Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 79: Na mìosan

A’ dol thar Allt an t-Siùcair air madainn chùbhraidh Chèit’… A bheil sibh ag aithneachadh sin? Tha e bho “Allt an t-Siùcair”, òran a chaidh a sgrìobhadh leis a’ bhàrd ainmeil, Alasdair Mac Mhaighstir Alasdair. ’S ann tric a chithear na faclan sin – air madainn chùbhraidh Chèit’ - ann am bàrdachd Ghàidhlig.

Tha “Chèit” goirid airson Chèitein – am mìos mu dheireadh air an tug sinn sùil an t-seachdain ’s a chaidh. ’S e am mìos a tha a’ leantainn air – an t-Ogmhìos – am fear anns a bheil rudan a’ fàs gu mòr, ag ùrachadh na talmhainn. As dèidh sin, bidh an seachdamh mìos dhen bhliadhna againn – an t-Iuchar.

Thathar a’ smaoineachadh gun tàinig am facal sin, Iuchar, bho futhar, an t-àm as teotha san t-samhradh. O shean, chanadh muinntir na Beurla na “dog days” ris na làithean seo air sgàth ’s gur e seo an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios an rionnag ris an canar an “dog star”, neo “Sirius” ag èirigh agus a’ dol fodha aig an aon àm ris a’ ghrèin. Agus ’s e an t-ainm a th’ air an rionnaig seo, neo an reul seo, ann an Gàidhlig – Reul an Iuchair.

’S e an Lùnasdal a’ Ghàidhlig air August. Tha an t-ainm a’ tighinn bhon t-seann dia, Lugh. B’ e dia na grèine a bh’ ann do na Gaidheil phàganach, agus bhathar ag adhradh dha aig an àm seo dhen bhliadhna. As dèidh sin, bidh an t-Sultain ann. Tha sin a’ tighinn bhon fhacal sult, a tha a’ ciallachadh reamhrachd. ’S e sin an t-àm dhen bhliadhna nuair a bhios beathaichean, mar chrodh is caoraich, a’ fàs reamhar, mus tig an geamhradh.

’S e an deicheamh mìos dhen bhliadhna an Dàmhair, an t-àm nuair a bhios an damh a’ bùirich, a’ dèanamh fuaim mòr anns na glinn. Tha e coltach gur e an darna pàirt dhen fhacal – dàir – a tha a’ ciallachadh “bùireadh”. Damh-dàir – an Dàmhair. Nach eil e math gu bheil an t-ainm air a’ mhìos sin, agus air mòran eile, a’ tighinn bhon àrainneachd againn fhìn, seach bho chleachdadh Ròmanach.

Agus tha sinn gar tilleadh don dà mhìos air an tug sinn sùil o chionn ceala-deug – an t-Samhain, agus am mìos a th’ againn a-nise – an Dùbhlachd. Sin na mìosan ann an Gàidhlig an latha an-diugh, ma thà. Ach tha dà rud ann a dh’fheumas mi ràdh mun deidhinn. Anns a’ chiad dol a-mach, ’s ann tric a bhios Gaidheil a’ cleachdadh nan ainmean Beurla, seach an fheadhainn Ghàidhlig. Agus, a bharrachd air a sin, nuair a leughas sibh seann sgrìobhaidhean Gàidhlig, cuimhnichibh nach robh an t-ùghdar uaireannan dhen bheachd gun tigeadh, agus gum falbhadh, gach “mìos” a rèir a’ mhìosachain, neo co-dhiù a rèir mìosachan na Beurla.

Seo criomag às òran a sgrìobh am bàrd, Dòmhnall MacEacharn, a rugadh ann an Diùra ann an ochd ceud deug, is sia-deug ar fhichead (1836). ’S e an t-ainm a th’ air “Cuairt san Fhrìth”.

An crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhàigh,

An geamhradh dh’fhàg gun bhlàth gun bhrìgh,

Is ionann sin ’s mar tha mi ’n-dràst’,

Gun sunnd, gun chàil, am ànrach sgìth.

An crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhàigh? Tha Dòmhnall a’ cleachdadh òg-mhìos, chan ann mar a’ Ghàidhlig air June, ach mar “mìos òg”, mìos far am bi an talamh air ùrachadh le fàs. Dhasan, ’s e a’ Mhàigh “an t-òg-mhìos”. Ach tha e a’ cleachdadh “an Cèitean” cuideachd na bhàrdachd. Fàgaidh mi sibh an t-seachdain-sa le rann bhon òran aige, “Anna Mhìn, Mheall-Shùileach”:

Is cuimhne leam nuair bha sinn

Nar cloinn a’ ruith mun àirigh,

’S do chuailean donn bu tlàithe

A’ snàmh san oiteig Chèitein…

Faclan na seachdaine

an Cèitean: May; an t-Ogmhìos: June (lit. the young month); an t-Iuchar: July; Reul an Iuchair: Sirius (the dog star); an Lùnasdal: August; sult, reamhrachd:fatness; an Dàmhair: October; dàir, bùireadh: rutting, the rut; àrainneachd: environment; anDùbhlachd: December; sgrìobhaidhean: writings; Dòmhnall MacEacharn: DonaldMacKechnie; Diùra: Jura (Isle of).

Abairtean na seachdaine

ag ùrachadh na talmhainn: renewing the earth; ag èirigh agus a’dol fodha aig an aon àm ris a’ ghrèin: rising and setting at the same time as the sun; bhatharag adhradh dha aig an àm seo dhen bhliadhna: he was worshipped at this time of the year;nuair a bhios an damh a’ bùirich: when the stag is roaring; bho chleachdadh Ròmanach:from a Roman custom; anns a’ chiad dol a-mach: in the first instance; cuimhnichibh nachrobh an t-ùghdar uaireannan dhen bheachd gun tigeadh, agus gum falbhadh, gach “mìos” arèir a’ mhìosachain: remember that the author sometimes was not of the opinion that each“month” would come and go according to the calendar; Cuairt san Fhrìth: a journey on themoor (deer forest); an crann fo bhlàth san òg-mhìos Mhaigh: the tree in blossom in theyoung month of May; gun sunnd, gun chàil, am ànrach sgìth: without cheerfulness, withoutstrength, weather-beaten and tired; Anna Mhìn, Mheall-Shùileach: tender Ann of thealluring eyes; do chuailean donn bu tlàithe: your brown locks, of the very softest; a’ snàmhsan oiteig Chèitein: swimming in the May breeze.

Puing ghrĂ mair na seachdaine

Do you get confused as to when a “t-” appears in front ofa noun starting with “s”, annulling the sound of the “s”? There are three situations, allrepresented in the Litir. [Note that it does not apply where the “s” is followed immediatelyby a “g”, “m”, “p” or “t”]. The first situation is a masculine noun in the genitive case, egAllt an t-Siùcair (lit. Burn of the Sugar). The nominative is an siùcar. The second is a nounin the dative case (and, here, it can be masculine or feminine eg as teotha san t-samhradh(the hottest in summer; the nominative is an samhradh). The third situation is in thenominative case of feminine nouns. Two months come into this category – an t-Sultain(September) and an t-Samhain (November). You will also see an t-seachdain (the week).How would you say the following in Gaelic?: Sweden; the eye; on the gannet; on theSabbath; the fox’s head; the room’s window.

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

air madainn chùbhraidh Chèit’: on a fragrant May morning.This phrase often appears in song and poems and is sometimes used as something of acliché, much in the manner of the English “as I went a-wandering upon a fine Maymorning…”

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast