09/08/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 162
Duration: 05:09
Litir 162: Uilleam Mac Ille Bhrath
Bha mi a-mach an t-seachdain sa chaidh air an Fhrangach, Alexandre de La Rochefoucauld, a chaidh air chuairt air a鈥 Ghaidhealtachd aig deireadh an ochdamh linn deug. Tha e inntinneach a bhith a鈥 leughadh an t-se貌rsa beachd a bh鈥 aig coigrich air ar d霉thaich aig an 脿m sin.
Tha e cuideachd inntinneach a bhith a鈥 leughadh aithrisean a rinn Gaidheil air d霉thchannan eile. Am measg sin, tha na sgr矛obh Uilleam Mac Ille Bhrath mun chuairt aige eadar Obar Dheathain agus Lunnainn ann an ochd-deug is naoi-deug (1819). Cha chreid mi nach eil e ceart gu le貌r 鈥淕aidheal鈥 a ghabhail air, oir thogadh e anns Na Hearadh, am measg muinntir an eilein, dham buineadh e, bha an c脿nan aige, agus bha e a鈥 coimhead air fh猫in mar chuideigin a bhuineadh don Ghaidhealtachd thar 脿ite sam bith eile.
Bha 霉idh mh貌r aig Uilleam ann an n脿dar 鈥 gu dearbh, bha e na Phroifeasair ann an E貌las-n脿dair aig a鈥 cheann thall 鈥 agus bha e airson a dhol gu Taigh-tasgaidh Bhreatainn ann an Lunnainn airson coimhead air na bh鈥 aca de bheathaichean, agus gu h-脿raidh de dh鈥檈貌in. Choisich e fad na slighe, leis fh猫in. Ged a ghabh e slighe dh矛reach ann an Sasainn, a鈥 coiseachd tr矛 cheud, trithead 鈥檚 a seachd m矛le eadar Gretna agus Lunnainn, cha do ghabh e slighe dh矛reach idir ann an Alba, agus choisich e c貌rr is c貌ig ceud m矛le anns an d霉thaich seo. Bha e airson p脿irtean 霉ra de dh鈥橝lba fhaicinn agus choisich e tro bheanntan na Gaidhealtachd, uaireannan a鈥 cadal a-muigh gun teanta. Chaidh e don Ghearastan, an uairsin gu Inbhir Aora, Glaschu, Inbhir Air, agus D霉n Phris mus do r脿inig e cr矛och Shasainn.
Rinn Mac Ille Bhrath coimeas eadar na rathaidean ann an diofar sg矛rean. Bha e dhen bheachd gu robh a鈥 Ghaidhealtachd air rudeigin a chall leis gu robh rathaidean a-nise ann far nach b鈥 脿bhaist gin a bhith. Ach bha e cuideachd dhen bheachd gu robh na rathaidean fada na b鈥 fhe脿rr air a鈥 Ghalldachd agus ann an Sasainn na bha iad air a鈥 Ghaidhealtachd. Anns na h-eileanan, sgr矛obh e, chanadh muinntir an 脿ite 鈥渞athad m貌r鈥 ri ceum-coiseachd eadar d脿 bhaile beag. Agus chanadh iad 鈥渞athad m貌r an R矛gh鈥 ri rathad m貌r m貌r no turnpike road.
Bho 脿m gu 脿m bhiodh Mac Ille Bhrath a鈥 d猫anamh coimeas eadar t矛r is sluagh na Gaidhealtachd, agus na h-脿iteachan eile tron robh e a鈥 siubhal. Uaireannan sgr矛obhadh e rudeigin inntinneach mu dheidhinn na G脿idhlig. Nise, bha aon diofar a-riamh follaiseach dhomh eadar cainnt nan Eireannach agus cainnt nan Albannach. 鈥橲 e sin gu bheil m貌ran ann an Eirinn, nuair a tha iad a鈥 bruidhinn Beurla, ag r脿dh 鈥渢鈥 far am biodh muinntir Shasainn, agus muinntir na h-Alba, ag r脿dh 鈥渢h鈥. Bidh sibh e貌lach air an fhealla-dh脿 mun dithis Eireannach a chunnaic sanas anns a鈥 ph脿ipear-naidheachd 鈥淔orestry company seeks tree fellers鈥 agus an dragh a ghabh iad nach robh treas fear aca!
Uill, bha mi a-riamh a鈥 smaoineachadh, leis gur e an aon ch脿nan 鈥 seann Gh脿idhlig 鈥 a bh鈥 aig Gaidheil gach d霉thaich bho shean, gur d貌cha gu robh an aon rud f矛or uaireigin mu dheidhinn nan Albannach. Sgr矛obh Mac Ille Bhrath gu robh, agus ri linn. 鈥淭ha am fuaim 鈥渢h鈥, a th鈥 aig na Sasannaich,鈥 sgr矛obh e, 鈥渘eo-aithnichte do na Gaidheil. Mar sin, bidh am fear Gaidhealach, a tha ag ionnsachadh na Beurla, ga radh mar 鈥渢鈥 no 鈥渄鈥; an 脿ite throw away that nasty thing, canaidh e tro afuawy tat naisti ting.鈥 Sin Gaidheil na h-Alba, chan e Gaidheil na h-Eireann. A bheil sinn air atharrachadh bhon uairsin? I tink so, mar a thuirt am fear eile.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.