12/04/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 145
Duration: 04:33
Litir 145: Se貌ras Mallory
Is e seo Bliadhna Eadar-n脿iseanta nam Beann, agus tha grunn rudan a鈥 dol ann an Alba airson sin a chomharrachadh oir, ged nach eil na beanntan againn 脿rd, tha iad pr矛seil dhuinne, agus tha iad ainmeil air feadh an t-saoghail. Choisinn cuid de streapadairean, Albannaich is Sasannaich, cli霉 dhaibh fh猫in air beanntan 脿rda as d猫idh dhaibh na sgilean bunaiteach aca ionnsachadh ann an Alba.
Am measg nam beann as ainmeil鈥 anns an d霉thaich, tha an Cuiltheann anns an Eilean Sgitheanach. Tha na beanntan sin cas, creagach, biorach, binneanach agus feumaidh duine sam bith a th猫id orra a bhith gu math comasach. Am measg na rinn an Cuiltheann ainmeil mar 脿ite airson streap, bha Tormod Collie, a bh鈥 air a bhith ann an iomadach 脿ite air feadh an t-saoghail, air beanntan eadar na Rockies agus a Himalaya.
Bha sp猫is is gr脿dh 脿raidh aige don Chuiltheann, ge-t脿, agus, mu dheireadh, chaidh e a dh鈥檉huireach anns an Eilean Sgitheanach, ann an Sligeachan. Bha e an uairsin faisg air na beanntan, air an do chuir e seachad m貌ran 霉ine nuair a bha e na b鈥 貌ige ann an cuideachd Iain MhicCoinnich, Sgitheanach 脿 Sgonnsair, s矛os an rathad bho Shligeachan. Tha Iain air a chuimhneachadh ann am fear de mhullaichean a鈥 Chuilthinn, Sg霉rr MhicCoinnich, is tha Collie fh猫in air a chuimhneachadh ann an Sg霉rr Thormaid.
Ach, ainmeil 鈥檚 ged a bha Collie, cha b鈥 e an streapadair a b鈥 ainmeile ri linn. Bha fear eile ann, cuideachd 脿 Breatainn, a choisinn cli霉 dha fh猫in air feadh an t-saoghail, eadhon am measg feadhainn nach robh measail air beanntan. B鈥 esan an Sasannach, Se貌ras Mallory, a chaill a bheatha air a鈥 bheinn as 脿irde a th鈥 ann, Beinn Everest, ann an naoi deug, fichead 鈥檚 a ceithir (1924).
Gu o chionn ghoirid, bha fios agam gu robh Mallory air a bhith measail air beanntan na Cuimrigh, is gum biodh e a鈥 dol ann airson streap ann an Snowdonia gu math tric. Tha sin n脿darrach, oir bha na beanntan sin na b鈥 fhaisge air na h-脿iteachan far an robh e a鈥 fuireach ann an Sasainn. Cha robh fios agam, ge-t脿, gu robh e air a bhith a-riamh anns an Eilean Sgitheanach, a鈥 streap air a鈥 Chuiltheann.
Ach bha - aon turas, anns an Iuchar, naoi deug 鈥檚 a h-ochd-deug (1918), nuair a bha an Cogadh M貌r fhathast a鈥 dol. Bha Se貌ras air f貌rladh as d猫idh a bhith anns an Roinn-E貌rpa, leis gu robh cn脿mhan coise aige, a chaidh a bhriseadh naoi bliadhna roimhe ann an tubaist anns na beanntan, a鈥 tighinn 脿s a ch猫ile a-rithist. Nuair a bha e na b鈥 fhe脿rr, mus do thill e don Fhraing, chaidh e fh猫in is a bhean don Eilean Sgitheanach airson seachdain. Dh鈥檉huirich iad ann an Taigh-貌sta Shligeachain.
Bha an aimsir sgoinneil agus cha robh ce脿rr ach aon n矛. 鈥橲 e sin gu robh sg貌than ann dhen mheanbh-chuileig. Bha Se貌ras uabhasach measail air a bhith a鈥 sn脿mh ann an uillt is aibhnichean gun sg脿th aodaich air, agus bha e ri sin anns an Eilean Sgitheanach cuideachd, ach chan eil fhios a鈥檓 d猫 cho tlachdmhor 鈥檚 a bha sin, agus na meanbh-chuileagan cho pailt. Co-dhi霉, streap Se貌ras air m貌ran de na beanntan agus chruthaich e slighe 霉r, nach do rinn duine sam bith roimhe, suas Sr貌n na C矛che.
Fhad 鈥檚 as aithne dhomh, b鈥 e sin an aon turas aige air a鈥 Chuiltheann. Cha b鈥 fhada gus an robh aire air Tibet agus a鈥 bheinn as 脿irde san t-saoghal, a thug a bheatha bhuaithe mu dheireadh, sia bliadhna as d猫idh dha soraidh sl脿n a leigeil leis an Eilean Sgitheanach.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.