07/02/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 188
Duration: 04:58
Litir 188: Rann bheag
Seo agaibh rann bheag. Chan eil e uabhasach tlachdmhor, ’s dòcha, ach co-dhiù, seo i:
Mìle beannachd aig an eug,
’S iomadh fear don rinn e feum,
Thug e bhuam-s’ a’ chailleach bhreun,
’S èibhinn leam gun shiubhail i,
Gun shiubhail i, gun shiubhail i.
’S e am fear a sgrìobh an rann bodach a bha toilichte gun d’ fhuair a bhean bà s. Is duilich sin, gun teagamh, ach feumaidh nach robh iad a’ faighinn air adhart le chèile. ’S ann à Loch Abar a bha e agus, anns an sgìre sin, agus ann an Earra-Ghaidheal, canaidh iad ‘shiubhail’ airson ‘died’, ged a tha am facal a’ ciallachadh ‘travelled’. Gun shiubhail i no gun do shiubhail i – that she died. Seo an rann a-rithist, agus tha mi airson ’s gum mothaich sibh am facal ‘eug’ a tha a’ ciallachadh ‘bà s’:
Mìle beannachd aig an eug,
’S iomadh fear don rinn e feum,
Thug e bhuam-s’ a’ chailleach bhreun,
’S èibhinn leam gun shiubhail i,
Gun shiubhail i, gun shiubhail i.
Tha caochladh dhòighean ann airson a rà dh gun d’ fhuair duine bà s, a bharrachd air ‘gun do shiubhail e’. Faodaidh sinn a rà dh gun ‘do dh’eug e’. Seo an t-ainmear ‘eug’ a’ nochdadh mar ghnìomhair.
Ann an cuid de sgìrean, cluinnear an gnìomhair ‘caochladh’, a tha a’ ciallachadh ‘atharrachadh’. ‘Chaochail Mòrag a bhon-dè’, mar eisimpleir. Seo an dòigh as cumanta ann an Siorrachd Rois. Ann am pà irtean de Shiorrachd Inbhir Nis, cluinnear ‘theirig e’ no ‘chrìoch e’. Cluinnear cuideachd ‘dh’fhalbh e’.
Nise, bu chòir dhomh rudeigin a rà dh mun ghnìomhair ‘bà sachadh’. Ann an cuid de sgìrean air tir-mòr, cleachdaidh daoine sin airson beathaichean a-mhà in. Canaidh iad ‘bhà saich an cù’ no ‘bhà saich a’ bhò’. Cha chan iad uair sam bith ‘chaochail a’ bhò’ no ‘chaochail a’ chaora’. Ach, cha chan iad gun ‘do bhà saich’ duine nas mò. Bhiodh sin mì-mhodhail.
Ach ann an à iteachan eile, is gu h-à raidh anns na h-eileanan, cleachdaidh daoine ‘bhà saich’ airson beathaichean agus daoine. Canaidh iad, mar eisimpleir, gun do ‘bhà saich Alasdair’ no gun do ‘bhà saich an seann rùda’.
Agus dè tha sgrìobhte mu bhàs anns a’ Bhìoball? Uill, seo eisimpleirean à Litir an Abstoil Phòil chun nan Ròmanach. Ann an caibideil a còig, earrann a sia: ‘bhà saich Criosd airson nan daoine neo-dhiadhaidh’; agus ann an earrann a h-ochd: ‘dh’fhuiling Criosd bàs air
ar son.’ Anns an deicheamh earrann dhen t-siathamh caibideil, tha ‘gun d’ fhuair e bà s’, agus ann an caibideil a h-ochd, earrann trithead ’s a ceithir, tha: ‘Is e Criosd a fhuair bà s…’
’S e ‘fhuair bà s’ mar as trice a tha a’ nochdadh anns a’ Bhìoball. Ach chan e sin uile e. Mar eisimpleir, anns an t-Seann Tiomnadh, ann an Ciad Leabhar nan Rìgh, (caibideil a sia-deug, earrann a h-ochd-deug) tha: ‘…chaidh e a-steach do lùchairt taigh an rìgh agus loisg e taigh an rìgh os a chionn fhèin le teine, agus dh’eug e.’ Agus ann an Ciad Leabhar nan Eachdraidh, anns an aonamh earrann deug thar an dà fhichead dhen chiad chaibideil, tha: ‘Dh’eug Hadad mar an ceudna…’
Agus tha diofar dhòighean ann airson a rà dh gu bheil duine ‘marbh’. Dh’fhaodadh tu rà dh, ‘chan eil e maireann’ no ‘chan eil e an là thair’. Ach bithibh faiceallach leis an fhear mu dheireadh. Ma thèid sibh gu coinneamh, a’ coimhead airson cuideigin, is ma chuireas sibh a’ cheist, ‘cà ite a bheil [canaidh sinn] Dòmhnall?’ agus ma gheibh sibh an fhreagairt, ‘chan eil Dòmhnall an là thair’, ’s dòcha gum bi am fear eile dìreach a’ ciallachadh nach eil Dòmhnall aig a’ choinneimh. Dh’fhaodadh e fhathast a bhith slà n fallain ann am badeigin eile!
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrà mair na seachdaine
Gnà ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.