27/12/2002
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 182
Duration: 04:35
Litir 182: Clach na h-Aire
Tha ainm-à ite air m’ aire an-drasta. Clachnaharry. ’S e baile beag air leth a bh’ ann uaireigin, pìos beag a-mach à baile Inbhir Nis air an taobh an iar, air an rathad a tha a’ dol a dh’ionnsaigh na Manachainn. Bha e gu math Gaidhealach, fiù ’s anns an naoidheamh linn deug, nuair a bha Inbhir Nis a’ fàs na bu ghallda. Bha sgoil Ghà idhlig ann airson greis. A-nise, ge-tà , tha e aig fìor iomall a’ bhaile mhòir.
Agus carson a tha e air m’ aire? Uill, air sà illeamh ’s gu bheil cuid a’ dèanamh dheth gur Clach na h-Aire an t-ainm a th’ air ann an Gà idhlig – gu robh clach ann a sin far am biodh muinntir an à ite a’ cumail sùil air an rathad bhon taobh an iar, air eagal ’s gum biodh daoine a’ dèanamh air Inbhir Nis le droch rùn.
Tha sin ceà rr, ge-tà . Tha seann là mh-sgrìobhainn ag innse dhuinn gur e Clach na h-Aithrigh a bh’ air bho shean – dìreach mar a tha daoine ga rà dh ann am Beurla – Clachnaharry, agus gu robh sin a’ ciallachadh The Stone of Repentance no Stone of Penance. Tha am facal aithreachas againn fhathast, ach tha aithrigh air a dhol à bith, ged a tha e fhathast beò ann an Gà idhlig na h-Eireann. Ach bha e againn o shean agus ’s e sin a tha an t-ainm a’ ciallachadh. Tha dùil gu robh clach ann far am biodh peacaich a’ dol, airson aithreachas a ghabhail. Bha sin nuair a bha là mh-an-uachdair aig an Eaglais Chaitligich air a’ Ghà idhealtachd.
Tha Clach na h-Aithrigh air a bhith anns na naidheachdan air sgà th ’s gu robh an drochaid air an rathad mhòr anns a’ bhaile dùinte airson greis. Agus b’ fheudar do mhòran slighe fhada a ghabhail a-steach a dh’Inbhir Nis. Ach chaidh nà dar de cheann-bliadhna do Chlach na h-Aithrigh seachad o chionn ghoirid, an ìre mhath gun fhiosta don mhòr-shluagh. Oir, aig deireadh an Dà mhair, o chionn ceud is ceithir fichead bliadhna, chaidh Faoighteach a’ Chaledonian – an Caledonian Canal – fhosgladh gu h-oifigeil. Agus ’s e am baile a th’ aig ceann a tuath na faoightich – Clach na h-Aithrigh.
A bharrachd air sin, tha dà cheud bliadhna air a dhol seachad am-bliadhna bho sgrìobh an t-innleadair, Tòmas Telford, aithris don Riaghaltas, a’ moladh faoighteach a thogail – no a chladhach ’s dòcha – eadar Inbhir Nis (no Clach na h-Aithrigh airson a bhith fìrinneach) agus an Gearastan.
Rugadh Tòmas Telford ann an Siorrachd Dhùn Phris anns a’ bhliadhna seachd-deug, caogad ’s a seachd (1757). Bha athair na chìobair, agus chaochail e nuair a bha Tòmas dìreach na leanabh òg. Fhuair Tòmas foghlam anns an sgoil ionadail, agus fhuair e trèanadh an uairsin mar chlachair, mus deach e a dh’obair ann an Dùn Èideann.
Chuir e seachad tìde ann an Sasainn an uair sin, ann an Lunnainn, Portsmouth agus Shropshire. ’S ann nuair a bha e stèidhichte ann an Shropshire a fhuair e dreuchd airson a’ chiad turas mar innleadair ag obair air faoightich, agus choisinn e cliù dha fhèin leis na rinn e, agus cuideachd le phlana airson drochaid mhòr iarainn thar Abhainn Thames ann an Lunnainn. Cha deach an drochaid sin a thogail, ge-tà , oir bha i gu bhith ro chosgail.
Ach bha an Riaghaltas dhen bheachd gum b’ esan an duine a’ b’ fheà rr airson dèiligeadh ri duilgheadas mòr air a’ Ghaidhealtachd – cho truagh ’s a bha na goireasan siubhail. Ann am beachd Thelford fhèin ’s e a bh’ ann fear de na pròiseactan ‘a b’ uaisle a bh’ air a chur mu choinneamh rìoghachd sam bith a-riamh’. Bheir sinn sùil air a’ phròiseact sin an ath-sheachdain.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.