheas ag amharc: this is the one that stood and watched; seo an tè a' ruith airfalbh: this is the one that ran away; seo an tè bheag a b'fheudar dhi a phàigheadh air fad:this is the little one that had to pay for it all; bidh sibh eòlach air tè dhiubh sin: you willknow one of them; ma tha sibh nur ball de: if you are a member of; anns an t-seadh sin: inthat way.

Puing ghrĂ mair na seachdaine

Do you notice how òrdag, corrag and lùdag often endedup, in the Litir, with aig endings? This slenderisation happens in both the dative singularand genitive singular cases. The dative (the case used with simple prepositions) changes inthis manner because all three words are feminine (a common feature of words which end inag). For example, a' gluasad don ath chorraig (moving to the next finger); a chanas sinn risa' chorraig mu dheireadh (which we call the last finger); bidh sinn a' tòiseachadh leis anòrdaig (we will start with the thumb). The genitive occurs in the following examples: màthairna lùdaig (lit. the mother of the little finger); a dh'ionnsaigh na lùdaig (towards the littlefinger; the genitive follows a compound preposition); a' togail gach corraig (lifting eachfinger; the genitive follows a verbal noun). How would you say in Gaelic the end of mythumb?

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

chan ionann e do na meòir reamhar: it is not the same for thefat digits. Ionann means equal, alike, similar and often appears with the copula, Is eg Isionann iad (they are the same); chan ionann iad (they are not the same). You will already befamiliar with it in the form co-ionann. Tha iad co-ionann (they are the same). And you mayhave seen adverts which include the word co-ionannachd (equality).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast