Main content
Sorry, this episode is not currently available

A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.

Clip

Litir 243: Iain StiĂąbhart Blackie

Chaidh comataidh a chur air chois ann an ochd ceud deug, seachdad ’s a còig (1875) leis an amas Ceilteis a stèidheachadh mar chuspair oilthigh ann an Dùn Eideann fo stiùir proifeasair. Am measg nam ball, bha Iain Stiùbhart Blackie, Proifeasair na Greugais aig an dearbh oilthigh. ’S e Blackie, barrachd na duine sam bith eile, a sheas a-mach gu poblach air a’ chùis.

Bha aca ri dusan mìle not a chruinneachadh agus, aig an toiseach, chaidh cùisean gu math leotha. Taobh a-staigh còig mìosan bha an treas cuid dhen airgead aca. Bha e a’ tighinn bho iomadh ceàrn – à sliochd nan Gaidheal thall thairis, às uaislean na Gaidhealtachd fhèin, à buidhnean culturach is oifisean is clubaichean thall ’s a-bhos.

Bhiodh an fheadhainn a bu bhochda a’ cur stampaichean-puist chun na comataidh oir cha robh airgead gu leòr aca airson barrachd. Ach bha cuid ann, daoine beartach, a thug ceud not dhaibh – airgead mòr sna làithean ud. Agus nuair a chuala a’ Bhànrigh mun ghnothach bho Dhiùc is Ban-diùc Earra-Ghaidheal, thug i fhèin dà cheud not seachad.

Bha Blackie cianail trang anns a’ Ghiblean is anns a’ Chèitean. Thug e òraidean mun t-suidheachadh ann am Birmingham is Lunnainn, thill e a Dhùn Eideann airson àrd-sheanaidhean nan eaglaisean Clèireach, agus chaidh e air ais a Shasainn an uair sin, airson tuilleadh òraidean ann an Lunnainn is Oxford.

Bha e airson ’s gum biodh a charaid Iain F. Caimbeul, no Iain Òg Ìle, mar a b’ aithne do na Gaidheil e, na thagraiche airson na cathrach, oir bha e ainmeil mar sgoilear Gàidhlig agus fear-cruinneachaidh beul-aithris. Cha robh Iain air a shon, ge-tà. Sgrìobh e gu Blackie, ag innse stòiridh dha a chruinnich e, anns an do thachair an gaisgeach ri fear a bhiodh a’ briseadh chlachan le bhith a’ suidh orra. ’S e Tònchruaidh a chainte ris agus, eadhon nuair a dh’fheuch droch rìgh ri cur às don ghaisgeach le cathair anns an robh bior iarainn, bha ar caraid sàbhailte oir bha e air Tònchruaidh fhastadh, agus shuidh esan anns a’ chathair roimhe. Bha Iain dhen bheachd gum biodh feum aig Proifeasair na Ceilteis air Tònchruaidh dha fhèin mus gabhadh e àite anns a’ chathair aige, leis na bhiodh aige de nàimhdean!

Bha Blackie a-nise ainmeil air feadh an t-saoghail ach bha cuid ann nach aithneachadh an diofar eadar e fhèin is am Proifeasair Blaikie à Colaiste na h-Eaglaise Saoire. Nuair a bha Blaikie anns na Stàitean Aonaichte thàinig mòran ga ionnsaigh airson taing mhòr a thoirt dha airson Cathair na Ceilteis a chur air chois ann an Dùn Eideann. B’ fheudar dha innse dhaibh nach b’ esan an duine!

Chaidh an stòras de dh’airgead a bhathar a’ cruinneachadh airson na cathrach a dhùnadh le còrr is ceithir mìle deug not ann, agus chaidh an dreuchd a stèidheachadh anns an Dùbhlachd, ochd ceud deug, ochdad ’s a dhà (1882). ’S e Dòmhnall MacFhiongain à Colasa a fhuair i. Anns an dearbh bhliadhna sin, leig Blackie dheth a dhreuchd mar Phroifeasair na Greugais.

Chaochail Blackie ann an ochd ceud deug, naochad ’s a còig (1895) agus bha seirbheis-tiodhlacaidh aige ann an Àrd-eaglais Ghill (no St. Giles Cathedral). B’ e a’ chiad duine a chuir teachdaireachd-bhròin ga ionnsaigh am Prìomhaire, am Morair Rosebery. Chuir esan blàth-fhleasg, a fhuair prìomh àite air a’ chiste-laighe nuair a bha i air an rathad eadar an eaglais agus an cladh. Rinn na mìltean mòra caoidh air, agus thug iad urram do chuimhne air an rathad a Chladh Dean. Bha làn-fhios aca nach fhaiceadh Alba a leithid tuilleadh.

Faclan na seachdaine

Faclan na seachdaine: sliochd: descendants; uaislean: gentry; stampaichean-puist: postage stamps; Ban-diùc Earra-Ghaidheal: Duchess of Argyll; Iain Òg Ìle: John Francis Campbell; nàimhdean: enemies; Colaiste na h-Eaglaise Saoire: The Free Church College; Colasa: Colonsay; teachdaireachd-bhròin: message of condolence; blàth-fhleasg: wreath; ciste-laighe: coffin; bad fraoich: bunch of heather; Cladh Dean: Dean Cemetery.

Abairtean na seachdaine

Abairtean na seachdaine: chaidh comataidh a chur air chois: a committee was set up; bha aca ri dusan mìle not a chruinneachadh: they had to collect £12,000; taobh a-staigh còig mìosan: within 5 months; bho iomadh ceàrn: from many quarters, regions; thall ’s a-bhos: here and there; airson àrd-sheanaidhean nan eaglaisean Clèireach: for the assemblies of the Presbyterian churches; mar a b’ aithne do na Gaidheil e: as the Gaels knew him; cha robh Iain air a shon: John didn’t want it [he wasn’t for it]; le cathair anns an robh bior iarainn: with a chair in which was an iron spike; bha e air Tònchruaidh fhastadh: he had employed Hardbum (if you’ll permit the inelegant translation of the name); nach aithneachadh an diofar eadar X is Y: who couldn’t recognise the difference between X and Y; b’ fheudar dha innse dhaibh nach b’ esan an duine: he had to tell them he wasn’t the man; chaidh an stòras a dhùnadh: the collection [of money] was closed; rinn na mìltean mòra caoidh air: many mourned him; thug iad urram do chuimhne: they honoured his memory; bha làn-fhios aca nach fhaiceadh Alba a leithid tuilleadh: they fully knew that Scotland would not see his like again.

Puing-ghrĂ mair na seachdaine

Puing-ghràmair na seachdaine: anns an do thachair an gaisgeach ri fear a bhiodh a’ briseadh chlachan le bhith a’ suidh orra: in which the hero met with a man who would break stones by sitting on them. You do understand, I hope, that clachan here means “stones” and does not have an alternative meaning which might bring tears to a man’s eyes! Grammatically, I want to look at its lenition. It is here in the genitive (plural) case following the verbal noun a’ briseadh. A genitive plural like this, without the article, is lenited eg chàraichean (of cars), dhorsan (of doors), mhìosan (of months). This lenition with the verbal noun is not universal – some people would ignore it, particularly where there is no article, using the nominative plural form (a’ briseadh clachan), but it is still very common and is grammatically correct.

GnĂ ths-cainnt na seachdaine

Gnàths-cainnt na seachdaine: airgead mòr sna làithean ud: a lot of money in those days. Anns na làithean ud: in those (distant) days.

Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic

Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)

All letters

Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here

Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh

Letter To Gaelic Learners

Podcast