11/04/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 197
Duration: 05:04
Litir 197: Àirdean na combaist
Halò, a chà irdean. Tha sibh eòlach gu leòr air sin, nach eil? A chà irdean. Dè chanadh sibh ri buidheann de dh’fhir no ri buidheann de bhoireannaich? Uill, ris na fir, chanadh sibh “halò, fhearaibh.” Ris na boireannaich, bhiodh sibh a’ cleachdadh an fhacail bean anns an tuiseal ghairmeach iolra, a’ cantainn “halò a mhnathan”. Ri balaich, chanadh sibh “a bhalachaibh” agus ri caileagan chanadh sibh “a chaileagan.” Tha na notaichean-grà mair an t-seachdain seo a’ mìneachadh mar a tha an tuiseal gairmeach iolra ag obair.
Ach gu cuspair eile. Bu mhath leam rudeigin aithris dhuibh an-drà sta agus, mus bi mi deiseil, chanainn gum bi fios agaibh dè th’ ann. Seo a-nis e: Tuath, Tuath ’s a bhith ’n Ear, Tuath ’s an Ear-thuath, an Ear-thuath ’s a bhith tuath, an Ear-thuath, an Ear-thuath ’s a bhith ’n Ear, an Ear ’s an Ear-thuath, an Ear ’s a bhith Tuath, an Ear.
Bidh sibh a’ tuigsinn Tuath agus an Ear – north agus east – agus bidh e soilleir dhuibh, saoilidh mi, gur e a th’ annta à irdean na combaist, eadar Tuath agus an Ear. Agus dh’fhaodadh sibh leantainn oirbh eadar an Ear, Deas, an Iar, is air ais gu Tuath. Chan fhaca mi à irdean na combaist ann an Gà idhlig ann an clò a-riamh, co-dhiù ann an leabhar a chaidh fhoillseachadh gu proifeasanta. Ach tha iad againn a-nise ann am faclair ùr Gà idhlig a nochd o chionn ghoirid – The Gaelic-English Dictionary, am Faclair Gà idhlig-Beurla, le Cailean Mark. Buinidh Cailean don Ear-thuath, ma dh’fhaodas mi à irde na combaist a chleachdadh, agus dh’ionnsaigh e a’ Ghà idhlig. Sgrìobh e leabhar anns na h-ochdadan mu ghnìomhairean Gà idhlig agus tha a’ chompanaidh Routledge a-nise air fhaclair mòr ùr snasail fhoillseachadh.
A bharrachd air na faclan fhèin tha earrannan anns an fhaclair a tha a’ mìneachadh puingean cudthromach grà mair, cunntadh is eile – agus à irdean na combaist. Seo an fheadhainn eadar Deas agus an Iar: Deas, Deas ’s a bhith ’n Iar, Deas ’s an Iar-dheas, an Iar-dheas ’s a bhith Deas, an Iar-dheas, an Iar-dheas ’s a bhith ’n Iar, an Iar ’s an Iar-dheas, an Iar ’s a bhith Deas, an Iar.
A bheil sibh air rudeigin a mhothachadh mu na h-à irdean ann an Gà idhlig? Seo an fheadhainn a laigheas eadar gach prìomh à irde, ann am Beurla an toiseach agus an uair sin ann an Gà idhlig: North-east, South-east, South-west, North-west; an Ear-thuath, an Earra-Dheas, an Iar-dheas, an Iar-thuath. Bidh sibh a’ mothachadh gu bheilear a’ toirt prìomhachas do Thuath agus Deas ann am Beurla, mar eisimpleir North-east an à ite East-north is South-west an à ite West-south. Ach ann an Gà idhlig canaidh sinn an Ear-thuath is an Iar-dheas an à ite Tuath-ear no Deas-iar.
Tha beachd aig Cailean Mark air a sin. Tha e a’ cumail a-mach gur e as coireach ri sin gu robh na h-à irdean ann an Gà idhlig co-cheangailte bho thùs ri adhradh na grèine, agus gu robh an à irde an ear fìor chudthromach oir ’s ann an sin a bhios a’ ghrian ag èirigh. Dhèilig mi ri seo ann an Litir o chionn fhada, nuair a mhìnich mi gu bheil an ear a’ ciallachadh air beulaibh a chionn ’s gum biodh daoine a’ coimhead a dh’ionnsaigh à irde èirigh na grèine. Tha an iar a’ ciallachadh air cùlaibh air an aon dòigh.
Agus ’s e sin as coireach gu bheil deas airson south co-ionann ri deas airson right, oir ma choimheadas tu a dh’ionnsaigh na h-à irde an ear, tha an à irde a deas air do là imh dheis. Co-dhiù, a chà irdean, sin uile a cheadaicheas an ùine dhomh an t-seachdain seo. Beannach leibh.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.