02/02/2001
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 83
Duration: 05:11
Litir 83: Stòiridh mu bhrà ithrean
An t-seachdain ’s a chaidh, thug mi an tòimhseachan seo dhuibh.
Triùir air muin trì
’S trì nan dèidh.
B’ iad sin triùir bhrà ithrean,
Dol a dh’iarraidh bean dom mà thair fhèin.
Seo a-nise am fuasgladh. Bha na brà ithrean air muin eich, agus bha na coin aca gan leantainn – sin agaibh an “trì nan dèidh”. Bha na gillean ann an cabhaig cobhair fhaighinn dom mà thair, a bha an impis leanabh a bhreith. Bha iad a’ dol a dh’iarraidh bean-ghlùin air a son. Is sin agaibh e.
Airson a’ chòrr dhen Litir an t-seachdain-sa, bu mhath leam stòiridh innse dhuibh. Faodaidh sibh suidhe sìos is gabhail air ur socair! Bha gille a bha seo a’ fuireach ann an Siorrachd Pheairt o chionn fhada. Thà inig an latha nuair a bha aige ri falbh a dh’iarraidh obair agus dh’fhà g e dhachaigh, is chaidh e don cheann a tuath. Mu dheireadh, fhuair e obair mar sgalag aig tuathanach.
Bha an obair cruaidh ach, a dh’aindeoin sin, ’s e glè bheag a fhuair an gille ri ithe. ’S e spìocair a bha anns an tuathanach. Bhiodh an gille ag obair bho shia uairean sa mhadainn gu meadhan-latha gun cà il idir fhaighinn agus, an uairsin, gheibheadh e bobhla lìte. As dèidh sin, chumadh e ris an obair aige gu seachd uairean feasgar gun rud sam bith eile ri ithe. An uairsin gheibheadh e bobhla bhuntà ta le ìm. Ach feòil? Chan fhaigheadh e eadhon fà ileadh dhith.
Mhair e mar sin airson mìos. Ach an uairsin, dh’atharraich cùisean. Bhà saich seann mhuc aig an tuathanach – tè mhòr shalach ghrà nda – ach cha robh fios aig an sgalaig co-dhiubh ’s e tinneas neo seann aois a chuir às dhi. Thachair seo anns a’ mhadainn, agus air an dearbh oidhche sin fhèin, bha feòil gu leòr air an truinnsear. Muic-fheòil!
Mhair a’ mhuic-fheòil fad seachdain agus, mu dheireadh, shaoil an gille gu robh blas à raidh oirre. An uairsin, cha robh sgeul oirre agus bha an gille air ais gu diathad shìmplidh gach oidhche – buntà ta is ìm. Bha e mar sin airson greis gus an cuala an gille gu robh seann reithe an tuathanaich air bàs fhaighinn. Bhà saich e anns a’ mhadainn, agus dè bha air a thruinnsear air an oidhche sin fhèin ach muilt-fheòil.
Mhair an fheòil sin fad còig latha agus, air a’ chòigeamh latha, bha blas car neònach oirre. An uairsin bha cùisean air ais mar a bha iad roimhe - lìte aig meadhan-latha is buntà ta air an oidhche. As dèidh greis, ge-tà , bhà saich seann bhò. Agus bha mairt-fheòil aig a’ ghille airson deich latha.
Chum gnothaichean a dol mar sin. Bhiodh ùine aig a’ ghille gun rud sam bith ri ithe ach lìte is buntà ta, an uairsin gheibheadh seann bheathach eile bàs agus bhiodh feòil aige. Ach madainn a
bha seo chuala e naidheachd a chuir an t-uabhas air, agus dh’fhà lbh e sa spot. Rinn e air an rathad gu deas agus, mu dheireadh, thà inig e don taigh aige fhèin. Bha athair aig an doras.
“Carson a thill thu?” dh’fhaighnich e.
“B’ fheudar dhomh tilleadh,” thuirt an gille. “Chuala mi fìor dhroch naidheachd agus cha b’ urrainn dhomh fuireach na b’ fhaide.”
“Dè bh’ ann?” dh’fhaighnich athair. “Dè bh’ ann a thug ort falbh gu grad?”
“Chuala mi,” thuirt an gille, “gun do chaochail mà thair-chèile an tuathanaich!”
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.