03/01/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 183
Duration: 04:51
Litir 183: Tòmas Telford
Air an aonamh là fichead dhen Dà mhair, ochd deug ’s a còig (1805), chaochail am Morair Nelson, agus an cabhlach aige a’ dèanamh a’ ghnothaich air na Spà inntich is na Frangaich aig Trafalgar. Aig an dearbh à m ’s a bha Nelson a’ bà sachadh, is ag iarraidh air a charaid Hardy pòg a thoirt dha, bha mòran air a’ Ghaidhealtachd an sàs ann an obair a dh’fhà gadh dìleab mhòr as an dèidh.
Bha còig ceud aca timcheall Inbhir Nis, agus bha na ficheadan eile anns a’ Chorpaich, faisg air a’ Ghearastan. Bha iad le chèile a’ togail Faoighteach a’ Chaledonian – aig gach ceann dhith. Ann an Inbhir Nis, bha clachairean ann, feadhainn aca à Sasainn is a’ Chuimrigh. Bha seòladairean air eathraichean a bha a’ giùlain clachan a dh’ionnsaigh beul na faoightich aig Clach na h-Aithrigh. Agus bha là mh-obraichean ann a bha a’ dèanamh obair-là imhe a bha gu math trom.
Anns a’ Chorpaich, ge-tà , cha robh cùisean cho math. Bha an à ireamh de là mh-obraichean a bh’ aig a’ mhanaidsear ann a sin, Iain Telford (nach robh cà irdeach don fhear a bha os cionn a’ phròiseict gu lèir, Tòmas Telford), air tuiteam gu mòr. Cha robh aige anns an Dà mhair ach an treas cuid de na bh’ aige trì mìosan roimhe sin.
Agus dè bh’ air tachairt don luchd-obrach? Uill, bha mòran aca air a dhol dhachaigh airson an arbhar a bhuain no airson iasgach an sgadain. ’S dòcha gu robh duine no dithis trang anns a’ mhonadh a’ dèanamh uisge-beatha! Bha Iain Telford air a shà rachadh.
Ach bha spèis aige do mhuinntir na Gaidhealtachd a dh’aindeoin sin. Cha b’ ann mar sin a bha e do Mhata MacDhaibhidh, ge-tà . Bha esan os cionn ghnothaichean aig ceann a tuath na faoightich, agus chanadh Iain Telford mu dheidhinn nach ‘gabhadh e suidheachan ann an nèamh nan robh Albannach sam bith a’ faighinn à ite ann’! Bha sin a dh’aindeoin ’s gun do rugadh e ann an ceann a deas na h-Alba fhèin!
Chan eil fhios a’m dè lorg e ann an nèamh oir chaochail e ann an ochd-deug is a naoi-deug (1819), agus cha robh an fhaoighteach deiseil fhathast, ged a bha i fosgailte eadar Inbhir Nis agus Cille Chuimein. Ach chum e a’ dol na b’ fhaide na Iain Telford a chaochail ann an ochd-deug ’s a seachd (1807)
Bha Tòmas Telford dhen bheachd gun cosgadh e seachd bliadhna ann a bhith a’ togail na faoightich agus gum biodh i feumail do bhataichean-cogaidh airson a dhol bho chosta gu costa anns a’ chogadh an aghaidh Napoleon. Uill, bha an cogadh an aghaidh Napoleon seachad agus bha an fhaoighteach fhathast gun a bhith deiseil. Am measg na dh’adhbharaich an dà il bha fear de na h-uachdarain leis an robh fearann trom biodh an fhaoighteach a’ dol – Alasdair MacDhòmhnaill à Gleanna Garadh.
Bha am fearann aige timcheall Loch Omhaich – fear de na lochan anns a’ Ghleann Mhòr trom bi bà taichean a’ dol. Ann an ochd-deug is aon-deug (1811), chaidh airgead a thabhann dha ach dhiùlt e e. Bha e ag iarraidh barrachd. Grunn tursan as dèidh sin, dh’fheuch Tòmas Telford agus an luchd-lagha aige tighinn gu aonta leis air a’ phrìs. Mu dheireadh chaidh iad gu cùirt agus chaidh deich mìle not a thoirt dha.
Cha robh MacDhòmhnaill riaraichte agus dh’adhbharaich e tòrr thrioblaidean. Air an là a dh’fhosgail an fhaoighteach mu dheireadh ann an ochd-deug is dhà ar fhichead (1822), bha an t-eagal ann gun cuireadh e fhèin is luchd-obrach aige (aig an robh armachd) stad air an t-soitheach a bha là n à rd-urrachan. An à ite sin, ge-tà , chaidh e air bòrd is chaidh e don chuirm anns a’ Ghearastan, far an do ghabh e deoch-slà inte còmhla ri cà ch.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.