04/10/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 170
Duration: 04:52
Litir 170: Gealachos
An t-seachdain sa chaidh bha mi a-mach air rud a leugh mi anns an leabhar Tales and Traditions of the Lews le Dòmhnall Dòmhnallach. Tha aon stòiridh aige gu h-àraidh a leugh mi le tlachd mhòr, oir tha e air a lìbhrigeadh gu siubhlach, brèagha. ’S e a th’ ann sgeulachd à beul-aithris air an cuala mi iomradh ann an àiteachan eile cuideachd. Bheir mi blasad dhith dhuibh an-dràsta.
Bidh sibh eòlach, tha mi an dùil, air Eilean Bheàrnaraigh air taobh siar Leòdhais. Canaidh daoine Beàrnaraigh Leòdhais ris, oir tha Beàrnaraigh no dhà eile ann cuideachd. Agus, leis an fhìrinn innse, tha dà Bheàrnaraigh ann an Leòdhas, eilean mòr, Beàrnaraigh Mhòr, agus eilean beag eile ri thaobh – Beàrnaraigh Bheag. Chan eil duine a’ fuireach ann am Beàrnaraigh Bheag an là an-diugh ach, o shean, bha sluagh ann. Agus ri linn nan creachadairean Lochlannach, bha daoine gu leòr a’ fuireach anns an eilean.
Nam measg, bha tè òg a bha air leth brèagha. ’S e an t-ainm a bh’ oirre “Gealachos”. Tha mi an dùil gum b’ e ciall a h-ainm – geala-chas – is gu robh casan bàna aice. Bha na fleasgaich gu lèir dèidheil air Gealachos agus tha e coltach gu robh i ann an gaol le fear aca.
Ach, là a bha seo, nochd feachd de Lochlannaich ann am birlinn aig an tràigh. B’ e fear “Suain” an ceannard aca, agus bha e na Rìgh air Lochlann air fad. Chunnaic e am boireannach òg brèagha, agus dh’fhairich e teas a’ ghaoil na chridhe. Bha e airson ’s gum pòsadh e i, agus dh’iarr e air cuid de na saighearan aige Gealachos a thoirt am bruid.
Goirid as dèidh sin bha i air a’ bhirlinn air a slighe a Lochlann am measg dhaoine aig an robh cànan nach do thuig i idir. Bha i a’ caoineadh fad an t-siubhail airson a pàrantan, airson a leannain agus airson eilean a h-àraich. Bha Suain glè shnog dhi agus bha i modhail gu leòr dha, ach bha cianalas mòr oirre.
Nuair a ràinig i Lochlann, bha sluagh mòr a’ feitheamh rithe fhèin is ris an Rìgh. Shaoil na Lochlannaich gu lèir gu robh Gealachos brèagha agus bha iad airson a dèanamh toilichte nam measg. Nuair a bhiodh i a’ sealg nan torc anns a’ choille, nuair a bhiodh i gu h-àrd air na beanntan àlainn no ann am bàta mòr ann an loch brèagha, fiù ’s an uair sin, cha robh i sona. Bha i airson a dhol dhachaigh. Agus dh’fhàg sin cridhe Shuain trom, oir bha e dha-rìreabh ann an gaol leatha.
Mu dheireadh, as dèidh seachd bliadhna, chaidh an Rìgh ga h-ionnsaigh agus ’s e seo an còmhradh a bh’ aca – a chaidh fhàgail againn mar rann Ghàidhlig, co-dhiù ’s ann an Gàidhlig no Lochlannais a bha e aig an àm. ’S e an Rìgh a bhruidhneas an toiseach:
Nam biodh tusa ann am Beàrnaraigh Bheag
Cha bhiodh aca fleadh no fonn,
Ach mac-talla chreagan àrda
Toirt fianais air bàrcadh thonn.
Fhreagair i gu socair ciùin,
’S deòir bho a sùil a’ ruith gu luath,
‘Chaoidh cha toir mi a Lochlann rùn,
Le chuid shlèibhtean mùgach fuar.’
Goirid as dèidh sin, thug Suain Gealachos air ais a Bheàrnaraigh agus, ged a dh’fhuirich i anns an eilean airson a’ chòrr de a beatha, agus ged a bha i sona gu leòr, cha do ghabh i gaol air fear sam bith as dèidh na thachair dhi, agus chaochail i na seann bhoireannach gun phòsadh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghràmair na seachdaine
Gnàths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.