13/09/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 167
Duration: 04:33
Litir 167: Iain MacCoinnich
Air an t-seachdain seo ann an ochd-deug, ceathrad ’s a h-ochd (1848), chaochail Iain MacCoinnich, pìobaire, bà rd is ùghdar a bhuineadh do sgìre Gheà rrloch. Tha e ainmeil fhathast oir is esan am fear a chuir ri chèile an cruinneachadh de bhà rdachd Ghà idhlig air a bheil The Beauties of Gaelic Poetry: Sà r-obair nam Bà rd Gaidhealach. Gu tric, nuair a bhios daoine a’ bruidhinn mun leabhar seo, canaidh iad direach “Sà r-obair” ris. Tha mi an dòchas gu bheil sibh a’ tuigsinn gu robh Iain a’ sanasachd bà rdachd le bà ird eile anns an leabhar aige mar “sà r-obair”. Chan ann a’ moladh a chuid obrach fhèin a bha e!
Rugadh Iain MacCoinnich, Iain Mac Alasdair Òig, ann an ochd-deug ’s a sia (1806) ann am Meallan Theà rlaich, baile beag air cladach a tuath Loch Iùbh far an robh athair na charaid agus fear-taca don uachdaran. Fhuair e a chuid foghlaim, an toiseach aig an taigh, agus an uairsin aig an sgoil ann an Geà rrloch. Nuair a bha e òg, dhearbh e gu robh e gu math mòr air ceòl, agus rinn e fidheall agus pìob mhòr dha fhèin. Bha e math dha-rìreabh air a’ phìob agus air grunn ionnstramaidean eile.
Bha dithis, air an robh Uilleam Ros mar ainm, gu bhith a’ toirt buaidh mhòr air beatha Iain. B’ e a’ chiad Uilleam saor a bhiodh ag obair air feadh na sgìre. Thug esan cosnadh do dh’Iain, agus dh’obraich iad còmhla gu dòigheil. Fhad ’s a bha e ag obair mar shaor, ge-tà , thòisich Iain air rudeigin a chòrd ris fada na b’ fheà rr. B’ e sin a bhith a’ cruinneachadh òrain is bà rdachd.
Là a bha seo, bha Iain ag obair le pìos mòr fiodha anns a’ mhansa ann an Geà rrloch. Dh’fhulaing e buille mhòr air a cheann. Cha deach e a-riamh am feabhas buileach as dèidh sin, agus sguir e a chuid obrach mar shaor. Agus, ann an dòigh, is math gun do sguir, oir thòisich e air cruinneachadh a dhèanamh de na dà in aig a’ bhà rd ainmeil, a bhuineadh don sgìre aige, Uilleam Ros nach maireann. B’ e sin an dà rna Uilleam Ros a thug buaidh air. Fhuair Iain a’ chuid a bu mhò de dh’òrain Rois bho bhà rd eile à Geà rrloch a bha eòlach air Ros nuair a bha e beò – Alasdair Buidhe Mac Iomhair.
Cha robh comas sgrìobhaidh aig Alasdair Buidhe ann, ach bha cuimhne air leth aige, agus dh’aithris e dà in Uilleim Rois do dh’Iain MacCoinnich, a dh’fhoillsich an leabhar The Poems of William Ross ann an ochd-deug is trithead (1830). Lean MacCoinnich air le bhith a’ cruinneachadh dà in is òrain bho air feadh na Gaidhealtachd, agus dh’fhoillsich e Sà r-obair ann an ochd-deug, ceathrad ’s a h-aon (1841).
Chaidh e a dh’fhuireach ann an Glaschu, agus rinn e tòrr eadar-theangachaidh ann a sin, a’ cur leabhraichean Beurla, leithid Pilgrim’s Progress, ann an Gà idhlig. ’S e a sgrìobh am pà irt Beurla gu Gà idhlig dhen fhaclair le MacAlpainn agus MacCoinnich, agus thug e taic do mhinistearan, nach robh cho math ris air a’ Ghà idhlig, a’ sgrìobhadh searmonan dhaibh anns a’ chà nan. Nuair a chaochail e, bha e ag obair air iris ùr dhen Bhìoball Ghà idhlig.
Cha robh a chuid shlà inte uabhasach math mu dheireadh, agus chaidh e air ais don sgìre aige fhèin, ceithir bliadhna deug as dèidh dha falbh. Chaochail e ann an Inbhir Iùbh aig aois ceathrad ’s a dhà (42). Rinn Iain MacCoinnich mòran airson ar cultair agus ar cà nain agus tha e math gu bheil daoine ga chuimhneachadh fhathast.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.