11/10/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 171
Duration: 04:30
Litir 171: Maighstir Raghnall
Chan eil mi buileach cinnteach de chanadh na Gaidheil ris anns a鈥 ch脿nan aca fh猫in, oir tha a h-uile rud a tha mi air fhaicinn mu dheidhinn ann am Beurla. Chanainn gur d貌cha gur e 鈥淢aighstir Raghnall鈥 a chanadh iad ris, ach chan urrainn dhomh a bhith cinnteach. Ann am Beurla chanadh iad 鈥淔ather Burn鈥 ris, agus 鈥檚 e an t-ainm oifigeil a bh鈥 air Ronald Graham Burn. 鈥橲 e duine 脿raidh a bh鈥 ann, agus bu mhath leam rudeigin innse dhuibh mu dheidhinn an-dr脿sta.
Rugadh Raghnall, no Ronnie, Burn ann an Deir ann an Siorrachd Obair Dheathain anns a鈥 bhliadhna ochd deug, ochdad 鈥檚 a seachd (1887). 鈥橲 d貌cha gum bi fios agaibh gu bheil seann cheanglaichean eadar an t-脿ite sin 鈥 Deir, no Old Deer 鈥 agus a鈥 Gh脿idhlig, oir 鈥檚 ann ann an seann mhanachainn ann a sin a chaidh Leabhar Dheir a chur ri ch猫ile 鈥 leabhar anns a bheil an l脿mh-sgr矛obhadh as sine a th鈥 againn ann an G脿idhlig na h-Alba. Chan eil fhios a鈥檓 co-dhi霉 thug an eachdraidh sin buaidh air Raghnall ach, gu dearbh, dh鈥檉h脿s e fh猫in cianail measail air a鈥 ch脿nan.
B鈥 e athair an t-Urramach Iain Burn agus bha Raghnall a-riamh measail air an Eaglais. Ach, ged a th貌isich e anns an Eaglais Easbaigich, no san Eaglais Shasannaich, oir chuir e seachad bliadhnaichean aig sgoil ann an Sasainn, mu dheireadh thall, chaidh e a-null don Eaglais Chaitligich. 鈥橲 e Caitligich a bh鈥 ann an cuid de na Gaidheil air an do dh鈥檉h脿s e e貌lach cuideachd, gu h-脿raidh anns na glinn faisg air Canaich agus ann an Loch Abar.
Agus ciamar a dh鈥檉h脿s Raghnall e貌lach orra? Uill, bhiodh e a鈥 sreap nam beann faisg air an dachannan ann an glinn iomallach na Gaidhealtachd. Gu dearbh, shreap e a h-uile beinn ann an Alba a tha nas 脿irde na tr矛 m矛le troigh 鈥 鈥淏eanntan an Rothaich鈥 mar a chanas daoine riutha 鈥 agus choilean e sin ann an naoi deug, fichead 鈥檚 a tr矛 (1923). Aig an 脿m sin bha c貌ig ceud gu leth mullach air liosta an Rothaich agus b鈥 e Maighstir Raghnall a鈥 chiad duine a chuir a chas air a h-uile gin aca.
Ach nuair a bha e na bhalach anns an sgoil, cha robh coltas a鈥 ghaisgich air. Bha e beag is crotach, le casan goirid, bha e s脿mhach is aonaranach, agus 鈥檚 iad na cuspairean a b鈥 fhe脿rr leis na c脿nanan clasaigeach 鈥 seann Laideann is Greugais. Cha robh e math sam bith air sp貌rs, co-dhi霉 sp貌rs mar rugbaidh is ball-coise.
Ach thigeadh e be貌 air na beanntan. Nuair a bha e 貌g, bhiodh e a鈥 coiseachd nam beann ann an Siorrachd Obair Dheathain cuide ri athair. Agus ann an naoi deug is ceithir-deug (1914), dh鈥檉halbh e air cuairt mh貌r air a鈥 Ghaidhealtachd, leis fh猫in. Th貌isich e anns a鈥 Mhonadh Ruadh, agus chaidh e an uair sin a Ghleann Srath Farair agus Gleann Canaich. Cha robh e a-riamh f矛or chomasach air a shlighe a dh猫anamh tro na beanntan ann an droch sh矛de, agus fhuair e e fh猫in air chall ann an ce貌 air Beinn a鈥 Chlachair. Thairis air na bliadhnaichean, thachair sin dha iomadh turas ach, a dh鈥檃indeoin 鈥檚 gur ann na aonar a bhiodh e a鈥 coiseachd mar bu trice, cha do dh鈥櫭╥rich c脿il dha.
Agus a bharrachd air na beanntan, air an do ghabh e gr脿dh, bha na daoine ann 鈥 na c矛obairean is geamairean, agus an teaghlaichean. Dh鈥檉h脿s Maighstir Raghnall uabhasach measail orra. Agus bu mhath leam rudeigin innse dhuibh mu chuid dhiubh, agus na dh鈥檌onnsaich an sagart bhuapa mu dhualchas na Gaidhealtachd, anns an ath-Litir.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghr脿mair na seachdaine
Gn脿ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.