Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 163: Suiteis, siĂącairean agus carbhaidhean

Tha diofar fhaclan ann am Beurla airson sweets. Confectionery, candies, sweeties… Is tha an aon rud fìor ann an Gàidhlig. Bidh cuid a’ cleachdadh facal a thàinig bhon Bheurla – suiteis. Ann an àiteachan eile, canaidh iad siùcairean. Ann an sgìre Gheàrrloch, canaidh iad carbhaidhean. Canaidh daoine – “an gabh thu carbhaidh?”

A-rithist, ’s e a th’ ann an carbhaidh facal a thàinig bhon Bheurla – bho carroway. Bhiodh sìl a’ charbhaidh mar shiùcairean do mhuinntir na sgìre o shean. Nach eil sin na chomharra air an atharrachadh mhòr a thàinig air an t-saoghal!

Tha e furasta gu leòr tuigsinn mar a thàinig am facal siùcar air sweetie, oir tha iad milis. O shean, bhiodh daoine air a’ Ghaidhealtachd uaireannan ag òrdachadh siùcairean bho na bailtean mòra aig deas. ’S e sin a rinn ministear a bha seo turas. Dh’òrdaich e siùcairean à Glaschu tro fhear de muinntir a choitheanail, aig an robh bùth bheag anns an sgìre, ach nuair a dh’fheuch am ministear na nochd ann am poca aig an doras aige, cha b’ e siùcairean a bh’ annta idir ach pìosan de dh’alum! Chan eil blas math sam bith air alum, agus cha robh am ministear toilichte.

Bha fear na bùtha air a nàrachadh agus bha e airson tiodhlac a thoirt don mhinistear. Airson comhairle, chaidh e a dh’ionnsaigh bràthair a’ mhinisteir. Nise, bhiodh am bràthair a bha seo ri àbhachd, agus thuirt e ri fear na bùtha gur e a bu chòir dha dhèanamh botal de dh’uisge-beatha a thoirt don mhinistear. ’S e uisge-beatha gun dath a bhiodh ann, stuth a chaidh a dhèanamh sa mhonadh gun fhiosta do na gèidsearan.

’S e sin a rinn fear na bùtha. Chaidh e a chèilidh air a’ mhinistear aig a’ mhansa. Ach leis gu robh e rudeigin diùid agus mì-chinnteach mu shunnd a’ mhinisteir, dh’fhàg e am botal air an stairsnich. Bha am ministear dòigheil gu leòr agus thill fear na bùtha don stairsnich airson am botal fhaighinn. Thug e a-staigh e, agus lìon e gloinne airson a’ mhinisteir.

Ge-tà, gun fhiosta dha, bha am bràthair air a bhith aig an dòras fhad ’s a bha esan a-staigh. Dh’fhalamhaich e am botal agus lìon e le sàl e. Agus nuair a chuir am ministear a’ ghloinne gu bhilean .. uill .. cha do chòrd e ris! Dh’èigh e na faclan seo, a chaidh a chuimhneachadh mar sheanfhacal – Is miosa seo nan t-alum! Is miosa seo nan t-alum. Ma dh’itheas sibh rudeigin mì-bhlasta, faodaidh sibh sin a ràdh!

’S e sin suiteis, siùcairean is carbhaidhean. Ach dè a’ Ghàidhlig a th’ air confectioner is confectionery? Uill, airson sin, feumaidh sinn smaoineachadh air a’ Ghàidhlig airson a’ bhuadhair, sweet. Tha sin stèidhichte air an fhacal airson honey. ’S dòcha gum bi fios agaibh gur e mel a th’ air honey ann an Laideann. Tha faclan Beurla mar mellifluous agus melliferous a’ tighinn bhon Laidinn.

Ann an Ros an Iar, ’s e mel a th’ air honey cuideachd ann an Gàidhlig. Canaidh daoine meileis airson sweet. Ach, anns a’ chuid mhòir dhen Ghaidhealtachd, ’s e mil a chanas daoine, agus milis. Agus tha na faclan airson confectionery is confectioner a’ tighinn às a sin – mìlseanachd airson confectionery agus mìlseanaiche airson confectioner.

An là an-diugh, ma chanas sibh gun toigh leibh mìlsean, tuigidh daoine gu bheil sibh a’ bruidhinn mu dessert no pudding, na rudan milis a ghabhas daoine mar phàirt de dhiathad. Uill, tha a h-uile càil a tha seo gam fhàgail acrach. Tha mi a’ falbh airson pìos teòclaid fhaighinn. Mar sin leibh an-dràsta.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: Geàrrloch: Gairloch; dh’òrdaich e: he ordered; tiodhlac: present; dh’fhalamhaich e: he emptied; sàl: salt water; mì-bhlasta: of bad flavour; buadhair: adjective; Laideann: Latin; Ros an Iar: Wester Ross; diathad: meal; acrach: hungry; teòclaid: chocolate.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: an gabh thu carbhaidh?: will you take a sweet? (Gairloch dialect); bhiodh sìl a’ charbhaidh mar shiùcairean do mhuinntir na sgìre o shean: carroway seed would be like sweeties to the people of the area in the old days; nach eil sin na chomharra air an atharrachadh mhòr a thàinig air an t-saoghal?: isn’t that a mark of how the world has changed?; bho na bailtean mòra aig deas: from the cities down south; bha fear na bùtha air a nàrachadh: the shopkeeper was ashamed; airson comhairle, chaidh e a dh’ionnsaigh bràthair a’ mhinisteir: for advice, he went to the minister’s brother; bhiodh am bràthair a bha seo ri àbhachd: this brother was a bit of a joker; gur e a bu chòir dha dhèanamh: what he ought to do; stuth a chaidh a dhèanamh sa mhonadh gun fhiosta do na gèidsearan: stuff that was made on the hill without the knowledge of the excisemen; chaidh e a chèilidh air X: he went to visit X; diùid agus mì-chinnteach mu shunnd a’ mhinisteir: shy and uncertain of the minister’s disposition; dh’fhàg e am botal air an stairsnich: he left the bottle on the doorstep; cha do chòrd e ris: he didn’t enjoy it; an là an-diugh, ma chanas sibh gun toigh leibh mìlsean: these days, if you say that you like “mìlsean” (ie dessert); mar sin leibh an-dràsta: cheerio just now.

Puing-ghrĂ mair na seachdaine

Puing-ghràmair na seachdaine: Nuair a dh’fheuch am ministear na nochd ann am poca aig an doras aige, cha b’ e siùcairean a bh’ annta: when the minister tried what appeared in a bag at his door, they were not sweets. The relative pronoun na is an extremely useful device in Gaelic. It means “(all) that which” or “(all) those which” and can therefore be used when one is talking about the contents of something eg thug e dhomh na bha aige de shuiteis anns a’ phoca (he gave me all the sweets he had in the bag); bha mi toilichte leis na bh’ agam de luchd-taic anns a’ bhaile sin (I was pleased with what I had of supporters in that town); leis na th’ ann de dh’uisge air Mars, tha dòchas ann gun tèid daoine a dh’fhuireach ann (given what exists of water on Mars, there is hope that people will go and live there); leis na th’ aice de dh’airgead anns a’ bhanca, cha shaoileadh tu gum i cho spìocach (given what she has of money in the bank, you wouldn’t think she would be so mean); leis na chosgas peatral a-nise, ’s e càr beag a cheannaicheas mi an ath-thuras (given what petrol now costs, it’s a small car I’ll buy next time).

Seanfhacal na seachdaine

Seanfhacal na seachdaine: Is miosa seo nan t-alum!: this is worse than the alum (said of a food or drink with an exceptionally bad flavour).

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast