
27/01/2006
A letter for Gaelic learners with Roddy MacLean.
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 343
Duration: 05:22
Litir 343: Dòmhnall Òg MacFhearchair
An t-seachdain sa chaidh, bha sinn anns an Tulaich ann an Siorrachd Obair Dheathain. Faisg air a’ bhaile sin tha à ite ris an canar Mòine Ailtridh. Anns an t-seachdamh linn deug, bha duine a’ fuireach ann a bha ainmeil. B’ esan Dòmhnall Òg MacFhearchair. Bha e ainmeil airson a bhith sgileil leis a’ chlaidheamh.
Ann an sia ceud deug is ceathrad (1640), chaidh Dòmhnall a Lunnainn. A rèir beul-aithris, choisinn e cliù a bharrachd dha fhèin ann an Lunnainn, far an robh mòran a’ bruidhinn mu dheidhinn Eadailteach anns a’ bhaile. Bha am fear sin sgileil leis a’ chlaidheamh. Bha e a’ cumail a-mach gum b’ esan an claidheamhair a b’ fheà rr air an t-saoghal.
Cha robh muinntir Lunnainn measail idir air an Eadailteach. Bha e cus ro à rdanach. Bhiodh e a’ spaidsearachd air na srà idean còmhla ri luchd-taic. Bhiodh drumair a’ coiseachd air thoiseach air. Chuireadh an drumair dùbhlan ro dhuine sam bith a bha timcheall – thig is feuch do chlaidheamh an aghaidh mo mhaighstir! Leis gu robh e cho à rdanach bha grà in eadhon aig an rìgh air an Eadailteach a bha seo. Ged a bha mòran airson sabaid na aghaidh, bha an t-eagal orra roimhe. Bha iad dhen bheachd gu robh draoidheachd aige, agus nach b’ urrainn do dhuine sam bith a’ chùis a dhèanamh air.
Là a bha seo, bha an rìgh a’ gearain mu dheidhinn. Thog cuideigin ainm an Albannaich, Dòmhnall Òg MacFhearchair à Mòine Ailtridh. Saoil an dèanadh esan a’ chùis air an Eadailteach, oir bha e cho sgileil leis a’ chlaidheamh? Fhuair an rìgh fios gu robh Dòmhnall ann an Lunnainn. Dh’iarr e air Dòmhnall a dhol a thadhal air. Air an rathad don lùchairt, thachair Dòmhnall air an Eadailteach agus a luchd-leantainn. Bha an drumair a’ cur dùbhlan ron t-sluagh – thig is feuch do chlaidheamh an aghaidh mo mhaighstir!
Chuir sin fearg air Dòmhnall. Tharraing e a chlaidheamh agus mharbh e an drumair. Chuir an t-Eadailteach dùbhlan ro Dhòmhnall. Chuir iad air dòigh gum biodh iad a’ sabaid air an là rna-mhà ireach. Nuair a dh’innis Dòmhnall seo don rìgh, bha an rìgh air leth toilichte. Gheall e duais don Albannach nan dèanadh e a’ chùis air an Eadailteach.
Air an oidhche sin, lorg Dòmhnall fear-frithealaidh an Eadailtich. Fhuair e a-mach bhuaithe gu robh an draoidheachd aig a mhaighstir ag obair mar a leanas: nuair a shà thadh duine le claidheamh e, cho luath ’s a bha an claidheamh air a tharraing a-mach às a’ bhodhaig aige, thigeadh leigheas air an lot. ’S ann mar sin a bha an t-Eadailteach a’ dèanamh a’ chùis air a h-uile duine.
Thà inig an là rna-mhà ireach agus thà inig a’ chòmhrag eadar an dithis. Shà th Dòmhnall Òg an t-Eadailteach le chlaidheamh. “Tarraing do chlaidheamh a-mach!” dh’èigh an t-Eadailteach air. Ach bha cuimhne aig Dòmhnall air na thuirt am fear-frithealaidh. Dh’fhà g e an claidheamh ann, agus thuit an t-Eadailteach marbh.
Thug an rìgh poca òir do Dhòmhnall mar dhuais. Nuair a chuala an sluagh mu dheidhinn, ge-tà , bha iad mì-thoilichte. “Seall air an dìol-dhèirce Albannach a’ cur òr Sasannach na phòcaid,” dh’èigh iad. Chuir sin fearg air Dòmhnall. Thilg e na buinn don fheadhainn a bha ag èigheachd air, leis na faclan, “cha do choisinn na coin Sasannach an t-òr dhaibh fhèin, ach bhuannaich Albannach air an son e.”
Thill Dòmhnall a dh’Alba. Bha cogadh a’ dol eadar Muinntir a’ Chùmhnaint agus luchd-taic an rìgh. Dhìon Dòmhnall agus Clann ’ic Fhearchair baile Obair Dheathain an aghaidh feachd de luchd a’ Chùmhnaint. Ach fhuair saighdearan Cùmhnantach grèim air Dòmhnall agus mharbh iad e. Thathar ag rà dh gun deach a thiodhlacadh ann an Obar Dheathain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Puing-chĂ nain na Litreach
GnĂ ths-cainnt na Litreach
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.