Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 203: Seòras Bochanan

Eadar Muileann Dhaidh agus Drumainn, tha Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd a’ dol seachad air baile ris an canar Cill Earrain. Rugadh Seòras Bochanan làimh ris an t-Slighe faisg air Cill Earrainn ann an còig-deug ’s a sia (1506), ann am baile fearainn ris an canar a’ Mhòinteach, no The Moss. Chan eil an taigh aige ann am bith a-nise, ged a tha tuathanas fhathast ann. Thathar a’ smaoineachadh gu robh Gàidhlig aig Seòras mar chiad chànan, ach ’s ann airson na rinn e ann an Laidinn a tha e ainmeil an-diugh. Gu dearbh, b’ esan fear de na prìomh sgoilearan Laidinn anns an Roinn Eòrpa aig an àm.

Ged a bha a phàrantan bochd, bha airgead aig bràthair a mhàthar, Seumas Heriot, agus chuir esan Seòras gu ruige Paris airson Laideann ionnsachadh. Chaochail Seumas, ge-tà, agus b’ fheudar do Sheòras tilleadh dhachaigh. Ach, an ceann greis, chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn, far an do dh’ionnsaich e feallsanachd bho Albannach cliùiteach eile, Iain Major. An uair sin, thill e don Fhraing, far an do dh’fhuirich e airson beagan bhliadhnaichean.

Ann an còig-deug, trithead ’s a sia (1536), thill Bochanan a dh’Alba agus fhuair e obair mar fhear-teagaisg do dh’fhear de na mic dhìolain aig Rìgh Seumas a Còig. Dh’iarr an Rìgh air aiste sgaiteach a sgrìobhadh mu na Franciscanaich. Rinn e sin, a’ cur sìos air suidheachadh moralta nam manach, ach chuir e fearg mhòr air àrd-urrachan na h-Eaglaise Caitligich. Thachair seo aig àm nuair a bha mòran a’ dol an aghaidh cumhachd is doigh-riaghlaidh na h-eaglaise.

Chaidh Bochanan a chur ann am Prìosan Chill Rìmhinn, airson saobh-chreidmheachd, leis a’ Chardanal Peutan. Ach rinn e dol-às tro uinneag. Theich e a Lunnainn far an robh e an dòchas gum biodh saorsa aige fo Eanraig a h-Ochd a bhith ag adhradh a rèir a chogais. Ach thog e droch bheachd air suidheachadh a’ chreideimh ann an rìoghachd Eanraig, agus ghluais e a Pharis. Agus cò bh’ ann am Paris roimhe, ag obair ann an ambasaid anns a’ bhaile sin, ach an Cardanal Peutan! Chum Bochanan air a shlighe gu deas - gu Bordeaux far an d’ fhuair e obair ann a bhith a’ teagasg Laidinn.

As dèidh bliadhnaichean san Fhraing agus san Eadailt, thill e a dh’Alba agus fhuair e obair mar fhear-teagaisg don Bhànrigh ùir, Màiri. Ghabh e gnothach mòr ris an eaglais ùir ath-leasaichte, agus bha e airson greis na Mhodaràtor, fear dhen fheadhainn, agus tha glè bheag dhiubh ann, a fhuair an dreuchd sin nach robh na mhinistear.

Aig an toiseach, bha Bochanan gu math taiceil don Bhànrigh, ach dh’atharraich a bheachd oirre as dèidh gun deach Darnley a mhurt, agus mòran dhen bharail gu robh làmh aig a’ Bhànrigh fhèin anns an eucoir. Ghabh Bochanan pàirt ann a bhith ag ullachadh na cùise-lagha an aghaidh Màiri. Chaidh an fhianais a chruinnich e fhèin is feadhainn eile a thoirt do Ealasaid, Bànrigh Shasainn, agus rinn ise co-dhùnadh Màiri a chur gu bàs aig a’ cheann thall.

Bha Bochanan an uair sin na fhear-teagaisg don Rìgh ùr Albannach, Seumas a Sia, agus chuir e seachad na bliadhnaichean mu dheireadh aige a’ sgrìobhadh. Am measg na sgrìobh e, bha eachdraidh de dh’Alba ann am fichead leabhar agus De Juri Regni apud Scotos, leabhar anns an do chuir e air adhart a bheachd-smuain gum bi rìghrean is bànrighrean a’ riaghladh a-mhàin le cead a’ mhòr-shluaigh agus airson math a’ mhòr-shluaigh.

Chaochail Seòras Bochanan ann an Dùn Eideann ann an còig-deug, ochdad ’s a dhà (1582). Agus thachair rudeigin inntinneach do bhodhaig as dèidh a bhàis. Innsidh mi dhuibh mu dheidhinn an ath-sheachdain.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: Muileann Dhaidh: Milngavie; Drumainn: Drymen; Slighe Taobh an Iar na Gaidhealtachd: The West Highland Way; Cill Earrain: Killearn; baile-fearainn: farm steading, settlement; tuathanas: farm; cliĂąiteach: renowned; saobh-chreidmheachd: heresy; dol-Ă s: escape; Eanraig a h-Ochd: Henry VIII; ath-leasaichte: reformed; ModarĂ tor: Moderator; Ealasaid: Elizabeth; a bheachd-smuain: his idea.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: ’s ann airson na rinn e ann an Laidinn a tha e ainmeil: it’s for what he did in Latin that he is famous; chuir esan Seòras gu ruige Paris airson Laideann ionnsachadh: he sent George to Paris to learn Latin; b’ fheudar do Sheòras tilleadh dhachaigh: George had to return home; fear de na mic dhìolain aig Rìgh Seumas a Còig: one of the illegitimate sons of King James V; dh’iarr X air aiste sgaiteach a sgrìobhadh mu na Franciscanaich: X asked him to write a satirical essay about the Franciscans; a’ cur sìos air suidheachadh moralta nam manach: criticizing the moral situation of the monks; àrd-urrachan na h-Eaglais Caitligich: the leaders of the Catholic Church; theich e a Lunnainn: he fled to London; a bhith ag adhradh a rèir a chogais: to worship according to his conscience; dh’atharraich a bheachd oirre: his opinion of her changed; gu robh làmh aig a’ Bhànrigh anns an eucoir: that the Queen participated in the crime; gum bi bànrighrean a’ riaghladh a-mhàin le cead a’ mhòr-shluaigh: that queens rule only with the permission of the populace; thachair rudeigin inntinneach do bhodhaig as dèidh a bhàis: something interesting happened to his body after his death.

Puing-ghrĂ mair na seachdaine

Puing-ghràmair na seachdaine: bha airgead aig bràthair a mhàthar: his mother’s brother (his uncle) had money. You will be familiar with the general rule that nouns become slenderised when they change from the nominative singular to the genitive singular case. This, of course, cannot be adhered to when the noun is already slender in the nominative, and other changes must take place to signify the genitivisation. In the case of nouns indicating family relationships which end in –air, the final vowel is actually broadened to –a. This brings about a broadening or thickening of the final “r”, in which the tongue meets the palate at the back of the teeth, rather than on the teeth as in –air. Here are the changes, with the nominative first and the genitive in brackets: athair (athar), màthair (mathar), bràthair (brathar), seanair (seanar), seanmhair (seanmhar). So “my father’s sister” is piuthar m’ athar, not piuthar m’ athair; my grandfather’s house is taigh mo sheanar, not taigh mo sheanair. If you have a Gaelic teacher, ask him or her to go through these with you.

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: Ach, an ceann greis, chaidh e a dh’Oilthigh Chill Rìmhinn: but, after a while, he went to St Andrews University. An ceann greis: after a period of time.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast