26/09/2003
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Litir 221: A chaoidh, gu brĂ th, agus riamh no riamh
Fhuair mi teachdaireachd tron phost-dealain an là eile bho fhear anns na Stà itean Aonaichte mu na dòighean a th’ againn ann an Gà idhlig airson never a rà dh. Bu mhath leam sin a dhèanamh mar chuspair na Litreach seo.
Ma tha sibh ag iarraidh faighinn a-mach mar a chanas sibh never, mholainn anns a’ chiad dol-a-mach gun coimhead sibh ann am faclair Beurla gu Gà idhlig no anns an leabhar a chaidh a dhèanamh le Sabhal Mòr Ostaig air a bheil “An Stòr-Dà ta Briathrachais Gà idhlig”. Tha trì rudan acasan fo “never”: a chaoidh, gu brà th, agus riamh no (a-)riamh.
Chan e sin deireadh na sgeòil, ge-tà . Tha còig dòighean eile ann airson “never” a rà dh a tha a’ tighinn gu m’ inntinn an-drà sta. Gu sìorraidh, tuilleadh, am feasd, gu suthainn agus uair sam bith. Sin ochd dòighean uile gu lèir agus chan à ichinn gu bheil barrachd na sin ann.
Bu mhath leam aon rud cudromach a rà dh mu dheidhinn riamh no a-riamh. Tha e an-còmhnaidh a’ seasamh airson rudeigin a thachair anns an ùine a chaidh seachad. Bidh an fheadhainn eile mar as trice a-mach air rudan a thachras anns an ùine a tha romhainn.
Faodaidh a-riamh a bhith a’ ciallachadh “ever” cuideachd. Mar eisimpleir, tha e cho math ’s a bha e a-riamh, “he’s as good as he ever was.” Ach le gnìomhair à icheil, tha e a’ ciallachadh “never”. Cha do dh’fheuch mi sin a-riamh. “I never tried that” no “I have never tried that.” Uaireannan, bidh daoine ag rà dh riamh-roimhe, “never before.” Cha robh mi an seo riamh-roimhe – “I was never here before now.”
Canaidh sinn a-chaoidh cuideachd airson “never”, le gnìomhair à icheil, agus a’ coimhead air adhart. Mar eisimpleir, cha till e a-chaoidh, “he will never return.”
Tha am facal brà th a’ ciallachadh “judgement” agus tha gu là a’ bhrà th a’ ciallachadh “until judgement day”. Tha sin air a ghiorrachadh gu gu brà th – “for ever”. Agus, mar as trice, canaidh daoine “gu brà ch” mar gu robh “ch” aig an deireadh, seach “th”. Alba gu Brà th! – “Scotland for Ever!” Ach, le gnìomhair à icheil, tha gu brà th a’ ciallachadh “never”. Cha till mi gu brà th, “I will never return”.
Tha gu sìorraidh brà th a’ ciallachadh “for ever and ever” ach, le gnìomhair à icheil, a-rithist, faodaidh gu sìorraidh seasamh airson “never”. Mar eisimpleir, cha nochd iad gu sìorraidh, “they will never appear”. Tha ciall car coltach air gu suthainn, ged nach cluinnear gu tric e. Cha till iad gu suthainn is gu sìorraidh, “they will never ever return”.
Tha am feasd a’ ciallachadh “for ever”, agus dh’fhaodadh tu rà dh cha tig e am feasd – “he will never come”. Agus tha tuilleadh a’ ciallachadh “more” no “any more”. A-rithist, le gnìomhair à icheil teachdail, tha e a’ ciallachadh “never”; cha till e tuilleadh, “he will never return”. Ach a’ coimhead air ais, tha e a’ ciallachadh “any more”, leithid cha tà inig i tuilleadh, “she didn’t come any more”.
Agus tha uair sam bith ann. Tha sin a’ ciallachadh “any time” ach dh’fhaodadh e bhith air eadar-theangachadh mar “never” cuideachd. Mar eisimpleir, chan òladh e deoch là idir uair sam bith – “he would never drink alcohol.”
Thog mo charaid anns na Stà itean ceist. Am bi am facal idir air a chleachdadh airson “never”? Uill, chanainn gu bheil idir a’ ciallachadh “at all”. Canaidh an duine aig a bheil toll na phòcaid, “Chan eil airgead agam idir”. Ach chan eil sin a’ ciallachadh nach bi airgead aige uaireigin. ’S e nas miosa dheth buileach am fear a chanas, “Cha bhi airgead agam gu brà th” oir bidh e bochd airson a’ chòrr de bheatha.
Faclan na seachdaine
Abairtean na seachdaine
Puing-ghrĂ mair na seachdaine
GnĂ ths-cainnt na seachdaine
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.